1 Corintianach 16 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XVI. CAIB. Mu thional deirce: comhairlean agus beannachdan. 1 A nis a thaobh an tionail a thathas a dianamh air son nan naomh, dianaibhse cuideachd a reir ʼs mar dhʼ orduich mi do eaglaisean Ghalatia. 2 Air a chiad latha de ʼn t-seachduin, cuireadh a h-uile h-aon agaibh seachad an tasgadh na lan-thaitneas ris fhein; air chor ʼs nach bi an tional ri dhianamh nuair a thig mise. 3 Agus nuair a bhios mi maille ribh, feadhainn sa bith dhe ʼn dian sibh raghainn le litrichean, iad sin cuiridh mi a thoirt ur tiodhlaic air adhart gu Ierusalem. 4 Agus ma bhios e iomchuidh gum falbhainnse, theid iad comhla rium. 5 A nis thig mi gu ʼr n-ionnsuidh, nuair a ghabhas mi tromh Mhacedonia: oir gabhaidh mi tromh Mhacedonia. 6 Agus fanaidh mi treis theagamh comhta ribh, no ma dhʼ fhaoidte ré a gheamhraidh: los gun dian sibh iul domh air an t-sligh taobh sa bith an teid mi. 7 Oir cha n-aill leam ur faicinn san dol seachad a mhain: oir tha dochas agam fuireach treis a dhʼ uine maille ribh, ma leigeas an Tighearna leam. 8 Ach fanaidh mi an Ephesus gu Caingis. 9 Oir tha dorus mor agus follaiseach fosgailte dhomh, agus moran naimhdean. 10 A nis ma thig Timoti, seallaibh nach bi e fo eagal maille ribh: oir tha e g-oibreachadh obair an Tighearna, mar tha mise. 11 Uime sin na sealladh duine air bith sios air: ach thugaibh air aghaidh e an sith los gun tig e gam ionnsuidhse: oir tha duil agam ris maille ris na braithrean. 12 A thaobh ar brathar Apollo, tha mi toirt dhuibh ri thuigsinn, gun do ghrios mi gu cruaidh air, e thighinn gu ʼr n-ionnsuidh comhla ris na braithrean; ʼs gu deimhinn cha robh e idir toileach air tighinn san àm so: ach thig e nuair a gheobh e cothrom. 13 Dianaibh faire, seasaibh steidheil anns a chreideamh, oibrichibh gu fearail, agus bithibh sgairteil. 14 Biodh ur n-uile ghniomhran diante ann an carrantachd. 15 Guidheam oirbh, a bhraithrean, is aithne dhuibh tigh Stephanais, us Fhortunatuis, agus Achaicuis: ʼs gur iad ciad thoradh Achaia, ʼs gun tug iad iad fhein seachad gu freasdal air na naoimh, 16 G um bi sibhse cuideachd umhailt dha ʼn leithidean so, ʼs do ʼn h-uile h-aon a tha ri obair ʼs ri saothair comhla ruinne. 17 Agus tha aoibhneas orm an lathair Stephanais, us Fhortunatuis, ʼs Achaicuis, a chionn gun dʼ rinn iad suas an ni a bha dhith air ur taobhsa: 18 Oir thug iad furtachd dha mʼ spiorad-sa, thug agus dha ʼr spiorad fhein. Cuiribh eolas ma ta air an leithidean sin. 19 Tha eaglaisean Asia a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh. Tha Acuila us Priscilla a cur moran bheannachdan, anns an Tighearna, gu ʼr n-ionnsuidh maille ris an eaglais a tha ʼnan tigh, ʼs gur ann aca a tha mi fhein air aoidheachd. 20 Tha na braithrean uile a cur bheannachdan h-ugaibh. Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. 21 Tha mise Pol a cur mo bheannachd le mo laimh fhein. 22 Neach air bith nach toir gaol dha ʼr Tighearna Iosa Criosta, biodh e ʼna anathema, Maran Atha. 23 Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh. 24 Gun robh mo charrantachd maille ribh uile ann an Iosa Criosta. Amen. |