Marcus 11 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986Iosa a' Dol a‑steach a dh'Ierusalem 1 Nuair a thàinig iad faisg air Ierusalem, Betphage agus Betani, 's iad aig Beinn nan Craobh-ola, dh'iarr e air dithis dhe dheisciobail a bhith gabhail air thoiseach. 2 'S thuirt e riu, “Falbhaibh dhan bhaile a tha mur coinneamh, 's cho luath 's a thèid sibh a‑steach ann, lorgaidh sibh asal òg 's e air a cheangal. Cha robh duine riamh ga mharcachd. Fuasglaibh e 's thoiribh thugam e. 3 Ma dh'fhaighnicheas duine sam bith carson a tha sibh a' dèanamh seo, their sibh ris gu bheil feum aig an Tighearna air 's gun cuir e air ais e gun dàil.” 4 Dh'fhalbh iad 's fhuair iad an t‑asal 's e air a cheangal a‑muigh air an t‑sràid, aig doras taighe. Nuair a bha iad ga fhuasgladh, 5 thuirt feadhainn a bha nan seasamh an sin, “Dè tha sibh a' dèanamh, a' fuasgladh an asail?” 6 Fhreagair iadsan dìreach mar a thuirt Iosa riu, 's leig na daoine leo falbh. 7 Thug iad an t‑asal gu Iosa, 's nuair a thilg iad an còtaichean air, chaidh esan air a mhuin. 8 Sgaoil mòran dhaoine an còtaichean air an rathad. Sgaoil feadhainn eile geugan a bha iad air a ghearradh sna h‑achaidhean. 9 Bha feadhainn a' dol air thoiseach air agus feadhainn a' tighinn ás a dhèidh, 's iad ag eubhach, “Hosana! Beannachd air an fhear a tha tighinn ann an ainm an Tighearna! 10 Beannachd air an rìoghachd a tha tighinn, rìoghachd ar n‑athar Dàibhidh! Hosana anns na nèamhan!” 11 Nuair a ràinig e Ierusalem, chaidh e a‑steach dhan teampall, 's sheall e man cuairt air gach nì. On a bha e nise a' fàs anmoch, chaidh e a‑mach a Bhetani còmhla ris an dà fhear dheug. Iosa 's a' Chraobh-fhìge 12 An ath là, 's iad air a thighinn a‑mach à Betani, thàinig an t‑acras air. 13 Astar bhuaithe chunnaic e craobh-fhìge 's i fo dhuilleach. Chaidh e a dh'fhaicinn am faigheadh e dad oirre, ach cha d'fhuair e nì ach duilleach, oir cha robh àm nam fìgean ann fhathast. 14 Thuirt Iosa ris a' chraoibh, “Chan ith duine sam bith toradh dhiotsa gu bràth tuilleadh.” Chuala na deisciobail an nì a thubhairt e. Iosa san Teampall 15 Nuair a thàinig iad gu Ierusalem, chaidh Iosa a‑steach dhan teampall. Bha daoine ann an sin a' reic 's a' ceannach, 's thòisich e air an sadadh a‑mach. Thilg e bun-os‑cionn bùird na feadhainn a bha ag iomlaid an airgid agus suidheachain nan daoine a bha a' reic nan calman; 16 's cha leigeadh e le duine sam bith dad a ghiùlan troimh chùirt an teampaill. 17 An‑uairsin thòisich e air na daoine a theagasg, 's thuirt e riu, “Nach eil e sgrìobhte: ‘'Se taigh-ùrnaigh dha na cinnich uile a bhios nam thaigh-sa’; ach rinn sibhse cùil dha na mèirlich dheth.” 18 Chuala na h‑àrd-shagairt 's na sgrìobhaichean seo, 's bha iad a' feuchainn ri dòigh fhaighinn air cur ás dha. Bha eagal orra roimhe a chionns gun robh a theagasg a' cur ioghnadh mòr air a h‑uile duine. 19 Ann an ciaradh an fheasgair, chaidh iad a‑mach ás a' bhaile. A' Chraobh-fhìge air Crìonadh 20 Tràth sa mhadainn nuair a bha iad a' dol seachad, chunnaic iad a' chraobh-fhìge 's i air crìonadh gu ruig na freumhan. 21 Chuimhnich Peadar air na thachair 's thuirt e ri Iosa, “A Mhaighistir, seall! Tha a' chraobh-fhìge a mhallaich thu air seargadh.” 22 Fhreagair Iosa iad, “Biodh creideamh agaibh ann an Dia. 23 Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh, ma chanas duine sam bith ris a' bheinn seo, ‘Eirich agus tilg thu-fhèin sa mhuir’, 'se sin a nì i ma bhios an duine gun teagamh aige na chridhe, 's e a' creidsinn gun tachair an rud a tha e ag iarraidh. 24 San aon dòigh tha mi ag ràdh ruibh, ma dh'iarras sibh rud sam bith ann an ùrnaigh, creidibh gu bheil e agaibh, agus gheibh sibh e. 25 'S ma tha dad agaibh an aghaidh duine sam bith nuair a sheasas sibh ag ùrnaigh, thoiribh mathanas dha, 's bheir ur n‑athair anns na nèamhan mathanas dhuibhse air son ur peacaidhean.” [ 26 ] “Dè an t‑Ughdarras a th'agad?” 27 Thill iad a‑rithist gu Ierusalem. Nuair a bha e a' coiseachd anns an teampall, thàinig na h‑àrd-shagairt, na sgrìobhaichean agus athraichean an t‑sionagoig thuige, 28 's thuirt iad ris, “Dè an t‑ùghdarras a tha agad gu bhith a' dèanamh nan nithean seo, agus cò a thug an t‑ùghdarras seo dhut?” 29 Thuirt Iosa riu, “Cuiridh mise dìreach aon cheist oirbhse, 's ma fhreagras sibh i, innsidh mise dhuibh dè an t‑ùghdarras a th'agam gu bhith a' dèanamh nan nithean seo. 30 Nuair a bha Eòin a' baisteadh, an ann bho Dhia no bho dhaoine a bha an t‑ùghdarras aige? Thoiribh freagairt dhomh.” 31 Bha iad a' deasbad ri cach-a‑chèile: “Ma their sinn gur ann bho nèamh a bha e, their esan, ‘Carson a‑rèisd nach do chreid sibh ann?’ 32 Ach ma their sinn gur ann bho dhaoine a bha e…” (Bha eagal orra ron t‑sluagh, oir bha a h‑uile duine dhen bheachd gur e fàidh a bha ann an Eòin an ceart da‑rìribh.) 33 Mar sin thuirt iad ris, “Chan eil fhios againn.” Thuirt Iosa riu, “Cha mhò a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th'agamsa gu bhith dèanamh nan rudan seo.” |