Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 2 - Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987


LAOIDH 37 Lùc. 2.8-15

1 Air bhith do bhuachaillean le chèil a' faireadh treud san oidhch, Thaisbeanadh aingeal dhaibh o nèamh, 's am magh lìon e le soills.

2 Bu mhòr an oillt, ach thuirt e riutha, na gabhaibh geilt no sgàth, Oir sgeul ro ait tha agam dhuibh, is do gach linn gu bràth.

3 'N‑diugh rugadh dhuibh am baile 'n Rìgh, an Slànaighear, seadh Crìosd, Feuch, cluinnibh uamsa comharra, le 'm mothaich sibh gur fìor:

4 An naoidhean nèamhaidh gheibh sibh 'n sin follais do rosgan dhaoin, 'S e paisgt an trusgan an‑uasal. 's na laigh am prasaich fhaoin.

5 Labhair an seraph seo, 's air ball bha 'm magh de dh'ainglean làn, A' seinn gu binn do Dhia na sìth, 's b' e seo bu bhrìgh don dàn,

6 “Gach glòr do Dhia sna nèamhan shuas, sìth bhuan air thalamh ta; Nochd Dia dheagh‑thoil don chinne‑daoin 's cha traogh am feasd a ghràdh.”


LAOIDH 38 Luc. 2.25-33

7 Do Shimeon an duine naomh dh'innseadh le Spiorad Dhia, Gu faiceadh e roimh uair a bhàis, an Slàn'ghear, Crìosd an Triath.

8 An gealladh sòlasach seo dh'fheith an naomh, o latha gu latha; Is cha do mhealladh e na dhùil, choileanadh chùis na tràth.

9 Nuair thugadh Ìosa rèir an lagh a‑staigh don teampall naomh. Do Shimeon dh'fhoillsicheadh cò e, le Spiorad nèimh gu saor.

10 Na ghàirdean aosda ghlac an naomh an naoidhean, 's thug e cliù Do Dhia, 's e seinn le aoibhneas àrd, 's le gàirdeachas na ghnùis.

11 “Nis leig dod òglach triall an sìth chum sìorraidheachd mar gheall; On chunnaic mi do shlàint, a Thriath mo thriall na bitheadh mall.

12 Na làmhan seo, a ghlac mo Rìgh, na glacadh nì na dhèidh; 'S na sùilean seo a chunnaic Crìosd, na faiceadh nì fon ghrèin.

13 “Tha 'n t‑slàinte gheall thu dhuinn o shean 's a cho‑gheall thu faraon. A' dearbhadh dhuinn gur fìor do ghràdh gu bràth don chinne‑daoin.

14 Seo Grian an àigh le 'm fògrar duibhr a' Gheintilich gun iùl, Is anns an cuir do theaghlach taght, clann Israeil, an dùil.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017

© Scottish Bible Society 1987, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan