Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 15 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986


Iosa agus Pìlat

1 Aʼ cheud char sa mhadainn, thàinig na h‑àrd-shagairt, na h‑athraichean 's na sgrìobhaichean an ceann a chèile; bha an àrd-chomhairle gu lèir cruinn. Cheangail iad Iosa, 's shlaod iad leo e, ga thoirt thairis do Phìlat.

2 Dh'fhaighnich Pìlat dheth, “An tusa rìgh nan Iùdhach?” Fhreagair esan, “'S tu‑fhèin a thubhairt e.”

3 Bha na h‑àrd-shagairt a' cur mòran rudan ás a leth.

4 Dh'fhaighnich Pìlat dheth a‑rithist, “Nach eil nì sam bith agad ri ràdh? Seall na tha iad a' togail nad aghaidh.”

5 Ach cha tuirt Iosa an còrr, 's chuir seo ioghnadh air Pìlat.


“Ceus e!”

6 A‑nis, aig a h‑uile Fèill-Càisge, bha e na chleachdadh aig Pìlat aon phrìosanach a leigeil ma sgaoil, fear sam bith a dh'iarradh iad.

7 Bha fear ris an canadh iad Barabas air a churnail fo ghlais còmhla ris na reubaltaich eile a rinn mort ann an ar‑a‑mach an aghaidh an riaghaltais.

8 Thàinig an sluagh far an robh Pìlat agus dh'iarr iad air dèanamh dhaibh mar a chleachd e.

9 Thuirt esan riu, “Am bu mhath leibh gun leiginn rìgh nan Iùdhach ma sgaoil dhuibh?”

10 Oir bha e a' tuigsinn gum b'e farmad a thug air na h‑àrd-shagairt Iosa a chur an sàs.

11 Ach phiobraich na h‑àrd-shagairt an sluagh feuch an leigeadh e ás Barabas dhaibh an àite Iosa.

12 Thuirt Pìlat riu a‑rithist, “Dè bu mhath leibh mi a dhèanamh leis an fhear ris an can sibh rìgh nan Iùdhach?”

13 Dh'eubh iadsan ris, “Ceus e!”

14 Thuirt Pìlat riu, “Carson; dè an t‑olc a rinn e?” Ach dh'eubh iadsan na b'àirde buileach, “Ceus e!”

15 Bha Pìlat air son an sluagh a riarachadh, 's leig e ás Barabas dhaibh. Thug e orra Iosa a chuipeadh, 's an‑uairsin thug e thairis e gu bhith air a cheusadh.


Na Saighdearan a' Magadh air

16 Dh'fhalbh na saighdearan leis a‑steach dhan lùchairt ris an canadh iad am Praetorium, agus ghairm iad còmhla an còrr dhen àireamh.

17 Chuir iad cleòca purpaidh air, 's dh'fhigh iad crùn dhrisean 's chuir iad ma cheann e.

18 Thòisich iad air fhàilteachadh, ag ràdh ris, “Slàn gum bì thu, a rìgh nan Iùdhach!”

19 Bha iad ga bhualadh air a' cheann le slait-chuilc. Bha iad a' tilgeil smugaidean air 's a' dol air an glùinean mar gum biodh iad a' toirt urraim dha.

20 An dèidh dhaibh magadh a dhèanamh air, thug iad dheth an cleòca purpaidh, 's chuir iad aodach fhèin air. Dh'fhalbh iad leis airson a cheusadh.


Iosa air a Cheusadh

21 Thachair gun robh Iùdhach à Cirene a' gabhail seachad 's e air a shlighe a‑steach bhon dùthaich. Rinn iad grèim airsan, 's thug iad air crann-ceusaidh Iosa a ghiùlan. ('Se Sìmon an t‑ainm a bh'air, athair Alasdair is Rùfais.)

22 Thug iad Iosa a dh'ionnsaigh an àite ris an canadh iad Golgòta, 'se sin ri ràdh, Aite a' Chlaiginn.

23 Bha iad a' tairgse dha fìon air a mheasgadh le mirr, ach cha ghabhadh e idir e.

24 Agus cheus iad e. Roinn iad a chuid aodaich nam measg fhèin, a' cur chrann feuch dè gheibheadh gach fear.

25 Bha e naoi uairean sa mhadainn nuair a cheus iad e.

26 'Se an nì a bha sgrìobhte mar adhbhar a dhìtidh: RIGH NAN IUDHACH.

