Philipianach 2 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986Ioraslachd is mòrachd Chrìosd 1 Ma tha ur beatha ann an Crìosd a' toirt misneachd dhuibh, ma tha a ghràdh a' toirt comhfhurtachd dhuibh, ma tha sibh ag obrachadh còmhla anns an Spiorad, agus ma tha coibhneas agus truas agaibh do chàch-a‑chèile, 2 tha mi ag iarraidh oirbh gun toir sibh làn thoileachadh dhomh le bhith aonaichte nur n‑inntinn, aonaichte nur gràdh, agus aonaichte nur spiorad agus nur beachdan. 3 Na dèanaibh nì sam bith ann am fèinealachd, no air sgàth a bhith mòr, ach, ann an ioraslachd, cuireadh gach aon agaibh am fear eile air thoiseach air fhèin. 4 Na biodh sùil agaibh air ur math fhèin a‑mhàin, ach air math dhaoine eile. 5 Bithibh dhen aon inntinn ri Iosa Crìosd: 6 Bha esan dhen aon ghnè ri Dia, 's ged a bha an aon inbhe aige cha do shaoil e gum bu chòir dha a cumail. 7 Ach chuir e cùl ris gach urram 's ghabh e air fhèin gnè seirbhisich. Thàinig e dhan t‑saoghal mar dhuine 's a rèir a chruth, 's e duine a bh'ann. 8 Dh'ioraslaich e e fhèin, 's bha e cho umhail 's gun d'fhuiling e bàs — 's e sin bàs air crann-ceusaidh! 9 Air sàillibh sin, thog Dia e dhan àite as àirde, 's thug e dha an t‑ainm a tha os cionn gach ainm eile. 10 'S mar sin nuair a chluinneas iad an t‑ainm seo aig Iosa tuitidh a h‑uile neach air a ghlùinean, air nèamh 's air thalamh 's a‑measg nam marbh, 11 'S cuiridh gach teanga an cèill gur e Iosa Crìosd an Tighearna, 's bheir seo glòir do Dhia an t‑Athair. Aʼ deàrrsadh mar sholais 12 San aon dòigh, a chàirdean mo ghràidh, bhon a chleachd sibh riamh a bhith umhail, tha e nas fheumaile buileach gun toireadh sibh feairt orm a‑nise 's mi air falbh bhuaibh, dìreach mar a rinn sibh nuair a bha mi còmhla ribh. Leanaibh oirbh a' saothrachadh le eagal agus le urram gus am bi ur slàinte iomlan, 13 oir tha Dia an còmhnaidh ag obair annaibh, 's e gur dèanamh deònach gabhail ri a dheagh thoil, agus comasach air a cur an gnìomh. 14 Dèanaibh gach nì gun a bhith a' gearan no a' togail buaireadh, 15 's mar sin bidh sibh gun lochd, gun choire, agus aithnichte mar chlann Dhè, gun smal ann an saoghal a tha làn de dhaoine coirbte, peacach. Bithibh a' deàrrsadh nam measg mar na rionnagan anns na speuran, 16 nuair a bhios sibh a' tairgsinn dhaibh facal na beatha. Ma nì sibh sin, bidh adhbhar agam a bhith mòr asaibh air an là a thilleas Crìosd, oir 's e sin a dhearbhas nach robh mo rèis no mo shaothair gun tairbhe. 17 Ach mas e 's gu bheil mo bheatha-sa ga dòrtadh a‑mach mar thabhartas air an ìobairt a tha sibhse a' tairgsinn le ur creideamh, tha mise toilichte, 's tha mi a' dèanamh gàirdeachas còmhla ribh uile. 18 San aon dòigh, tha còir agaibhse a bhith toilichte, 's gàirdeachas a dhèanamh còmhla riumsa. Timòteus agus Epaphrodìtus 19 Tha làn dòchas agam ann an toil an Tighearna Iosa gun cuir mi Timòteus thugaibh a dh'aithghearr, gus am bi mi fhìn air mo mhisneachadh nuair a gheibh mi naidheachd mur deidhinn. 20 Chan eil fear eile agam a tha cho faisg air m'inntinn fhìn, 's air a bheil urad a dh'fhìor chùram mur deidhinn-se. 21 'S e an gnothaichean fhèin a tha fainear dhan h‑uile duine eile, 's chan e gnothaichean Chrìosd. 22 'S ann agaibh fhèin a tha fhios mar a dhearbh e cho luachmhor 's a tha e, oir shaothraich e còmhla rium, mar mhac còmhla ri athair, air sgàth an Deagh Sgèil. 23 Mar sin, tha mi an dùil a chur thugaibh cho luath 's a gheibh mi sealladh air dè a tha a' dol a thachairt dhomh. 24 Tha cinnt agam gur e toil an Tighearna gum bi mi fhìn air chomas tighinn thugaibh a dh'aithghearr. 25 Tha mi dhen bheachd gum feum mi ar bràthair Epaphrodìtus, a bha ag obair còmhla rium 's a' cathachadh rim thaobh, a chur air ais thugaibh. 26 'S e sibh fhèin a chuir thugams' e a dhèanamh seirbhis dhomh nuair a bha mi feumach. Tha mi ga chur air ais thugaibh, oir tha e gur n‑ionndrainn air fad, 's tha dragh air gun cuala sibh gu robh e tinn. 27 Gu dearbh, bha e cho tinn 's gun do theab e bàsachadh. Ach rinn Dia tròcair air, agus ormsa cuideachd, oir chùm e bhuam bròn a bharrachd air na bh'agam. 28 Mar sin, 's ann as togarraiche a tha mi ga chur thugaibh, gus am bi gàirdeachas oirbh a‑rithist nuair a chì sibh e, agus ma thachras sin, 's ann as lugha a bhios mo chùram fhìn. 29 Cuiribh fàilte air, ma tha, le fìor ghàirdeachas mar bhràthair anns an Tighearna. Thoiribh urram do gach neach dha leithid, 30 oir thàinig e faisg air a' bhàs air sgàth obair Chrìosd. Chuir e a bheatha an cunnart 's e a' feuchainn ri seirbhis a thoirt dhòmhsa nach robh e nur comas fhèin a thoirt dhomh. |