1 Corintianach 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875I. CHAIBIDEAL. Tha e cronachadh an consachaidh mu ʼn luchd-teagaisg. Bha an saoghal ri shabhaladh le teagasg na croise, ʼs cha n-ann le gliocas us fileantachd dhaoine. 1 Pol a ghairmeadh gu bhith ʼna ostal Iosa Criosta le toil De, agus Sosthenes, brathair, 2 Gu eaglais De a thʼ ann an Corint, gan ionnsuidh-san a tha air an naomhachadh ann an Iosa Criosta, air an gairm gu bhith ʼnan naoimh, maille riusan uile a tha gairm air ainm ar Tighearna Iosa Criosta, anns gach aite acasan agus againn, 3 Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. 4 Tha mi daonnan a toirt taing do mo Dhia air ur son, as leth grasan De a thugadh dhuibh ann an Iosa Criosta: 5 Air son gum beil sibh air ur dianamh saibhir ʼs gach ni annsan, anns a h-uile labhairt agus a h-uile eolas, 6 Mar a tha teisteanas Chriosta air a dhaingneachadh unnaibh: 7 Air chor ʼs nach eil ni a dhìth oirbh ann an grasan air bith, a feitheamh ri taisbeanadh ar Tighearna Iosa Criosta, 8 A dhaingnicheas sibh mar an ciadna gus a chrioch gun lochd, ann an latha tighinn ar Tighearna Iosa Criosta. 9 Tha Dia dileas, leis a bheil sibh air ur gairm gu comunn a Mhic, ar Tighearna Iosa Criosta. 10 A nis tha mi guidhe oirbh, a bhraithrean, ann an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, gun labhair sibh uile an t-aon ni ciadna, ʼs nach bi eas-aontachd ʼnur measg: ach gum bi sibh coimhlionta anns an aon bheachd agus anns an aon bhreth. 11 Oir dhʼ innseadh dhomhsa mu ʼr deidhinn, mo bhraithrean, leo-san a tha de theaghlach Chloé, gum beil consachdh ʼnur measg. 12 A nis tha mi g-radh so, gun abair gach aon agaibh: Is le Pol gu fior mise: agus is le Apollo mise: agus is le Cephas mise: agus is le Criosta mise. 13 Am beil Criosta air a roinn? Na cheusadh Pol air ur son? No na bhaisteadh sibh an ainm Phoil? 14 Tha mi toirt taing do Dhia nach do bhaist mi gin dhibh, ach Crispus us Caius: 15 Eagal neach a radh gun do bhaisteadh na mʼ ainmse sibh. 16 Bhaist mi mar an ciadna teaghlach Stephanais: a bharrachd air so cha n-aithne dhomh gun do bhaist mi aon ghin eile. 17 Oir cha do chuir Criosta mi a bhaisteadh, ach a shearmonachadh an t-soisgeil: cha n-ann an gliocas cainnte, air eagal gun dianteadh crois Chriosta gun stàth. 18 Oir dhaibh-san gu dearbh, a tha dol a dhìth, is aimideachd facal na croise: ach dhaibh-san a thiaruinnear, se sin dhuinne, is cumhachd Dhe e. 19 Oir tha e sgriobhte: Sgriosaidh mi gliocas nan daoine glic, agus tuigse nan daoine tuigseach cuiridh mi air chul. 20 Càit a bheil an duine glic? Càit a bheil an sgriobhach? Càit a bheil fear-deaspuid an t-saoghail so? Nach dʼ rinn Dia gliocas an t-saoghail so ʼna aimideachd? 21 Oir a chionn, ann an gliocas De, nach bʼ aithne do ʼn t-saoghal Dia tromh ghliocas, dheonaich Dia le aimideachd an teagaisg na creidich a shabhaladh. 22 Oir tha na h-Iudhaich a g-iarraidh chomharraidhnean, ʼs tha na Greigich a sireadh gliocais: 23 Ach tha sinn a searmonachadh Chriosta a cheusadh: ʼna cheap-tuislidh gu dearbh do na h-Iudhaich, ach ʼna ghoraiche do na cinnich, 24 Ach dhaibh-san a ghairmeadh, Iudhaich mar-aon agus Greigich, Criosta cumhachd Dhe agus gliocas Dhe: 25 Chionn gu bheil an ni, a shaoilear ʼna amaideachd ann an Dia, nas glice na daoine; agus an ni, a shaoilear lag ann an Dia, nas treasa na daoine. 26 Oir faicibh, a bhraithrean, ur gairm, cha n-eil moran glic a reir na feola, cha n-eil moran cumhachdach, cha n-eil moran uasal: 27 Oir nichean gorach an t-saoghail so thagh Dia, gus na daoine glice a chur gu nàire; us nichean laga an t-saoghail thagh Dia, gus na nichean laidir a chur gu nàire; 28 Us nichean diblidh an t-saoghail so, us nichean suarach thagh Dia, us nichean nach eil, gus na nichean a tha a thoirt gu neoni: 29 Gus nach gabh feoil air bith uaill ʼna lathair. 30 Ach ʼsann bhuaithe tha sibhse ann an Iosa Criosta, a rinneadh le Dia dhuinne ʼna ghliocas, ʼs ʼna cheartas, ʼs ʼna naomhachd, ʼs ʼna shaorsa; 31 Ceart mar tha e sgriobhte: Esan a ghabhas uaill, gabhadh e uaill anns an Tighearna. |