1 Corintianach 13 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIII. CAIB. Tha e fiachuinn gum beil a charrantachd fos cionn a h-uile gibht. 1 Ged a labhruinn le teanganan dhaoine agus aingeal, gun a charrantachd a bhith agam, cha bhithinn ach mar phràis fhuaimnich, agus mar chiombal gliongach. 2 Agus ged a bhiodh faisneachd agam, ʼs gum bʼ aithne dhomh a h-uile mistire, agus a h-uile eolas, ʼs ged a bhiodh a h-uile creideamh agam ionnus gun caraichinn na beanntan, ʼs nach biodh a charrantachd agam, is neoni mi. 3 Agus ged a bhuilichinn mo chuid uile am biadh air na bochdan, ʼs ged a liubhrainn mo choluinn gus mo losgadh, ʼs nach biodh a charrantachd agam, cha n-eil buannachd ann domh. 4 Tha charrantachd faighidneach, tha i caoimhneil: cha n-eil a charrantachd farmadach, cha n-eil giomh ʼna dianadas, cha n-at i le prois, 5 Cha n-eil i deidheil air ard-inbhe, cha n-iarr i a buannachd fhein, cha n-eil i feargach, cha smaoinich i olc, 6 Cha ghabh i toileachadh as an olc, ach gabhaidh i toileachadh as an fhirinn: 7 Giulanaidh i a h-uile ni, creididh i a h-uile ni, earbaidh i as a h-uile ni, fuiligidh i a h-uile ni. 8 Cha n-fhàilnich a charrantachd a chaoidh: ged a thig faisneachd gu neo-bhrigh, no ged a sguireas teanganan, no ged a theid eolas bho fheum. 9 Oir tha eolas againn ann am pairt, agus tha faisneachd againn am pairt. 10 Ach nuair a thig an ni a tha coimhlionta, cuirear an ni a tha am pairt air chul. 11 Nuair a bha mi am leanabh, labhair mi mar leanabh, thuig mi mar leanabh, smaoinich mi mar leanabh. Ach nuair dhʼ fhas mi am dhuine, leig mi doighean leinibh dhiom. 12 Tha sinn an drasda a faicinn tromh ghloine an seol doilleir: ach an sin aghaidh ri aghaidh. An drasda tha mi g-aithneachadh ann an roinn: ach an sin aithnidh mi, ceart mar a tha aithne orm. 13 An drasda tha creideamh, dochas, carrantachd ann, na tri so: ach dhiu so si a charrantachd is mua. |