27 Còmhla ris cheus iad dithis robairean, fear air a làimh dheis, 's am fear eile air a làimh chlì. [

28 ]

29 Bha an fheadhainn a bha a' dol seachad a' dèanamh fanaid air, 's iad a' crathadh an cinn, 's ag ràdh, “Huh! 'S tusa am fear a bha a' dol a leagail an teampaill, 's ga thogail a‑rithist an ceann trì là!

30 Sàbhail thu-fhèin, 's thig a‑nuas dhen chrann!”

31 Air an aon dòigh bha na h‑àrd-shagairt 's na sgrìobhaichean a' fanaid air nam measg fhèin, 's ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile, ach chan eil e na chomas e‑fhèin a shàbhaladh.

32 Thigeadh a‑nis an Crìosd, Rìgh Israel, a‑nuas bhon chrann-cheusaidh 's gum faic sinn e ga dhèanamh, 's gun creid sinn ann.” Bha an fheadhainn a chaidh a cheusadh còmhla ris a' dèanamh tàir air cuideachd.


Bàs Iosa

33 Aig meadhon-là, thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir, a mhair gu trì uairean feasgar.

34 Aig trì uairean, dh'eubh Iosa le guth mòr, “Eloi, Eloi, lama sabachthani?”, 'se sin ri ràdh, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a tha thu air mo thrèigsinn?”

35 Nuair a chuala feadhainn dhe na bha nan seasamh man cuairt an glaodh aige, thuirt iad, “Eisdibh! Tha e a' gairm air Eliah.”

36 Ruith fear thuige le spuinns air a lìonadh le fìon geur. Shìn e dha air cuilc i, feuch an òladh e, 's e ag ràdh, “Fàgaibh e 's gum faic sinn an tig Eliah ga thoirt a‑nuas bhon chrann.”

37 Leig Iosa eubh mhòr ás, 's dh'fhalbh an anail ás.

38 'S bha cùirtear an teampaill air a shracadh na dhà leth, bho mhullach gu bonn.

39 Nuair a chunnaic an t‑oifigeach a bha na sheasamh ma choinneamh mar a chrìochnaich e, thuirt e, “Chan eil teagamh nach e Mac Dhè a bha san fhear seo.”

40 Bha boireannaich ann cuideachd a bha ga choimhead pìos bhuaithe. Nam measg bha Màiri à Magdala, Màiri màthair Sheumais Oig is Ioseis, agus Salome.

41 Nuair a bha e ann an Galile, bhiodh iad seo ga leantainn 's a' frithealadh dha. Bha mòran bhoireannaich eile ann cuideachd a thàinig suas a dh'Ierusalem còmhla ris.


Iosa san Uaigh

42 Nuair a thàinig am feasgar, a chionns gur e là an ullachaidh a bh'ann, an là ron t‑Sàbaid, nochd Iòseph à Arimatèa,

43 fear a bha ainmeil anns a' chomhairle. Bha dùil aigesan e‑fhèin ri rìoghachd Dhè. Bha de mhisneach aige 's gun deach e a‑steach gu Pìlat, 's dh'iarr e corp Iosa air.

44 Chuir e ioghnadh air Pìlat gun robh Iosa marbh cho luath. Chuir e fios air oifigeach, 's dh'fhaighnich e dheth an robh Iosa dha-rìribh marbh.

45 Nuair a chuala e bhuaithe gun robh e marbh, thug e an corp do dh'Iòseph.

46 Cheannaich esan lèine-mharbh, 's nuair a thug e Iosa a‑nuas, phaisg e san anart e. Chàirich e an‑uairsin e ann an uaigh a chaidh a chladhach a‑mach ás a' chreig, 's rinn e clach a charadh gu doras na h‑uaighe.

47 Bha Màiri à Magdala agus Màiri màthair Ioseis a' gabhail beachd air an àite far an deach an corp a chur.

© Scottish Bible Society 1986, 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan