1 Corintianach 11 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XI. CAIB. Gur còir ceann-aodach a bhith air na boirionnaich: tha e faighinn coire dha ʼm feusdan graidh, ʼsa labhairt mu ʼn t-sacramaid bheannaichte. 1 Bithibhse ʼnur luchd-leanmhuinn ormsa, mar tha mise air Criosta. 2 Tha mi nis gu ʼr moladh, a bhraithrean, a chionn gum beil sibh cuimhneach orm anns gach ni; ʼsa cumail mʼ orduighean mar a liubhair mi dhuibh iad. 3 Ach is math leam brath a bhith agaibh, gur e ceann a h-uile duine Criosta: agus ceann a bhoirionnaich an duine: agus ceann Chriosta Dia. 4 A h-uile fear a tha ri urnaigh no ri fàisneachd, us ceann-aodach air, tha e toirt maslaidh dha cheann. 5 ʼSa h-uile boirionnach a tha ri urnaigh no ri faisneachd gun cheann-aodach, tha i toirt maslaidh dha ceann: oir is ionann ʼs ged a bhiodh i air a bearradh. 6 Oir mur bi boirionnach comhdaichte, biodh i air a bearradh. Ach ma ʼs nàire do bhoirionnach a bhith air a bearradh, no air a maoladh, cuireadh i ceann-aodach oirre. 7 Cha chòir do dhuine gu dearbh a cheann a chuibhrigeadh: a chionn gur e iomhaigh agus gloir Dhe e, ach si am boirionnach gloir an duine. 8 Oir cha n-eil an duine bho ʼn bhoirionnach, ach am boirionnach bho ʼn duine. 9 Oir cha do chruthaicheadh an duine air son a bhoirionnaich, ach am boirionnach air son an duine. 10 Uime sin is còir do ʼn bhoirionnach cumhachd a bhith aice air a ceann as leth nan aingeal. 11 Ach dhʼ aindeoin so cha n-eil an duine gun am boirionnach, no am boirionnach gun an duine anns an Tighearna. 12 Oir mar a tha am boirionnach bho ʼn duine, is amhuil a tha an duine tromh ʼn bhoirionnach: ach tha h-uile ni bho Dhia. 13 Thugaibh fhein breth: am beil e dealbhach do bhoirionnach urnaigh a dhianamh ri Dia gun cheann-aodach? 14 Nach eil nadur fhein gu ʼr teagasg, gur cuis nàire e gu dearbh do dhuine e bhith giullachd ʼfhuilt: 15 Ach gur gloir e do bhoirionnach, ma ghiullaicheas i ʼfalt: oir thugadh a gruag dhi mar cheann-uidheam? 16 Ma tha fear air bith deas gu consachadh: cha n-eil a leithid de chleachdadh againue, no aig eaglais De. 17 A nis tha mi g-àithneadh so; cha n-ann gu ʼr moladh, gum beil sibh a cruinneachadh, cha n-ann gus ur feobhas ach gus ur call. 18 ʼSa chiad dol a mach, an àm dhuibh tional san eaglais, tha mi cluinntinn gum beil eas-aontas ʼnur measg, agus am pairt tha mi ga chreidsinn. 19 Oir is fheudar do eiriceachd a bhith ann, gus iadsan, a tha dearbhte, a bhith air an dianamh follaiseach ʼnur measg. 20 Air dhuibh ma ta tional an aon aite, cha n-ann a nis gu suipeir an Tighearna ithe. 21 Oir tha gach aon a toirt leis roimh laimh a shuipreach fhein gus a h-ithe. Agus tha fear gu dearbh air acras; ʼs fear eil air mhisg. 22 Ciod, nach eil tighean agaibh gus ithe us ol? No am beil sibh cur suarach eaglais Dhe, ʼsa cur gu nàire iadsan aig nach eil? Ciod a their mi ribh? Am mol mi sibh? A thaobh so cha mhol. 23 Oir fhuair mi bho ʼn Tighearna na liubhair mi mar an ciadna dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa, air a cheart oidhche san deach a bhrath, aran, 24 ʼSa toirt taing, bhrist e, us thuirt e: Gabhaibh, agus ithibh: se so mo chorpsa, a theid a liubhairt air ur son: dianaibh so mar chuimhneachan ormsa. 25 Mar an ciadna a chailis, an deigh na suipreach, a g-radh: Si a chailis so an tiomnadh nuadh ann am fhuilse: dianaibh so cho tric ʼsa dhʼ olas sibh mar chuimhneachan ormsa. 26 Oir cho tric ʼsa dhʼ itheas sibh an t-aran so, ʼsa dhʼ olas sibh a chailis, taisbeanaidh sibh bàs an Tighearna gus an tig e. 27 Air an aobhar sin co sa bith a dhʼ itheas an t-aran so, no dhʼ olas cailis an Tighearna gu mi-iomchuidh, bithidh e ciontach an corp ʼs am fuil an Tighearna. 28 Ach dearbhadh duine e fhein; agus an sin itheadh e de ʼn aran so, us oladh e de ʼn chailis. 29 Oir co sa bith a dhʼ icheas ʼsa dhʼ olas gu mi-iomchuidh, tha e g-ithe ʼsa g-ol ditidh dha fhein, le cion aire a thoirt do chorp an Tighearna. 30 Mar sin tha moran lag us anfhann ʼnur measg, agus moran ʼnan cadal. 31 Oir nan tugadh sinn breth oirnn fhein, cha rachadh breth a thoirt oirnn. 32 Ach nuair a bheirear breth oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, los nach ditear sinn comhla ris an t-saoghal so. 33 Uime sin, mo bhraithrean, nuair a thionaileas sibh gus ithe, feithibh ri cheile. 34 Ma tha fear air bith air acras, itheadh e aig an tigh, gus nach ann gu breitheanas a thig sibh cuideachd. Agus cuiridh mi chuid eile air rian nuair a thig mi. |