Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VII. CAIB. Leasanan mu staid a phosaidh ʼs mu mhaighdeanas. Tha barrachd aig maighdeanas air an staid phosda.

1 A nis a thaobh nan nichean mu ʼn do sgriobh sibh h-ugam: Is math do dhuine gun bheantuinn do bhoirionnach:

2 Ach eagal striopachais biodh a bhean fhein aig a h-uile fear, agus biodh a fear fhein aig a h-uile té.

3 Thugadh am fear dha mhnaoi a dlighe; ʼs mar an ciadna a bhean dha fear.

4 Cha n-eil cumhachd aig a mhnaoi air a coluinn fhein, ach aig an fhear. Agus mar an ciadna cha n-eil cumhachd aig an fhear air a choluinn fhein, ach aig a mhnaoi.

5 Na diultaibh a cheile, mur h-ann le aonta a cheile car seal theagamh, los sibh fhein a thoirt do dhʼurnaigh; us tillibh a rithist ri cheile, air eagal satan ur buaireadh a thaobh ur mi-gheamnachd.

6 Ach tha mi cantuinn so mar ni ceadaichte, ʼs cha n-ann mar fhainte.

7 Oir bʼ aill leam sibhse uile a bhith mar tha mi fhein: ach tha a ghibht fhein aig gach duine bho Dhia: fear gu dearbh mar so, agus fear mar sin.

8 Ach tha mi g-radh riu-san nach eil posda ʼs ri bantraichean: gur math dhaibh ma dhʼ fhanas iad mar sin, amhuil mar a tha mise.

9 Ach mur cum iad iad fhein geamnaidh, posadh iad. Oir is fhearr posadh, na losgadh.

10 Ach a thaobh na feadhnach a tha posda, tha an Tighearna, cha mhise, a g-àithneadh gun a bhean a dhealachadh ri fear:

11 Agus ma dhealaicheas i, fuiricheadh i gun phosadh, no cordadh i ri ʼfear. Agus na cuireadh am fear air falbh a bhean.

12 Ach a thaobh chàich, tha mise g-radh, cha n-e an Tighearna. Ma tha aig brathair air bith bean nach eil a creidsinn, ʼs i g-aontachadh tamh maille ris, na cuireadh e air falbh i.

13 ʼS ma tha aig mnaoi sa bith fear nach eil a creidsinn, ʼs gun aontaich e tamh maille rithe, na cuireadh i air falbh a fear:

14 Oir tha am fear neo-chreideach air a naomhachadh leis a mhnaoi chreidich, ʼs tha a bhean neo-chreideach air a naomhachadh leis an fhear chreideach: air-neo bhiodh ur clann neoghlan, ach a nis tha iad naomh.

15 Ach ma dhʼ fhalbhas an neo-chreideach, falbhadh e: oir cha n-eil brathair no piuthar ri bhith fo sglamhachd sna càsan so: oir ghairm Dia sinn gu sith.

16 Oir ciamar tha fios agadsa, a bhean, gun sabhail thu dʼ fhear? No, a dhuine, ciamar tha fios agadsa gun sabhail thu do bhean?

17 Ach mar a roinn an Tighearna air gach neach, mar a ghairm Dia gach neach, a reir sin imicheadh e: ʼs mar sin tha mise teagasg anns na h-eaglaisean uile.

18 Na ghairmeadh neach sa bith, ʼs e timchioll-ghearrte? na coisneadh e a bhith neo-thimchioll-ghearrte. Na ghairmeadh neach sa bith, ʼs e neo-thimchioll-ghearrte? na biodh e air a thimchioll-ghearradh.

19 Oir is neoni an timchioll-ghearradh, agus is neoni an neo-thimchioll-ghearradh; ach cumail faintean Dhe.

20 Fanadh gach duine anns a ghairm sin anns an do ghairmeadh e.

21 An do ghairmeadh thu na dʼ thraill? na gabh suim dhe sin: ach ma ʼs urrainn dhut a bhith saor, gum bʼ e do raghainn e.

