Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 6 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986


Iosa ann an Nàsaret

1 Dh'fhalbh e ás an àite gu a dhùthaich fhèin, agus chaidh a dheisciobail còmhla ris.

2 Nuair a thàinig an t‑Sàbaid thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog. Ghabh mòran de na chuala e ioghnadh, 's thuirt iad, “Càite an d'fhuair esan na nithean seo, 's dè an seòrsa gliocais a thugadh dha, nuair a tha e a' dèanamh a leithid sin a mhìorbhailean le a làmhan fhèin?

3 Nach e seo an saor, mac Moire agus bràthair Sheumais is Iòseis is Iùdais is Shìmoin, 's nach eil a pheathraichean ann an seo nar measg?” Chan fhaigheadh iad seachad air a' chnap-starra seo.

4 Thuirt Iosa riu, “Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin, 's a‑measg a dhaoine fhèin agus na theaghlach fhèin.”

5 Cha b'urrainn dha mìorbhail sam bith a dhèanamh ann an sin, ach a‑mhàin gun do chuir e a làmhan air corra dhuine tinn 's gun do leighis e iad.

6 Chuir e ioghnadh air nach robh creideamh idir aca. Chuir e cuairt timcheall nam bailtean a' teagasg.


An Dà Fhear Dheug a' Dol a‑mach

7 Ghairm e thuige dà fhear dheug agus thòisich e air an cur a‑mach, dithis is dithis còmhla, 's thug e dhaibh ùghdarras thairis air na droch spioradan.

8 Thug e òrdugh dhaibh gun nì a bhith aca air son na slighe ach bata a‑mhàin, gun aran a bhith aca no màileid no airgead sam bith nan crios,

9 ach brògan a chur orra 's gun a bhith orra fon cleòc ach aon lèine.

10 Thuirt e riu, “Nuair a thèid sibh a‑steach a thaigh air aoigheachd, fanaibh ann an sin gus am fàg sibh am baile sin.

11 Agus ma bhios àite sam bith ann nach cuir fàilte oirbh agus far nach fhaigh sibh èisdeachd, gabhaibh a‑mach ás agus crathaibh an stùr far ur casan mar fhianais na aghaidh.”

12 Chaidh iadsan a‑mach agus shearmonaich iad gum bu chòir do dhaoine aithreachas a dhèanamh.

13 Thilg iad a‑mach mòran dheamhan, 's dh'ung iad le ola mòran a bha tinn, agus leighis iad iad.


Bàs Eòin Bhaist

14 Chuala an Rìgh Herod man a seo, oir bha cliù Iosa air a dhol fad is farsaing, agus bha cuid ag ràdh, “Tha Eòin Baist air èirigh o na mairbh; 'se sin as coireach gu bheil na cumhachdan seo ag obrachadh ann.”

15 Thuirt feadhainn eile, “'Se Eliah a th'ann,” agus feadhainn eile a rithist, “'Se th'ann fear dhe na fàidhean o shean.”

16 Ach nuair a chuala Herod e, thuirt e, “'Se th'ann ach Eòin, an dearbh fhear a chuir mise an ceann dheth.”

17 'Se Herod fhèin a dh'òrdaich Eòin a chur an sàs, agus b'esan a cheangail sa phrìosan e. Rinn e seo air sgàth Heròdiais, bean a bhràthar Philip, a bha a‑nis pòsda aige fhèin,

18 oir bhiodh Eòin ag ràdh ris, “Chan eil e ceart dhutsa bean do bhràthar a bhith agad.”

19 Mar sin bha droch rùn aig Heròdias a dh'Eòin, agus bha i airson a chur gu bàs, ach cha b'urrainn dhi,

20 oir bha an t‑eagal aig Herod roimhe. Bha e a' tuigsinn gur e duine ceart, duine le Dia, a bh'ann, 's bha e mar sin ga chumail sàbhailte. Bha na rudan a bha Eòin ag ràdh a' dèanamh dragh mòr dha, ach air a shon sin bu mhath leis a bhith ag èisdeachd ris.

21 Fhuair Heròdias a cothrom air là‑breith Herod, nuair a thug esan dìnnear dha na h‑uaislean 's dha na h‑àrd-oifìgich's do dh'urracha mòra Ghalile.

22 Thàinig nighean Heròdiais a‑steach a dhannsa, agus chòrd i gu mòr ri Herod agus ris na h‑aoighean. Thuirt an rìgh ris an nighinn, “Iarr rud sam bith orm 's bheir mi dhut e.”

23 Bhòidich e dhi, “Rud sam bith a dh'iarras tu orm, bheir mi dhut e, gu ruig leth mo rìoghachd.”

24 Chaidh ise a‑mach, 's thuirt i ri a màthair, “Dè dh'iarras mi?” Thuirt ise, “Ceann Eòin Bhaist.”

25 Thill i sa mhionaid na cabhaig a dh'ionnsaigh an rìgh agus thuirt i, “Tha mi ag iarraidh ort ceann Eòin Bhaist a thoirt dhomh gun dàil air truinnsear.”

26 Chuir e mulad mòr air an rìgh, ach air sgàth nam bòidean a thug e 's nan aoighean a bha an làthair, cha robh e airson a diùltadh.

