Salm 12 - Sailm Dhaibhidh 1694 (Seanadh Earra-ghàidheal)1 Nois fòir, is cuidigh linn a Dhé, oir deadh-dhuin' ni bhfuil ann, Na trèbhdhirigh meaſg clann na ndaoin' ren faghail tá ro ghann. 2 Labhridh gach neach ren choimhearſan an bhréug le miodal béil; Le croidhe dubailt làn do cheilg ſior labhridh ſiad le chèil'. 3 Gach béul ta làn do ghabhann tlà dan gnà bhi leam is leat, An teanga bhruidhneach àrdanach ſgathar le Dia na mfeart. 4 A dubhairt, orra bheir ſinn buaidh ler dteangaidh fein amach, Leinn fein ar bèil: cia chean an triath do chuireas ſinn fa ſmachd. 5 Re foireigneadh na ndeòridh truadh, re oſnaidh dhaoine bochd, Nois èirgham, (dubhairt Dia:) dan dìon, o luchd bagridh an lochd. 6 Is fìorghlan briathar Dhé gu dearbh: amhluidh mar airgiod ê Do lèaghadh is do ghlanadh fòs, fa ſheachd an ſuacan crè. 7 Coimhedigh thus' iad uil', a Dhé díonigh tu iad do ghnà On ghinolachs' anois atann, o ſhoin amach gu bráth. 8 Gluaiſidh gach èn taobh luchd a nuilc, is togbhidh ſiad a ngceann; An tan do chuirfar ſuas gu hàrd na daoin' is ſuarigh 'tann. |
Scots Gaelic Synod of Argyle Metrical Psalms 1694 © Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society), 2018.
Scottish Bible Society