1 Corintianach 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XII. CAIB. Gum beil ioma seorsa ghibhtean spioradail ann: gum feum buill a chuirp spioradail, mar bhuill a chuirp nadurra, eiridneachadh air a cheile. 1 A nis, a bhraithrean, cha mhath leam sibh a bhith aineolach mu nichean spioradail. 2 Is aithne dhuibh, nuair a bha sibh ʼnur cinnich, gun deach sibh gu iodholan balbha, mar a bhatar gu ʼr stiuradh. 3 Uime sin tha mi toirt dhuibh ri thuigsinn, nach abair duine air bith, a tha labhairt le Spiorad Dhe, Anathema ri Iosa. Agus cha n-urrainn do dhuine an Tighearn Iosa a radh, ach leis an Spiorad Naomh. 4 A nis tha caochla seorsa de ghrasan ann, ach an t-aon Spiorad: 5 ʼS tha caochla seorsa de fhrithealadh ann, ach an t-aon Tighearna: 6 ʼS tha caochla seorsa de ghniomhran ann, ach an t-aon Dia, a tha g-oibreachadh gach ni anns gach aon. 7 Agus tha soilleireachadh an Spioraid air a thoirt do ʼn h-uile neach gu bhuannachd. 8 Do h-aon gu dearbh tha facal a ghliocais air a thoirt leis an Spiorad; ʼs do fhear eile facal an eolais leis an Spiorad chiadna; 9 ʼS do fhear eile creideamh leis an Spiorad chiadna; do fhear eile grasan leighis leis an aon Spiorad; 10 Do fhear eile dianamh mhiarailtean, do fhear eile faidhdearachd, do fhear eile aithneachadh spiorad, do fhear eile ioma gné theanganan, do fhear eile eadar-theangachadh bhriathran. 11 Ach se an t-aon Spiorad ciadna a tha dianamh nan nichean so uile, a roinn air gach aon a reir a thoil. 12 Oir mar is aon a choluinn, agus ioma ball aice; agus an deigh sin is aon choluinn uile bhuill na coluinne, ged is lionor iad: is amhuil sin Criosta. 13 Oir anns an aon Spiorad bhaisteadh sinn uile gu aon chorp, co-dhiu is Iudhaich no cinnich, co-dhiu is daoranaich no saoranaich sinn; agus anns an aon Spiorad thugadh dhuinn ri ol. 14 Oir cha n-aon bhall a choluinn, ach ioma ball. 15 Nan abradh a chas: Bho nach mi an lamh, cha n-eil mi de ʼn choluinn: nach eil i de ʼn choluinn a dhʼ aindeoin sin? 16 ʼS nan abradh a chluas: Bho nach mi an t-suil, cha n-eil mi de ʼn choluinn: nach eil i de ʼn choluinn a dhʼ aindeoin sin? 17 Nam biodh a choluinn uile ʼna suil, càit am biodh a chlaistinn? Nam biodh a choluinn uile ʼna claistinn, càit am biodh am fàileadh? 18 Ach a nis shuidhich Dia na buill, a h-uile h-aon dhiu anns a choluinn mar a bʼ aill leis. 19 Agus nam bʼ aon bhall iad uile, càit am biodh a choluinn? 20 Ach a nis is ioma ball iad a rireadh, ach aon chorp. 21 ʼS cha n-urrainn do ʼn t-suil a radh ris an laimh: Cha n-eil feum agam air do shaothair; no an ceann a rithist ris na casan: Cha n-eil feum agam oirbh. 22 Ach an aite sin ʼsiad na buill de ʼn choluinn is laige gu mor a thaobh coltais, is mua feum; 23 Agus na buill a tha sinn a meas is mi-urramaiche dhe ʼr coluinn, tha sinn a cuairteachadh leis a bharrachd mhor a dhʼ onair; agus iadsan is neo-eireachdaile dhinn, ʼsiad tha faighinn gu mor am barrachd eireachdais. 24 Ach air ar buill dhealbhach cha n-eil ni dhe so a dhith: ach rian Dia a choluinn, a buileachadh am barrachd urraim far an robh e dhith, 25 Gus nach biodh ar-amach anns a choluinn, ach gum freasdaladh na buill air a cheile. 26 Agus ma tha aon bhall am pein, tha na buill uile am pein maille ris; no ma tha aon bhall sunndach, tha na buill uile an aoibhneas maille ris. 27 A nis is sibhse corp Chriosta, agus buill de bhall. 28 Agus gu fior shuidhich Dia teadhainn anns an eaglais, ostail an toiseach, san ath aite faidhean, san treas aite ollamhan, an deigh sin miarailtean, an sin grasan leighis, luchd-cobhair, uachdranachd, ioma gné theanganan, eadar-mhineachadh bhriathran. 29 Am beil iad uile ʼnan ostail? am beil iad uile ʼnam faidhean? am beil iad uile ʼnan ollamhan? 30 An dian iad uile miarailtean? am beil grasan leighis aca uile? an labhair iad uile le teanganan? an eadar-theangaich iad uile? 31 Ach bithibh titheach air na gibhtean is fhearr. Agus tha mi dol a dhʼ fhiachuinn dhuibh slighe nas barraichte fhathast. |