1 Corintianach 15 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XV. CAIB. Aiseirigh Chriosta us ar n-aiseirigh fhein: mar a bhios an aiseirigh. 1 A nis, a bhraithrean, cuiridh mi an ceill dhuibh an soisgeul a theagaisg mi dhuibh, us ris na ghabh sibh, us anns a bheil sibh a seasamh, 2 Us leis a bheil sibh air ur sabhaladh, ma tha sibh a cumail an rian theagaisg a thug mi dhuibh, nas lugha na chreid sibh gu diomhain. 3 Oir liubhair mi dhuibh an toiseach na fhuair mi fhein: gun dʼ fhuair Criosta bàs air son ar peacannan a reir nan Sgriobtur; 4 Agus gun do thiodhlaiceadh e, ʼs gun dʼ eirich e rithist an treas latha a reir nan Sgriobtur; 5 Agus gum facas e le Cephas, ʼs an deigh sin leis na h-aon-diag; 6 An sin chunnacas e le corr us coig ciad brathair comhla; dhe ʼm beil moran maireann gu so, us chaidil cuid; 7 An deigh sin chunnacas e le Seumas, an sin leis na h-ostail uile; 8 Agus mu dheireadh uile chunnacas leamsa e, mar neach a rugadh an an-àm. 9 Oir is mi is lugha dhe na h-ostail, nach fhiach ostal a chantuinn rium: a chionn gun dʼ rinn mi geur-leanmhuinn air eaglais De. 10 Ach le grasan De is mi an ni is mi, ʼs cha robh a ghrasan gun bhuil unnam, ach dhʼ oibrich mi na bu mhuà air phailte na iad uile: cha mhise gu dearbh, ach grasan De maille rium: 11 Ach co-dhiu is mise no iadsan: mar so tha sinn a searmonachadh, mar so chreid sibhse. 12 A nis ma thathas a teagasg gun dʼ eirich Criosta bho na mairbh, ciamar a tha cuid ʼnur measg a g-radh, nach eil aiseirigh nam marbh ann? 13 A nis mur eil aiseirigh nam marbh ann, cha dʼ eirich Criosta fhein a rithist. 14 ʼS mur dʼ eirich Criosta rithist, is diomhain mar sin ar searmonachadh, is diomhain ur creideamh-sa cuideachd; 15 Seadh, agus gheobhar sinn ʼnar fianuisean-breige air Dia: a chionn gun tug sinn fianuis an aghaidh Dhe gun do thog e Criosta, nach do thog e, mur eirich na mairbh a rithist. 16 Oir mur eirich na mairbh a rithist, cha mhua dhʼ eirich Criosta rithist. 17 Agus mur dʼ eirich Criosta rithist, is diomhain ur creideamh-sa: oir tha sibh fhathast ʼnur peacannan. 18 Agus a reir sin chaidh iadsan, a chaidil ann an Criosta, a dhith. 19 Ma ʼsann sa bheatha so a mhain a tha ar dochas ann an Criosta, is sinn is truaighe de dhaoine uile. 20 Ach a nis dhʼ eirich Criosta bho na mairbh ʼna chiad thoradh na feadhnach a tha ʼnan cadal: 21 Oir mar is ann tromh dhuine thainig am bàs, ʼsann tromh dhuine aiseirigh nam marbh cuideachd. 22 Agus mar a tha iad uile bàsachadh an Adhamh, mar sin cuideachd beothaichear iad uile ann an Criosta. 23 Ach a h-uile h-aon ʼna ordugh fhein: Criosta a chiad thoradh; an sin iadsan is le Criosta, a chreid ʼna thighinn. 24 An sin a chrioch, nuair a liubhras e seachad an rioghachd do Dhia ʼs do ʼn Athair, nuair a bheir e gu neoni a h-uile uachdranachd, agus cumhachd, agus feart. 25 Oir is còir da righeachadh, gus an cuir e naimhdean uile fo chasan. 26 Ach se am bàs an namhaid mu dheireadh a sgriosar: oir chuir e h-uile ni fo chasan. Ach nuair tha e g-radh: 27 Chuireadh a h-uile ni fodha; gun teagamh saor bhuaithe san, a chuir a h-uile ni fodha. 28 Us nuair a chuirear a h-uile ni fodha, bithidh am Mac fhein fodha-san, a chuir a h-uile ni fodha, gu Dia a bhith ʼna h-uile ni anns a h-uile ni. 29 Air neo ciod a ni iadsan a thʼ air am baisteadh air son nam marbh, mur eil na mairbh gu eirigh a rithist idir? ciod h-uige idir a thathas gam baisteadh air an son? 30 Cʼ uime a tha sinn fhein cuideachd an cunnart gach uair? 31 A h-uile latha, a bhraithrean, tha mi bàsachadh air son ur gloire, a tha agam ann an Iosa Criosta ar Tighearna. 