Salm 6 - Sailm Dhaibhidh 1694 (Seanadh Earra-ghàidheal)1 A Thighearn' ann do chorrigh mhóir na cronigh me gu garg, Na dèan mo ſmachdachadh gu géur an uair a laſas tfearg. 2 Déan trocair orm, a Dhia na ngrás, oir lag atáim gun cheiſt: Dhiá, ſlanuigh me anois a mfhéum, O táid mo chnàmhan briſt. 3 Ta manam ar na chrádh gu géur: acht thus', a Dhé, cia fhad? 4 Pill, fuaſgail manam: agus fóir le trocair orm gu grad. 5 Oir orts' a Thighearna ſan bhás, cho chuimhnighear gun cheiſt: Cia bheir dhuit buidheachas ſan uaimh, no bheir ort luadh a mfeaſd? 6 'Táim ſgídh lem oſnaigh, feadh na hoidhch' ag cur mo leab' ar ſnámh: Le déuraibh m'uirigh uiſgeacham ſan am bu chóir dhamh támh. 7 Mo ſhúil ata ar fáilneachadh fa chúis mo bhròin gach trá: Is ta ag dùl gu haois, arſon muil' eaſcairdeadh do ghna. 8 A luchd na haingidhachd gu léir, imthibhſe nam a mfad: Oir chuala Dia gu trocaireach árd-ghuth mo chaoi gun ſtad. 9 An athchuinghe do chuir me ſuas do chual' an Tighearn' í, Is gabhuidh ſé gu toileach uam an urnuigh do ni mi. 10 Ar meaſcairdaibh gu raibh ar fad nair', agus cúradh géur: Is pfilleadh iad ar ais gu luath le maſladh mór gu léir. |
Scots Gaelic Synod of Argyle Metrical Psalms 1694 © Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society), 2018.
Scottish Bible Society