1 Corintianach 14 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIV. CAIB. Tha gibht na faisneachd nas mua na labhairt theanganan. 1 Leanaibh a charrantachd, bithibh titheach air gibhtean spioradail: ach gu h-araid air faisneachd. 2 Oir esan a labhras ann an teangaidh, cha n-ann ri daoine a tha e bruidhinn, ach ri Dia: oir cha n-eil duine a g-eisdeachd ris. Oir is ruintean-diomhair a tha e labhairt leis an Spiorad. 3 Ach esan a tha dianamh faisneachd, tha e labhairt ri daoine gus an teagasg, gus an comhairleachadh, gus am furtachadh. 4 Esan a labhras ann an teangaidh, tha e dianamh a mhath fhein: ach esan a tha ri faisneachd, tha e dianamh math eaglais Dhe. 5 Is math leam sibh uile labhairt le teanganan: ach sibh a dhianamh faisneachd se bu docha leam. Oir is mua esan a tha ri faisneachd, na esan a tha labhairt le teanganan: nas lugha na dhʼ eadar-theangaicheas e gu oileanachadh na h-eaglais. 6 Ach a nis, a bhraithrean, ma thig mi h-ugaibh a labhairt le teanganan, ciod is fheairrde sibh mi, nas lugha na labhras mi ribh le taisbeanadh, no le eolas, no le faisneachd, no le teagasg? 7 Nichean fhein gun anam aig a bheil fuaim, co-dhiu se phiob no chlarsach, mur atharraich iad am fuaimean, ciamar a dhʼ aithnear na tha iad a seinn air a phiob no air a chlarsaich? 8 Oir ma bheir an trombaid seachad fuaim neo-chinnteach, co ni e fhein deas air son a chatha? 9 Is amhuil cuideachd sibhse mur abair sibh leis an teangaidh briathran soilleir, ciamar a dhʼ aithnear ciod a thʼ air a labhairt? oir ʼsann ris an athar a bhios sibh a bruidhinn. 10 Tha, mar is fior, cho liuthad seorsa theanganan anns an t-saoghal; agus cha n-eil a h-aon gun ghuth. 11 Mur tuig mi ma ta seagh a ghutha, bithidh mi na mʼ choigreach dhasan ris a bheil mi labhairt; us esan tha labhairt rium ʼna choigreach dhomhsa. 12 Is amhuil sin sibhse, bho na tha sibh eudmhor mu spioraid, iarraibh a bhith lan-phailt gu buannachd na h-eaglais. 13 Agus uime sin guidheadh esan, a tha labhairt le teangaidh, gun eadar-theangaich e. 14 Oir ma ni mi urnaigh le teangaidh, se mo spiorad a tha g-urnaigh, ʼs tha mo thuigse gun toradh. 15 Ciod e ma ta? Ni mi urnaigh leis an spiorad, ni agus urnaigh leis an tuigse; seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi cuideachd leis an tuigse. 16 Air chaochla cor ma bheannaicheas tu leis an spiorad, ciamar their esan a tha an aite nan aineolach: Amen ri dʼ bheannachadh, ʼs nach aithne dha ciod a tha thu g-radh? 17 Oir tha thusa gu dearbh a toirt taing gu math; ach cha n-eil sin gu buannachd fir eile. 18 Tha mi toirt taing do mo Dhia gun labhair mi ur teanganan uile. 19 Ach bʼ fhearr leam coig facail a labhairt san eaglais le mʼ thuigse, gu feadhainn eile a theagasg, na deich mile facal ann an teangaidh. 20 A bhraithrean, na bithibh ʼnur cloinn an tuigse, ach ann an gò bithibh ʼnur cloinn: ach bithibh coimhlion an tuigse. 21 Tha e sgriobhte san lagh: Ann an teanganan eile, ʼs am bilean eile labhraidh mi ris a phobull so: agus an deigh sin uile cha n-eisd iad rium, os an Tighearna. 22 Uime sin tha teanganan ʼnan comharradh cha n-ann do chreidich, ach do mhi-chreidich: ach faisneachd cha n-ann do mhi-chreidich, ach do chreidich. 23 Uime sin ma chruinnicheas an eaglais uile an aon aite, agus ma labhras iad uile le teanganan, ʼs gun tig daoine aineolach, no mi-chreideach a stigh, nach abair iad gum beil an caothach oirbh? 24 Ach ma ni iad uile faisneachd, ʼs gun tig duine mi-chreideach no aineolach a stigh, tha e faighinn dearbhaidh bhuapa uile, ʼs air a bhreithneachadh leo uile: 25 Soilleirichear nichean diomhair a chridhe; ʼs le sin a tuiteam sios air aghaidh, bheir e aoradh do Dhia, a g-aideachadh gum beil Dia a rireadh ʼnur measg. 26 Ciod ma ta a thʼ ann, a bhraithrean? nuair a thig sibh comhla, tha salm, tha teagasg, tha taisbeanadh, tha teanga, tha eadar-theangachadh aig gach aon agaibh fos leth: biodh a h-uile ni diante gu deagh shamhladh. 27 Ma labhras a h-aon sa bith le teangaidh, na biodh iad ach dithis no ʼn car is mua triuir, agus an deigh a cheile; agus eadar-theangaicheadh fear. 28 Ach mur bi eadar-theangair ann, biodh e ʼna thosd san eaglais; ach labhradh e ris fhein ʼs ri Dia. 29 Ach labhradh dithis no triuir de na faidhean, agus breithnicheadh càch. 30 Ach ma thaisbeanar ni air bith do dhʼ fhear a tha ʼna shuidhe, biodh a chiad fhear ʼna thosd. 31 Oir is urrainn duibh uile faidhdearachd a dhianamh lion fear us fear; los gun ionnsuich daoine uile, ʼs gum faigh iad uile cofhurtachd; 32 Us tha spioraid nam faidhean umhailt do na faidhean fhein. 33 Oir cha Dhia na h-aimhreite Dia, ach na sithe; mar tha mise cuideachd a teagasg ann an uile eaglaisean nan naomh. 34 Biodh boirionnaich ʼnan tosd anns na h-eaglaisean: oir cha n-eil e ceadaichte dhaibh labhairt, ach a bhith umhailt mar tha an lagh fhein a cantuinn. 35 Ma tha toil aca ni air bith ionnsachadh, faighnicheadh iad dhe ʼm fir aig an tigh. Oir is nàire do bhoirionnach labhairt san eaglais. 36 No n-ann bhuaibhse thainig facal De? no n-ann gu ʼr n-ionnsuidhse a mhain a thainig e? 37 Ma tha ʼcholtas air fear sam bith gur faidh, no gur duine spioradail e, tuigeadh e gur iad na nichean a tha mi sgriobhadh h-ugaibh faintean an Tighearna. 38 Ach ma tha duine air bith aineolach, bithear aineolach air. 39 Uime sin, a bhraithrean, bithibh titheach air faisneachd: ʼs na bacaibh labhairt le teanganan. 40 Ach biodh a h-uile ni diante gu dealbhach ʼs le rian. |