32 Ma ghleac mi (a labhairt mar dhuine) ri beistean ann an Ephesus, ciod an stà dhomh e, mur eil na mairbh gu eirigh a rithist? Ithemid us olamaid: oir am maireach gheobh sinn bàs. 33 Na bithibh air ur mealladh: Truaillidh droch comhradh deagh bheusan. 34 Duisgibh, a dhaoine cearta, ʼs na peacaichibh: oir aig cuid cha n-eil eolas De, tha mi cantuinn so gu ʼr nàire. 35 Ach their cuideigin: Ciamar a tha na mairbh gu eirigh a rithist? no ciod a ghné coluinne san tig iad? 36 A dhuine gun thoinisg, cha chinn na tha thu cur, mur bàsaich e an toiseach. 37 Agus an ni a tha thu cur, cha n-e an corp a bhitheas ann a tha thu cur, ach lom ghrainne, mar de chruithneachd, no de sheorsaichean eile. 38 Ach bheir Dia corp dha mar is aill leis, us do ʼn h-uile seorsa sil a chorp fhein. 39 Cha n-aon fheoil a h-uile feoil: ach tha feoil aig daoine, feoil eile aig spreidh, feoil eile aig eoin, feoil eile aig iasg. 40 Agus tha cuirp neamhaidh, us cuirp thalmhaidh ann: ach cha n-ionann gloir nan corp neamhaidh, agus gloir nan corp talmhaidh. 41 Cha n-ionann gloir na greine, agus gloir na gealaiche, agus gloir nan reul. Agus tha atharrachadh eadar reul us reul an gloir: 42 Is amhuil sin cuideachd aiseirigh nam marbh. Tha i air a cur an truailleachd, eiridh i ann an neo-thruailleachd. 43 Tha i air a cur an as-onair, eiridh i an gloir. Tha i air a cur an laigse, eiridh i an cumhachd. 44 Tha i air a cur ʼna coluinn thalmhaidh, eiridh i ʼna coluinn spioradail. Ma tha coluinn thalmhaidh ann, tha coluinn spioradail ann mar an ciadna, mar tha e sgriobhte: 45 Rinneadh a chiad duine Adhamh ʼna anam beo, an t-Adhamh deireannach ʼna spiorad beothachail. 46 Ach cha bʼe sin a tha spioradail a bha an toiseach, ach sin a tha corporra: agus a rithist sin a tha spioradail. 47 Bha chiad duine bho ʼn talamh, talmhaidh: an ath dhuine bho neamh, neamhaidh. 48 Mar an duine talmhaidh, is amhuil na daoine talmhaidh: ʼs mar an duine neamhaidh, is amhuil na daoine neamhaidh. 49 Uime sin mar a ghiulain sinn iomhaigh an duine thalmhaidh, giulainemid cuideachd iomhaigh an duine neamhaidh. 50 A nis tha mi g-radh so, a bhraithrean: nach urrainn do dhʼ fheoil ʼs do dhʼ fhuil rioghachd Dhe a shealbhachadh, ʼs cha mhua shealbhaicheas truailleachd neo-thruailleachd. 51 Seall, tha mi labhairt ruin-dhiomhair ribh: Eiridh sinn gu dearbh uile rithist, ach cha mhuthar sinn uile. 52 Ann am mionaid, am priobadh na sula, aig an trombaid dheireannaich (oir seinnidh an trombaid) eiridh na mairbh gu neo-thruaillidh, agus muthar sinne. 53 Oir feumaidh an ni truaillidh so neo-thruailleachd a chur uime, ʼs an ni bàsmhor so neo-bhàsmhorachd a chur uime. 54 ʼS nnair a chuireas an ni bàsmhor so neo bhàsmhorachd uime, an sin tachraidh am facal a tha sgriobhte: Shluigeadh am bàs suas leis a bhuaidh. 55 O bhàis, càit a bheil do bhuaidh? O bhàis, càit a bheil do ghath? 56 A nis se am peacadh gath a bhàis: agus neart a pheacaidh, an lagh. 57 Ach taing do Dhia, a thug a bhuaidh dhuinne tromh ar Tighearna Iosa Criosta. 58 Uime sin, mo bhraithrean gradhach, bithibh steidheil agus neo-luasganach, nas pailte daonnan an obair an Tighearna, a tuigsinn nach eil ur saothair diomhain anns an Tighearna. |