27 Thug an rìgh òrdugh do shaighdear a dhol a‑mach agus ceann Eòin a thoirt a‑steach. Dh'fhalbh e, 's chuir e an ceann dheth sa phrìosan,

28 's thàinig e leis a' cheann air truinnsear. Thug e dhan nighinn e, 's thug ise dha màthair e.

29 Nuair a chuala deisciobail Eòin seo, thàinig iad 's thug iad leo an corp agus thiodhlaig iad e ann an uaigh.


Aʼ Biadhadh nan Còig Mìle

30 Thàinig na h‑abstoil còmhla a‑rithist far an robh Iosa, 's dh'innis iad dha na bha iad a' dèanamh 's a' teagasg.

31 Thuirt e riu, “Thigibhse an dara taobh gu àite uaigneach, 's leigibh ur n‑anail car greise.” Oir bha mòran dhaoine a' falbh 's a' tighinn, 's cha robh cothrom aca fiù 's grèim bìdh a ghabhail.

32 Dh'fhalbh iad sa bhàta gu àite uaigneach leo fhèin.

33 Ach chunnaic mòran dhaoine iad a' falbh, 's dh'aithnich iad cò bh'ann. Thog iad orra dhan cois, a' ruith a‑mach ás na bailtean uile, 's ràinig iad an t‑àite rompa.

34 Nuair a bha Iosa a' dol air tìr, chunnaic e sluagh mòr, 's ghabh e truas riu, a chionns gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, 's thòisich e air mòran rudan a theagasg dhaibh.

35 Nuair a dh'fhàs e anmoch, thàinig a dheisciobail thuige 's thuirt iad, “'Se àite aonaranach a tha seo, 's tha e a‑nis anmoch.

36 Cuir air falbh iad, gus an tèid iad a‑steach dha na bailtean man cuairt 's gun ceannaich iad rudeigin a dh'itheas iad.”

37 Ach fhreagair esan, “Thoiribh fhèin dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.” Thuirt iadsan, “Am falbh sinne a cheannach luach dà cheud denàrius a dh'aran air son a thoirt dhaibh ri ithe?”

38 Thuirt esan riu, “Co mheud bonnach a th'agaibh? Falbhaibh's faicibh.” Nuair a chunnaic iad dè bh'aca, thuirt iad, “Tha còig, is dà iasg.”

39 Dh'iarr e orra uile suidhe nam buidheannan air an fheur ghorm,

40 's shuidh iad sìos gu h‑òrdail nan ceudan 's nan leth-cheudan.

41 Ghabh e thuige na còig bonnaich 's an dà iasg, thog e a shùilean gu nèamh, 's dh'iarr e beannachd orra. Bhrist e na bonnaich, 's thug e dha dheisciobail iad gus an riarachadh air an t‑sluagh, 's roinn e an dà iasg air na bh'ann.

42 Dh'ith iad uile, 's bha iad air an sàsachadh.

43 Bha air fhàgail gun ithe dhen aran 's dhen iasg na lìonadh dà bhasgaid dheug.

44 A thuilleadh air càch, bha còig mìle fear air a bhith ag ithe.


Iosa a' Coiseachd air an Loch

45 Dh'iarr e an‑uairsin air a dheisciobail a dhol sa bhàta chun an taobh eile, a‑null gu Betsaida, air thoiseach air, fhad 's a bha esan a' leigeil an t‑sluaigh ma sgaoil.

46 Nuair a dh'fhàg e beannachd aca, dh'fhalbh e dhan mhonadh a dhèanamh ùrnaigh.

47 Nuair a thàinig an oidhche, bha am bàta an teis meadhon an loch, 's esan leis fhèin air tìr.

48 Nuair a chunnaic e gun robh iad a' strì ris na ràimh, a chionns gun robh a' ghaoth nan aghaidh, thàinig e thuca eadar trì is sia uairean sa mhadainn, a' coiseachd air an loch, 's e am beachd a thighinn còmhla riu.

49 Ach nuair a chunnaic iadsan e a' coiseachd air an loch, bha iad an dùil gur e taibhs a bh'ann, 's leig iad eubh asda,

50 oir chunnaic iad uile e, 's ghabh iad eagal am beatha. Ach bhruidhinn esan riu san spot, 's thuirt e, “Biodh deagh shunnd oirbh; 's mise a th'ann, na biodh eagal oirbh.”

51 Chaidh e a‑steach dhan bhàta còmhla riu, 's shìolaidh a' ghaoth. Chuir seo ioghnadh mòr orra,

52 oir cha do thuig iad mar a thachair leis an aran, a chionns gun robh an cridheachan air an cruadhachadh.


Iosa ann an Genesaret

53 Nuair a ràinig iad an taobh thall, cheangail iad am bàta aig Genesaret.

54 Cho luath 's a thàinig iad a‑mach ás a' bhàta, dh'aithnich na daoine e,

55 's dh'fhalbh iad air feadh na sgìre uile a' toirt leo dhaoine tinne air leapannan gu àite sam bith far an robh sgeul air Iosa.

56 Agus an àite sam bith dhan tàinig e, am bailtean beaga rio mòra, no air an dùthaich, bha iad a' cur nan daoine tinne sìos am meadhon an àite, 's ag iarraidh cead beantainn ri iomall aodaich. 'S bha a h‑uile duine a bheanadh dha a' faighinn slàinte.

© Scottish Bible Society 1986, 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan