1 Corintianach 8 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VIII. CAIB. Ged is neoni iodholan, an deigh sin uile, cha n-fhaodar nichean a chaidh thairgse dhaibh iche, air eagal sgainneil. 1 A nis a thaobh nan nichean a thathas a g-iobradh do iodholan, tha fios againn gum beil eolas againn uile. Seididh faghlum suas; ach bheir a charrantachd deagh shamhla. 2 Ach ma tha neach air bith am barail gur aithne dha ni sa bith, cha dʼ aithnich e fhathast mar bu chòir dha aithneachadh. 3 Agus ma tha gaol aig duine air bith air Dia, tha esan air aithneachadh leis. 4 Ach a thaobh bhiadhan a thathas a g-iobradh do iodholan, tha fios againn gur neoni iodhol anns an t-saoghal, ʼs nach eil Dia ann ach a h-aon. 5 Oir ged a tha iad ann ris an abrar diathan, air neamh no air talamh (oir tha ioma dia, us ioma tighearn ann): 6 Ach dhuinne cha n-eil ann ach aon Dia, an t-Athair, bho bheil a h-uile ni, agus sinne ann; agus aon Tighearna Iosa Criosta, bho bheil a h-uile ni, agus sinne troimh-san. 7 Ach cha n-eil eolas aig a h-uile h-aon. Oir gu so fhein tha cuid le fiosrachadh air an iodhol a g-ithe na chaidh iobradh do iodhol; ʼs tha an cogais, bhon a tha i lag, air a truailleadh. 8 Ach cha n-eil biadh ga ʼr dianamh taitneach do Dhia. Oir ged a dhʼitheas sinn, cha bhi sinn nas pailte; cha mhua, ged nach ith, a bhitheas sinn nas gainne. 9 Ach gabhaibh toighe, air eagal theagamh gum bi ur cead so ʼna cheap-tuislidh dhaibh-san, a tha lag. 10 Oir ma chi fear esan aig a bheil eolas ʼna shuidhe aig bord an teampull iodhoil, nach gabh a chogais, ʼs e lag, danadas gu icheadh nichean a dhʼiobradh do iodholan? 11 Agus an teid le dʼ eolas-sa brathair lag a dhith air son an dʼ fhuilig Criosta am bàs? 12 Agus mar so le peacachadh an aghaidh nam braithrean, agus le an cogais lag a lotadh, tha sibh a peacachadh an aghaidh Chriosta. 13 Uime sin ma tha biadh a toirt sgainneil dha mʼ bhrathair, cha n-ith mi feoil am feasd, air eagal gun toir mi sgainneal dha mʼ bhrathair. |