1 Corintianach 5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875V. CAIB. Tha e cur an collaich fo ascaoin-eaglais; ʼsa g-iarraidh orra an t-seann thaois-ghoirt a chur air chul. 1 Chualas gu dearbh gum beil striopachas ʼnur measg, agus striopachas nach eil a leithid am measg nam paganach fhein, gum biodh aig duine bean ʼathar. 2 Us tha sibhse air ur seideadh suas; ʼs cha bʼ e bròn a ghabh sibh, los gun tugteadh am fear a rinn an gniomh so a mach as ur measg. 3 Gu deimhinn, ged tha mise as an lathair an coluinn, ach anns an lathair san spiorad, thug mi cheana binn mar san lathair air an fhear, a rinn a leithid, 4 An ainm an Tighearna Iosa Criosta, air dhuibhse agus mo spiorad-sa a bhith comhla maille ri cumhachd ar Tighearna Iosa, 5 A leithid so de dhuine a liubhairt do shatan gu sgrios na feola, gus an spiorad a bhith sabhailte ann an latha ar Tighearna Iosa Criosta. 6 Cha n-eil ur n-uaill math. Nach fhiosrach sibhgun goirtich beagan de thaois-ghoirt am meall uile? 7 Glanaibh air falbh an t-seann thaois-ghoirt, gus sibh a bhith ʼnur n-iob ùr, ʼs gum beil sibh neo-ghoirtichte. Oir tha Criosta ar càisg air iobradh. 8 Uime sin dianamaid cuilm, cha n-ann leis an t-seann thaois-ghoirt, no le taois-ghoirt a mhi-ruin ʼs an uilc, ach le aran neo-ghoirtichte na treibhdhireachd ʼs na firinn. 9 Sgriobh mi gu ʼr n-ionnsuidh ann an litir: gun sibh a chumail cuideachda ri luchd-striopachais: 10 Cha n-iad gu dearbh luchd-striopachais an t-saoghail so, no a luchd-sannta, no a luchd-foirneart, no a luchd-iodhol-aoraidh: air neo dhʼ fheumadh sibh dol as an t-saoghal so. 11 Ach a nis sgriobh mi gu ʼr n-ionnsuidh: gun sibh a chumail cuideachda ri fear air bith, a tha fo ainm brathar, ma se ʼs gur fear-striopachais e, no fear sanntach, no fear iodhal-aoraidh, no fear-cainidh, no misgear, no foireigniche, cuide ri fear dhe ʼn t-seorsa na dianaibh urad us iche. 12 Oir ciod mo ghnothach-sa ris an fheadhainn a tha mach, breth a thoirt orra? Nach ann air an fheadhainn, a tha stigh, a tha sibhse a toirt breth? 13 Oir air an fheadhainn, a tha mach, bheir Dia breth. Thugaibh an droch fhear air falbh as ur measg fhein. |