22 Oir esan a ghairmeadh leis an Tighearna, ʼs e ʼna thraill, is saoranach an Tighearna e: mar an ciadna neach a ghairmeadh, ʼs e saor, se fear-muinntir Chriosta e.

23 Cheannaicheadh le pris sibh, na bithibh ʼnur traillean aig daoine.

24 A bhraithrean, fanadh a h-uile duine ann an Dia san staid anns na ghairmeadh e.

25 A thaobh oighean cha n-eil fainte sa bith agam bho ʼn Tighearna: ach tha mi toirt comhairle seachad, mar dhuine a fhuair trocair bho ʼn Tighearna gu bhith firinneach.

26 Tha mi saoilsinn ma ta gum beil so math air son feumalachd na h-uarach, gur math do dhuine a bhith mar so.

27 Am beil thu ceangailte ri mnaoi? Na sir fuasgladh. Am beil thu fuasgailte bho mhnaoi? Na iarr bean.

28 Ach ma ghabhas tu bean, cha pheacadh dhut e. Us ma phosas oigh, cha do pheacaich i: a dhʼ aindeoin sin bithidh trioblaid na feola aig an leithidean so. Ach tha mise gu ʼr caomhnadh.

29 Tha mi g-radh so ma ta, a bhraithrean. Tha an uine goirid: se leanas bho so, biodh iadsan cuideachd aig am beil mnathan, mar nach biodh iad aca:

30 Us iadsan a tha gal, mar nach biodh iad a gal; us iadsan a tha aighearach, mar nach biodh iad aighearach; agus iadsan a tha ceannach, mar nach biodh iad a sealbhachadh ni;

31 Us iadsan a tha mealtuinn an t-saoghail so, mar nach biodh iad ga mhealtuinn: oir theid dealbh an t-saoghail so seachad.

32 Ach is aill leam sibh a bhith gun iomaguin. Esan a tha gun mhnaoi, tha e curamach mu nichean an Tighearna, fiach an toilich e Dia.

33 Ach esan aig a bheil bean, tha e iomaguineach mu nichean an t-saoghail, fiach an toilich e a bhean, ʼs tha e air a roinn.

34 ʼS tha am boirionnach nach eil posda, agus an oigh, a smaoineachadh air nichean an Tighearna, gus i bhith naomh an coluinn ʼs an spiorad. Ach tha ise, a tha posda, a smaoineachadh air nichean an t-saoghail, fiach an toilich i a fear.

35 Agus tha mi g-radh so gu buannachd dhuibhse: cha n-ann gus ur cur an ribe, ach air son an ni a tha dealbhach, ʼsa bheir cothrom dhuibh air freasdal do ʼn Tighearna gun obadh.

36 Ach ma tha duine air bith a saoilsinn gu bheil e ʼna mhasladh dha a thaobh ʼoighe, gu bheil i thar aois, ʼs gum feum a chuis a bhith mar sin; dianadh e a thoil fhein; cha pheacadh dha, ma phosas i.

37 Ach esan a chuir roimhe gu daingeann ʼna chridhe, gun eiginn sa bith air, ach e ʼna mhaighistir air a thoil fhein, ʼsa shuidhich so ʼna chridhe fhein a mhaighdean a ghleidheadh, tha e dianamh gu math.

38 Mar sin am fear a tha toirt seachad a mhaighdein gu posadh, tha e dianamh gu math; ʼs am fear cuideachd nach eil ga toirt seachad, tha e dianamh nas fhearr.

39 Tha boirionnach ceangailte leis an lagh fhad ʼsa tha a fear beo: ach ma gheobh a fear bàs, tha i fuasgailte; posadh i co is aill leatha: ach anns an Tighearna a mhain.

40 Ach bithidh i nas beannaichte ma dhʼfhuiricheas i mar a tha i, a reir mo chomhairle-sa: agus tha mi am beachd gum beil Spiorad Dhe agam.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan