Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 16 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986


“Chaidh a thogail o na Mairbh”

1 Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri à Magdala, Màiri màthair Sheumais, agus Salome cungaidhean cùbhraidh airson a dhol ga ungadh.

2 Glè thràth sa mhadainn air a' cheud là dhen t‑seachdain, nuair a dh'èirich a' ghrian, chaidh iad chun na h‑uaighe.

3 Bha iad ag ràdh ri cach-a‑chèile, “Cò chuireas car dhen chloich a th'aig doras na h‑uaighe?”

4 Ach nuair a thug iad sùil, chunnaic iad gun robh a' chlach air a gluasad air falbh, 's b'e clach mhòr, mhòr a bh'innte.

5 Nuair a chaidh iad a‑steach dhan uaigh, chunnaic iad fear òg na shuidhe air an taobh dheas ann an aodach fada geal, 's ghabh iad an t‑eagal.

6 Ach thuirt esan riu, “Na biodh eagal sam bith oirbh. Tha sibh a' lorg Iosa o Nàsaret, a bha air a cheusadh. Chaidh a thogail o na mairbh, chan eil e ann an seo. Seallaibh, sin an t‑àite far an do chàirich iad e.

7 Falbhaibh, 's canaibh ri a dheisciobail agus ri Peadar gu bheil e a' dol air thoiseach orra a Ghalile, 's gum faic iad ann an sin e, mar a thuirt e‑fhèin riu.”

8 Chaidh iad a‑mach 's theich iad bhon uaigh, oir bha iad air chrith leis an ioghnadh a ghabh iad, 's cha leigeadh an t‑eagal leo guth a ràdh ri duine.


Iosa a' Coinneachadh ri Màiri

9 An dèidh do dh'Iosa èirigh o na mairbh, tràth sa mhadainn air a' cheud là dhen t‑seachdain, b'e Màiri à Magdala, an tè ás an do chuir e seachd deamhain, a' cheud neach dhan do nochd e e‑fhèin.

10 Dh'fhalbh ise 's dh'innis i e dhan fheadhainn a bha air a bhith còmhla ris, 's iad fhathast a' caoidh 's a' gal.

11 Ach nuair a chuala iadsan gun robh e beò, 's gum faca ise e, cha robh iad ga creidsinn.


Dithis ga Fhaicinn

12 An dèidh seo chaidh a nochdadh ann an cruth eile do dhithis dhiubh, 's iad a' gabhail an rathaid a‑mach dhan dùthaich.

13 Thill iadsan, 's dh'innis iad e do chàch, ach cha do chreid iad iadsan na bu mhotha.


Na Deisciobail ga Fhaicinn

14 Mu dheireadh, chaidh a nochdadh dhan aon fhear deug iad-fhèin, 's iad nan suidhe a' gabhail am bìdh. Chronaich e iad airson an cion creidimh agus cruas an cridhe, nach do chreid iad an fheadhainn a bh'air fhaicinn an dèidh dha èirigh o na mairbh.

15 Thuirt e riu, “Rachaibh a‑mach air feadh an t‑saoghail, agus searmonaichibh an Deagh Sgeul do gach creutair.

16 An neach a chreideas 's a thèid a bhaisteadh, bidh e air a shàbhaladh, ach an neach nach creid, bidh e air a dhìteadh.

17 Bidh na comharran seo rim faighinn air an fheadhainn a chreideas: tilgidh iad a‑mach deamhain nam ainm-sa; bruidhnidh iad le cànanan ùra;

18 togaidh iad nathraichean-nimhe len làmhan agus ma dh'òlas iad puinnsean marbhtach, cha dèan e cron sam bith orra. Cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, 's thèid an slànachadh.”


Iosa air Nèamh

19 An dèidh dhan Tighearna Iosa a bhith a' bruidhinn riu, chaidh a thogail suas gu nèamh, agus shuidh e aig deaslàimh Dhè.

20 Chaidh iadsan a‑mach 's shearmonaich iad anns gach àite. Bha an Tighearna ag obair còmhla riu, 's a' dearbhadh leis na comharran a lean na luib gun robh am facal fìor.

© Scottish Bible Society 1986, 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan