Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Philemoin 1 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Tha Pòl, a tha na phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd, agus ar bràthair Timòteus a' cur na litir seo gu ar co‑obraiche gràdhach Philèmon,

2 agus an eaglais a tha a' coinneachadh na thaigh; gu ar piuthair Aphia, agus gu Archipus a tha a' cathachadh còmhla rinn.

3 Gun robh gràs agus sìth agaibh bho Dhia ar n‑Athair agus bhon Tighearna Iosa Crìosd.


Gràdh agus creideamh Philèmoin

4 Tha mi a' toirt taing dham Dhia gach uair a tha mi gad chuimhneachadh 's ag ùrnaigh air do shon,

5 oir tha mi a' cluinntinn mar a tha thu a' gràdhachadh sluagh Dhè uile, agus a' cur d'earbsa anns an Tighearna Iosa.

6 Tha mi ag iarraidh gum bi an dàimh a tha eadarainn air sgàth do chreidimh a' toirt fìor eòlas dhuinn air gach nì math as urrainn dhuinn a dhèanamh airson Chrìosd.

7 A bhràthair chòir, tha do ghràdh a' toirt mòran aoibhneis agus misneachd dhomh, a chionns gun tug thu urad a thogail do chridheachan nan creidmheach.


Iarrtas as leth Onesimuis

8 Mar sin, dh'fhaodainn, nan tograinn, mar do bhràthair ann an Crìosd, a bhith cho dàna 's gun toirinn òrdugh dhut a thaobh dè as còir dhut a dhèanamh.

9 Ach air sgàth a' ghràidh a tha eadarainn, 's ann as fheàrr leam iarrtas a chur thugad. Tha mi a' dèanamh seo a dh'aindeoin 's gur mi Pòl, 's mi air tighinn gu aois, 's mi nise cuideachd nam phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd.

10 Tha m'iarrtas as leth Onesimuis, a thàinig gu bhith na mhac dhomh fhìn sa chreideamh nuair a bha mi sa phrìosan.

11 Bha àm ann nach robh e gu feum sam bith dhutsa, ach tha e a‑nise feumail dhutsa agus dhòmhsa.

12 Ged a tha gràdh mo chridhe agam air, tha mi ga chur air ais thugad.

13 Bu mhath leam a chumail ann an seo còmhla rium, gus an dèanadh e, nad àite fhèin, mo chuideachadh agus mi nam phrìosanach air sgàth an t‑Soisgeil.

14 Ach cha robh mi airson dad a dhèanamh gun do chead, gus am biodh tu deònach coibhneas a nochdadh led thoil fhèin 's chan ann ge b'oil leat.

15 Dh'fhaodadh gur ann airson gum biodh e còmhla riut gu bràth tuilleadh a bha Onesimus dealaichte bhuat airson greiseag.

16 Chan e dìreach seirbhiseach a th'ann tuilleadh, ach mòran a bharrachd; 's e th'ann ach bràthair gràdhach anns a' chreideamh. Air cho measail 's gu bheil e agamsa, bidh e nas measaile buileach agadsa an dà chuid mar dhuine agus mar chreidmheach anns an Tighearna.

17 Mar sin, ma tha thu gam mheas mar fhear-dàimh, gabh ris-san mar a ghabhadh tu rium fhìn.

18 Ma rinn e ole sam bith, no ma dh'fhalbh e le dad ort, cuir sin air a' chùnntais agamsa. Tha mise Pòl a' sgrìobhadh seo lem làimh fhìn: Pàighidh mise air ais thu.

19 Cha ruig mi a leas a chur nad chuimhne gur ann tromhamsa a tha beatha agad fhèin anns a' chreideamh.

20 Leis a sin, a bhràthair chòir, dèan thusa coibhneas dhòmhsa anns an Tighearna; thoir togail dham chridhe mar mo charaid ann an Crìosd.

21 Tha mi làn chinnteach, 's mi a' sgrìobhadh seo, gun dèan thu an rud a tha mi ag iarraidh — gu dearbh, gun dèan thu barrachd air na tha mi ag iarraidh.

22 Bu mhath leam cuideachd gun cuireadh tu seòmar air leth dhomh, oir tha dòchas agam gum freagair Dia na h‑ùrnaighean agaibh uile, 's gum bi mi air ais còmhla ribh.


Beannachdan san dealachadh

23 Tha Epaphras, a tha sa phrìosan còmhla rium air sgàth Iosa Crìosd, a' cur bheannachdan thugad,

24 agus cuideachd mo cho-obraichean Marcus, Aristarchus, Dèmas, agus Lùcas.

25 Gun robh gràs an Tighearna Iosa Crìosd a' gabhail còmhnaidh annaibh.

© Scottish Bible Society 1986, 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan