Marcus 9 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 19861 'S thuirt e riu, “Gu fìrinneach tha mi ag innse dhuibh gu bheil feadhainn nan seasamh ann an seo nach fhaigh bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè 's i air tighinn ann an cumhachd.” An Cruth-atharrachadh 2 Sia làithean an dèidh sin, thug Iosa leis Peadar, Seumas agus Eòin leo fhèin gu beinn àrd 's chaidh an cruth aige atharrachadh man coinneamh. 3 Thòisich an t‑aodach aige air dealradh. Bha e cho geal 's nach robh fear-glanadh-aodaich air thalamh a b'urrainn a dhèanamh cho soilleir. 4 Fhuair na deisciobail sealladh de dh' Eliah 's de Mhaois 's iad a' còmhradh ri Iosa. 5 Thuirt Peadar ris, “A Mhaighistir, nach math dhuinn gu bheil sinn ann an seo. Nach dèan sinn trì àiteachan-fasgaidh, fear dhutsa, fear do Mhaois agus fear eile do dh'Eliah.” 6 Cha robh fhios aige dè chanadh e, oir thàinig a leithid a dh'eagal orra. 7 Thàinig sgòth gan cuartachadh, 's chuala iad guth ás an sgòth, “Seo Mac mo ghràidh; èisdibh ris.” 8 Sheall iad man cuairt san dearbh mhionaid sin, 's chan fhaca iad duine tuilleadh ach Iosa fhèin còmhla riu. 9 Nuair a bha iad a' tighinn a‑nuas ás a' bheinn, thug e òrdugh dhaibh gun dad a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine o na mairbh. 10 Ghreimich iad air an fhacal sin, “èirigh o na mairbh”, 's bha iad a' beachdachadh dè bha e a' ciallachadh. 11 Dh'fhaighnich iad dheth, “Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gum feum Eliah tighinn an toiseach?” 12 Fhreagair e iad, “Gu cinnteach thig Eliah an toiseach, agus cuiridh e a h‑uile nì air dòigh. Nach eil e sgrìobhte mu Mhac an Duine gum feum e mòran fhulang 's a bhith air a chur suarach? 13 Tha mise ag ràdh ruibh gu bheil Eliah air tighinn mar-tha, 's rinn iad ris na thogair iad, mar a chaidh a sgrìobhadh ma dheidhinn.” Balach le Droch Spiorad air a Leigheas 14 Nuair a ràinig iad na deisciobail eile, chunnaic iad sluagh mòr timcheall orra agus sgrìobhaichean a' deasbad riu. 15 Cho luath 's a chunnaic iad Iosa, bha na daoine uile air an lìonadh le ioghantas, 's ruith iad thuige a chur fàilte air. 16 Dh'fhaighnich e dhiubh, “Dè an deasbad a tha a' dol nur measg?” 17 Fhreagair fear dhen t‑sluagh e, “A Mhaighistir, thug mise thugad mo mhac, oir tha droch spiorad ann a tha ga fhàgail balbh. 18 Aite sam bith san glac e e, bidh e ga thilgeil air an làr. Bidh an gille a' cur cop a‑mach ás a bheul, a' dìosgail le fhiaclan, 's a' fàs rag. Dh'iarr mi air do dheisciobail an spiorad a chur a‑mach ás, ach bha e thar an comais.” 19 Thuirt e riu, “A dhaoine gun chreideamh, dè cho fad 's a dh'fheumas mi a bhith còmhla ruibh? Dè cho fad 's a dh'fheumas mi cur leibh? Thoiribh thugam e.” 20 Thug iad am balach thuige. Nuair a chunnaic an spiorad Iosa, thòisich e a' riasladh a' bhalaich, 's thuit e, a' cur char dheth fhèin air an talamh, 's cop ri bheul. 21 Cheasnaich Iosa athair, “Dè cho fad 's a tha e air a bhith mar seo?” “Tha,” ars esan, “o bha e na leanabh. 22 'S iomadh uair a thilg an spiorad dhan uisge 's dhan teine e, 's e a' feuchainn ri mharbhadh. Ach mas urrainn dhutsa rud sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, 's cuidich sinn.” 23 Thuirt Iosa ris, “Mas urrainn dhut! Tha a h‑uile nì comasach dhan duine a chreideas.” 24 Anns a' mhionaid dh'eubh athair a' ghille, “Tha mi a' creidsinn, ach cuidich thusa mi a thaobh mo mhì-chreidimh.” 25 Nuair a chunnaic Iosa na daoine a' ruith an ceann a chèile, chronaich e an droch spiorad, 's thug e òrdugh dha, “Thusa a tha ga fhàgail balbh agus bodhar, gabh a‑mach ás, 's na rach a‑steach ann tuilleadh.” 26 Leig an droch spiorad eubh ás, agus chrath e am balach gu h‑uamhasach. Thàinig e a‑mach ás agus bha an gille cho coltach ri fear a bhiodh marbh 's gun tuirt a' chuid mhòr, “Tha e air bàsachadh.” 27 Ach rug Iosa air làimh air, 's e ga thogail, agus sheas am balach air a chasan. 28 Nuair a chaidh Iosa a‑steach, dh'fhaighnich a dheisciobail dheth 's iad leo fhèin, “Carson nach b'urrainn dhuinne an droch spiorad a thilgeil a‑mach?” 29 Thuirt e riu, “Cha ghabh an seòrsa spioraid seo a chur a‑mach ach le ùrnaigh.” Iosa a' Bruidhinn a‑rithist mu a Bhàs 30 Dh'fhalbh iad ás a sin 's chaidh iad troimh Ghalile. Cha robh Iosa airson gum biodh fhios aig duine sam bith gun robh e ann, 31 oir bha e a' teagasg a dheisciobail 's ag ràdh riu, “Bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do dhaoine agus marbhaidh iad e. An dèidh dha a bhith air a chur gu bàs, èiridh e a‑rithist an ceann trì là.” 32 Cha robh iad a' tuigsinn a theagaisg, 's cha leigeadh an t‑eagal leo a cheasnachadh. Cò as Motha Inbhe? 33 Thàinig iad gu Capernàum. Nuair a bha e san taigh, dh'fhaighnich e dhiubh, “Cò air a bha sibh a' deasbad air an rathad?” 34 Cha tuirt iad guth, oir 'se an rud a bha iad a' deasbad, cò am fear aca a bu mhotha inbhe. 35 An dèidh dha suidhe, ghairm e thuige an dà fhear dheug 's thuirt e riu, “Ma tha fear sam bith ag iarraidh a bhith air thoiseach, bidh e air dheireadh air càch uile, 's na sheirbhiseach aig càch.” 36 Ghabh e an‑uairsin leanabh agus chuir e na sheasamh e nam measg. Chuir e a ghàirdeanan timcheall air agus thuirt e riu, 37 “Ma ghabhas duine sam bith ri leanabh nam ainm-sa, tha e a' gabhail riumsa, agus duine sam bith a ghabhas riumsa, chan ann riumsa a tha e a' gabhail, ach ria-san a chuir an seo mi.” Cò tha leinn? 38 Thuirt Eòin ris, “A Mhaighistir, chunnaic sinne fear a' tilgeil a‑mach dhroch spiorad nad ainm-sa, 's chuir sinn stad air, a chionns nach robh e gar leantainn.” 39 Ach thuirt Iosa riu, “Na cuiribh stad air idir, oir ma nì duine sam bith mìorbhailean nam ainm-sa, chan urrainn dha aig an aon àm facal olc a ràdh mam dheidhinn. 40 Oir an duine nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn. 41 Ma bheir duine sam bith deoch uisge dhuibh ri h‑òl nam ainm-sa, a chionns gur ann le Crìosd a tha sibh, gu fìrinneach tha mi ag ràdh ruibh gum bi a dhuais cinnteach dha. “Geàrr dhiot i” 42 “Ma chuireas neach sam bith cnap-starra roimh aon dhen fheadhainn as lugha a tha a' creidsinn annamsa, b'fheàrr dha a bhith air a thilgeil anns a' mhuir agus clach-mhuilinn ma amhaich. 43 Ma bheir do làmh ort peacachadh, geàrr dhiot i; 's fheàrr a dhol a‑steach dhan bheatha air aon làimh na a dhol le dà làimh a theine ifrinn, nach gabh a mhùchadh. [ 44 ] 45 'S mas e do chas a bheir ort peacachadh, geàrr dhiot i; 's fheàrr a dhol a‑steach dhan bheatha air aon chois na dà chois a bhith agad 's a bhith air do thilgeil a dh'ifrinn far nach tèid an teine a mhùchadh. [ 46 ] 47 'S mas e do shùil a bheir ort peacachadh, spìon asad i; 's fheàrr a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè le aon sùil na dà shùil a bhith agad 's a bhith air do thilgeil a dh'ifrinn, 48 far nach bàsaich a' chnuimh a tha gan ithe, 's far nach tèid an teine ás. 49 “Oir thèid gach duine a ghlanadh le teine. 50 Tha an salann math, ach ma chailleas an salann a shaillteachd, dè shailleas a‑rithist e? “Biodh buaidh an t‑salainn agaibh annaibh fhèin, agus bithibh beò ann an sìth ri chèile.” |