1 Corintianach 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875III. CAIB. Cha n-fhaod iad a bhith consachadh mu ʼn luchd-teagaisg, ʼs gur seirbhisich Dhe iad, aig a bheil cunntas ri thoirt da: fiachar an gniomhran le teine. 1 Agus, a bhraithrean, cha bʼ urrainn domhsa labhairt ribh mar ri daoine spioradail, ach mar ri daoine feolmhor. Mar ri leanabanan ann an Criosta, 2 Thug mi bainne dhuibh ri ol, cha n-e biadh: oir cha robh sibh fhathast comasach air: ʼs cha mhua tha sibh comasach air a nis fhein: oir tha sibh fhathast feolmhor. 3 Oir nuair tha farmad agus consachadh ʼnur measg, nach ann feolmhor a tha sibh, ʼs gu ʼr giulan fhein a reir gnath dhaoine? 4 Oir nuair tha fear a g-radh: Gu dearbh is le Pol mise: us fear eile: Is le Apollo mise, nach daoine sibh? Ciod is e ma ta Apollo? Agus ciod Pol? 5 Seirbhisich dhasan anns na chreid sibh, ʼs mar thug an Tighearna do gach aon. 6 Shuidhich mise, dhʼuisgich Apollo; ach se Dia a thug an cinneachadh. 7 Le sin cha ni air bith esan a shuidhicheas, no esan a dhʼ uisgicheas, ach Dia, a tha toirt a chinneachduinn. 8 A nis is aon esan a shuidhicheas, agus esan a dhʼ uisgicheas. ʼS gheobh gach aon a dhuais fhein a reir oibre fhein. 9 Oir is sinne luchd-cuideachaidh Dhe: is sibhse treabhachas Dhe, is sibh aitreabh Dhe. 10 A reir grasan Dhe, a thugadh dhomh, shuidhich mise mar ard-chlachair glic an steidh: ʼs tha fear eile a togail oirre. Ach thugadh a h-uile fear an aire ciamar a thogas e oirre. 11 Oir steidh eile cha n-urrainn do dhuine air bith a shuidheachadh, ach an steidh a thʼ air a suidheachadh, si sin Iosa Criosta. 12 A nis ma thogas duine air bith air an steidh so òr, airgiod, clachan-priseil, fiodh, fiar, connlach, 13 Nithear follaiseach obair gach duine: oir innsidh latha an Tighearna i: a chionn gun nochdar ann an teine i; us fiachaidh an teine obair gach duine ciod a thʼ innte. 14 Ma sheasas an obair a thog duine air bith, gheobh e duais. 15 Ma loisgeas obair duine air bith, fuiligidh e call: ach sabhailear e fhein: ach mar gum bʼ ann le teine. 16 Nach eil fhios agaibh gur sibh teampull De, ʼs gum beil Spiorad De a tamh unnaibh? 17 Ach ma thruailleas duine air bith teampull De, sgriosaidh Dia e. Oir tha teampull De naomh, agus is sibhse e. 18 Na mealladh duine air bith e fhein: ma tha duine air bith ʼnur measg a gabhail air fhein a bhith glic san t-saoghal so, fàsadh e gorach, gus e chinntinn glic. 19 Oir tha gliocas an t-saoghail so ʼna ghoraiche aig Dia. Oir tha e sgriobhte: Glacaidh mi na daoine glice ʼnan seoltachd fhein, 20 ʼSa rithist: Is aithne do Dhia smaointean nan daoine glice, gum beil iad faoin. 21 Uime sin na gabhadh neach air bith uaill á daoine. 22 Oir is leibhse a h-uile ni, co-dhiu se Pol, no Apollo, no Cephas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nichean a lathair, no nichean ri tighinn: oir is leibhse a h-uile ni: 23 Ach is le Criosta sibhse: agus le Dia Criosta. |