Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 10 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


X. CAIB. Bho shamhuilt nan Isralach cha n-fhaod sinn tuille ʼsa choir a dhʼ earbsa a chur as na gibhtean a fhuair sinn: ach am peacannan a sheachnadh, agus iodhol-aoradh, us nichean a thairgeadh do dheomhain.

1 Oir cha mhath leam, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach, gun robh ar n-aithrichean uile fo ʼn nial, ʼs gun deach iad uile tromh ʼn mhuir,

2 ʼS gun do bhaisteadh iad uile ann am Maois anns an nial, agus anns a mhuir;

3 ʼS gun dʼ ith iad uile de ʼn aon bhiadh spioradail,

4 ʼS gun dʼ ol iad uile an aon dheoch spioradail: (us dhʼ ol iad de ʼn chreig spioradail a bha gan leantuinn: agus bʼ i a chreag Criosta).

5 Ach cha robh Dia ro thoilichte leis a chuid bu mhua dhiu: oir sgriosadh iad san fhàsach.

6 A nis rinneadh iad so mar shamhla dhuinne, gus nach miannaich sinne nichean olc, mar a mhiannaich iadsan.

7 ʼS na bithibh ʼnur luchd-iodhol-aoraidh, mar cuid dhiusan, a reir ʼs mar tha e sgriobhte: Shuidh an sluagh sios a dhʼ ithe agus a dhʼ ol, us dhʼ eirich iad a chluith.

8 ʼS na dianamaid striopachas, mar a rinn cuid dhiu-san striopachas, agus thuit tri mile thar fhichead an aon latha.

9 Agus na buairemid Criosta, mar a bhuair cuid dhiusan, agus bhàsaich iad leis na nathraichean.

10 Na dianaibh monmhur cuideachd, mar a rinn cuid diusan monmhur, agus sgriosadh iad leis an sgriosadair.

11 A nis thachair iad so uile dhaibhse mar shamhla: us tha iad air an sgriobhadh mar achasan dhuinne, air an tainig deireadh an t-saoghail.

12 Uime sin am fear a tha ga shaoilsinn fhein ʼna sheasamh, thugadh e ʼn aire nach tuit e.

13 Na glacadh buaireadh sibh ach a leithid ʼsa tha buailteach do ʼn duine: oir tha Dia dileas, nach leig leibh a bhith air ur buaireadh fos cionn ur neart, ach leis a bhuaireadh bheir e seol air dol as, los gur urrainn duibh a ghiulan.

14 Uime sin, a mhuinntir mo ghraidh, teichibh bho sheirbhis iodholan.

15 Tha mi labhairt mar ri daoine glice, thugaibh fhein breth air an ni a tha mi g-radh.

16 Cailis nam beannachd, a tha sinn a beannachadh, nach i comanachadh fuil Chriosta? ʼS an t-aran, a tha sinn a bristeadh, nach e comanachadh corp an Tighearna a thʼ ann?

17 Oir ge lionor, is aon aran, aon chorp, sinn uile, a tha gabhail de ʼn aon aran.

18 Seallaibh Israel a reir na feola: nach co-phairtich ris an altair iadsan, a tha g-iche nan iobairt?

19 Ciod dhe sin? A bheil mi g-radh gur ni air bith na tha air iobradh do iodholan? No gur ni air bith iodhol?

20 Ach na nichean a tha na cinnich a g-iobradh, tha iad gan iobradh do dheomhain, agus cha n-ann do Dhia. Agus cha n-aill leam comunn a bhith agaibhse ri deomhain: cha n-urrainn duibh cailis an Tighearna ol, agus cailis dheomhan:

21 Cha n-urrainn duihh a bhith ʼnur co-pairtich de bhord an Tighearna, ʼs de bhord dheomhan.

22 Am beil sinn a brosnachadh an Tighearna gu eud? An treasa sinne na esan? Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha n-eil a h-uile ni freagrach.

23 Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha toir a h-uile ni deagh leasan.

24 Na sireadh duine air bith a bhuannachd fhein, ach buannachd an atharraich.

25 Ni sam bith a thathas a reic sa mhargadh ithibh, gun cheisd fhaighneachd a thaobh cogais.

26 Is leis an Tighearna an talamh, ʼsa lanachd.

27 Ma bheir neach nach eil a creidsinn cuireadh dhuibh, us toil agaibh a dhol, ithibh de gach ni a chuirear air ur bialaobh, gun cheisd a chur a thaobh cogais.

28 Ach ma their duine air bith: Chaidh so iobradh do iodholan: na ithibh dheth as leth an fhir a dhʼ innis, agus as leth cogais:

29 Cha n-i do chogais fhein a tha mi g-radh, ach cogais an fhir eile. Oir ciod h-uige a tha mo shaorsa air a breth le cogais an atharraich?

30 Oir ma tha mise a gabhail le buidheachas, car-son a thathas a labhairt gu h-olc orm air son ni mu bheil mi a toirt tainge?

31 Air an aobhar sin co-dhiu dhʼ itheas sibh, no dhʼ olas sibh, no aon ni eile a ni sibh, dianaibh gach ni gu gloir Dhe.

32 Bithibh gun ghiomh an lathair nan Iudhach, agus nan cinneach, agus eaglais Dhe:

33 Mar tha mise fhein a toileachadh dhaoine uile anns gach ni, cha n-ann le bhith sireadh na tha gu buannachd dhomh fhein, ach do mhoran, gus iad a bhith sabhailte.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan