1 Corintianach 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VI. CAIB. Tha e faighinn coire dhaibh air son dol gu lagh air bialaobh nam mi-chreideach: na peacannan a tha cumail a mach á flathanas: cho olc ʼsa tha striopachas. 1 Am beil a dhanadas aig duine agaibh, aig a bheil cuis lagha an aghaidh duine eile, dol fo bhreth air bialaobh nan daoine eucorach, ʼs cha n-ann air bialaobh nan naomh? 2 Am beil sibh an aineolas gun toir na naoimh breth air an t-saoghal so? Agus ma bheirear breth air an t-saoghal leibhse, nach airidh sibh air breth a thoirt air na cuisean is neonaiche? 3 Nach eil fhios agaibh gun toir sinn breth air ainglean? Nach mua na sin air nichean saoghalta? 4 Air an aobhar sin ma tha cuisean agaibh mu nichean saoghalta, cuiribh an fheadhainn is suaraiche san eaglais ʼnam britheamhan orra. 5 ʼSann gu ʼr nàire a tha mi g-radh so. An e nach eil duine glic air bith ʼnur measg, a ʼs urrainn breth a thoirt eadar a bhraithrean? 6 Ach tha brathair a dol gu lagh ri brathair; agus sin air bialaobh nam mi-chreideach? 7 A nis gu cinnteach tha coire ʼnur measg, nuair tha cuisean lagha agaibh ri cheile. Car-son nach docha leibh eucoir a ghiulan? Car-son nach docha leibh call fhulang? 8 Ach tha sibh a dianamh croin us mealltaireachd; agus sin air braithrean. 9 Am beil sibh an aineolas nach sealbhaich eucoraich rioghachd Dhe? Na rachaibh iomrall: cha shealbhaich luchd-striopachais, no luchd-iodhol-aoraidh, no luchd-adhaltrais, 10 No luchd-druis, no daoine, a tha ri neo-ghloine mhi-nadurra, no meirlich, no daoine sanntach, no misgearan, no luchd-cainidh, no luchd-foimeirt, rioghachd Dhe. 11 ʼS bha cuid dhibhse mar sin: ach tha sibh air ur nighe, ach tha sibh air ur naomhachadh, ach tha sibh air ur dianamh ionraic an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, agus ann an Spiorad ar De-ne. 12 Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha n-eil a h-uile ni iomchuidh. Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mise fo chumhachd duine air bith. 13 Biadh air son na bronn, ʼsa bhru air son a bhìdh: ach sgriosaidh Dia i sin agus e so; ach cha n-ann air son striopachais a tha choluinn, ach air son an Tighearna, agus an Tighearna air son na coluinne. 14 A nis thog Dia suas an Tighearna, us togaidh e sinne suas cuideachd le chumhachd. 15 Nach eil fhios agaibh gur iad ur cuirp buill Chriosta? An gabh mi ma ta buill Chriosta, ʼs an dian mi buill striopaich dhiu? Na leigeadh Dia. 16 Nach eil fhios agaibh, gum beil esan, a tha ceangailte ri striopaich, ʼna aon chorp rithe? Oir bithidh iad (os esan) ʼnan dithis ann an aon fheoil. 17 Ach esan a tha ceangailte ris an Tighearna, is aon spiorad ris e. 18 Teichibh bho striopachas. Tha h-uile peacadh eile a ni duine air taobh-mach na, coluinne; ach am fear a ni striopachas, tha e peacachadh an aghaidh a choluinne fhein. 19 Am beil sibh an aineolas gur iad ur buill teampull an Spioraid Naoimh, a tha unnaibh, a tha agaibh bho Dhia, ʼs cha leibh fhein sibh? 20 Oir cheannaicheadh sibh le prìs mhoir. Gloraichibh, us giulainibh Dia ʼnur coluinn. |