Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eòin 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


I. CHAIBIDEAL. Tha e g-innse ciod a chunnaic agus a chual e mu Chriosta (ʼs gur e a bheatha shiorruidh), gu co-chomunn a bhith againn ri Dia as a leth-san, agus a h-uile mathas; ach air chumhnanta gun aidich sinn ar peacannan.

1 An ni bhʼ ann bho thoiseach, a chuala sinn, a chunnaic sinn le ʼr suilean, air an dʼ amhairc sinn, ʼsa laimhsich ar lamhan mu fhacal na beatha:

2 Oir dhʼ fhoillsicheadh a bheatha, us chunnaic sinn, us tha sinn a togail fianuis, ʼsa g-innse dhuibh na beatha siorruidh, a bha maille ris an Athair, ʼsa nochdadh dhuinne:

3 Na chunnaic agus na chuala sinn tha sinn a g-innse dhuibh, gu co-chomunn a bhith agaibh ruinne, us gus am bi ar co-chomunne ris an Athair, us ri Mhac Iosa Criosta.

4 Agus tha sinn a sgriobhadh nan nichean so gu ʼr n-ionnsuidh, gu sòlas a bhith agaibh, ʼs gum bi ur sòlas lan.

5 Agus se so an teachdaireachd a chuala sinn bhuaithe, ʼsa tha sinn a g-innse dhuibhse: Gur solus Dia, agus nach eil dorchadas sa bith ann.

6 Ma their sinn gum beil co-chomunn againn ris, us sinn a g-imeachd an dorchadas, tha sinn briagach, ʼs cha n-eil sinn a dianamh na firinne.

7 Ach ma tha sinn a g-imeachd san t-solus, mar a tha esan san t-solus, tha co-chomunn againn ri cheile, us glanaidh fuil Iosa Criosta, a Mhac-san, sinn bho ʼn h-uile peacadh.

8 Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn ga ʼr mealladh fhein, ʼs cha n-eil an fhirinn unnainn.

9 Ma dhʼ aidicheas sinn ar peacannan, tha esan dileas us ceart gus ar peacannan a mhathadh dhuinn, agus ar glanadh bho ʼn h-uile eucoir.

10 Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn ga dhianamh-san briagach, ʼs cha n-eil fhacal unnainn.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan