1 Corintianach 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875II. CAIB. Cha robh a shearmonachadh ann am fileantachd bhriathran, ach ann an spiorad ʼs an cumhachd: agus cha robh an gliocas a bha e teagasg ri thuigsinn leis an duine ghlic a reir an t-saoghail, no leis an duine fheolmhor, ach leis an duine spioradail a mhain. 1 Agus mise, a bhraithrean, nuair thainig mi gu ʼr n-ionnsuidh, cha bʼ ann an doimhneachd cainnte agus gliocais a thainig mi, a cur air shuilean dhuibh teisteanas Chriosta. 2 Oir cha do ghabh mi orm ni a thuigsinn ʼnur measg ach Iosa Criosta, us esan air a cheusadh. 3 Agus bha mi ʼnur measg ann an laigse, ʼs an eagal, ʼs am mor bhall-chrith; 4 Agus cha robh mo sheanachas no mo shearmonachadh ann am briathran druighteach gliocas dhaoine, ach ann am foillseachadh spioraid agus cumhachd: 5 Gus nach biodh ur creideamh ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhe. 6 Ach tha sinn a labhairt gliocais am measg dhaoine coimhlion: ach cha n-e gliocas an t-saoghail so, no prionnsachan an t-saoghail so, a chaidh gu neoni: 7 Ach tha sinn a labhairt gliocas Dhe ann am mistire, a tha am falach, a shonraich Dia roimh na linntean gu gloir dhuinne, 8 Nach bʼ aithne do h-aon de phrionnsachan an t-saoghail so: oir nam biodh aithne air bith aca air, cha bhiodh iad a chaoidh air ceusadh Tighearna na gloire. 9 Ach mar tha e sgriobhte: Cha n-fhaca suil, cha chuala cluas, cha mhua chinn e an cridhe duine, na nichean a dhʼ uidheamaich Dia dhaibh-san, a tha toirt gaoil dha. 10 Ach dhʼ fhoillsich Dia dhuinn iad le a Spiorad fhein: oir tha an Spiorad a rannsachadh a h-uile ni, seadh nichean domhain Dhe. 11 Oir co measg dhaoine dha ʼn aithne nichean an duine, ach spiorad an duine a thʼ ann fhein? Air an t-seol chiadna cha n-aithne do dhuine sa bith, ach do Spiorad Dhe, nichean De. 12 A nis fhuair sinne cha n-e spiorad an t-saoghail so, ach an Spiorad a tha bho Dhia, los gun aithnich sinn na nichean, a bhuilich Dia gu saor oirnn; 13 Nichean cuideachd a tha sinn a labhairt, cha n-ann am briathran faghluimte gliocas dhaoine, ach ann an teagasg an Spioraid, a samhlachadh nichean spioradail ri nichean spioradail. 14 Ach cha mhuthaich an duine feolmhor nichean Spiorad Dhe: oir is goraiche iad ʼna shuilean, ʼs cha n-urrainn dha an tuigsinn: a chionn ʼsann air mhodh spioradail a tha iad ri ʼm fiachuinn. 15 Ach bheir an duine spioradail breth air a h-uile ni; ʼs cha toirear breth air fhein le duine air bith. 16 Oir co dha ʼm bʼ aithne beachd an Tighearna, gus a sheoladh? Ach tha beachd Chriosta againn. |