Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Tìtus 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Air ar Sàbhaladh airson Maith a Dhèanamh

1 Cuimhnich dhaibh iad fhèin a chur fo riaghladairean 's fo ùghdarrasan, a bhith umhail, a bhith deiseil airson a h‑uile deagh obrach,

2 gun olc a ràdh mu dhuine sam bith, gun a bhith connspaideach, a bhith caomh, gach neach a' sealltainn macantas dhan h‑uile duine.

3 Oir bha sinne, sinn fhèin cuideachd, uaireigin amaideach, eas‑umhail, air seachran, nar tràillean do dh'ana‑miannan is do thlachdan de gach seòrsa, a' cur seachad ar beatha ann am mì‑rùn is ann am farmad, fuathach, 's a' toirt fuath dha chèile.

4 Ach nuair a nochd an coibhneas agus an gràdh aig Dia ar Slànaighear do dhaoine,

5 shàbhail e sinn chan ann tro obraichean ceartais a rinn sinn, ach a rèir a thròcaire fhèin, tro ghlanadh an ath‑ghineamhainn is tro ath‑nuadhachadh an Spioraid Naoimh,

6 a dhòirt e oirnn gu pailt tro Ìosa Crìosd ar Slànaighear,

7 agus, air ar fìrinneachadh tro a ghràs‑san, bhitheamaid nar n‑oighreachan a rèir dòchais na beatha shìorraidh.

8 Is fìor am facal seo, agus mu na rudan seo bu mhath leam gun dearbhadh tu iad gu làidir, airson 's gum bi iadsan, a th' air creidsinn ann an Dia, cùramach a bhith coisrigte do dheagh obraichean. Tha na rudan seo math is tairbheach do dhaoine.

9 Ach seachain ceistean amaideach is sloinntearachd is connspaidean is argamaidean mun lagh. Tha iad gun tairbhe agus faoin.

10 Às dèidh a' chiad 's an dara cronachadh, seachainn fear a tha connspaideach.

11 Biodh fios agad gu bheil a leithid sin de dhuine rag‑mhuinealach, agus a' peacachadh 's air e fhèin a dhìteadh.


Faclan Deireannach

12 Nuair a chuireas mi thugad Artemas, no, Tichicus, dèan dìcheall tighinn thugam gu Nicopolis; oir is ann an sin a chuir mi romham an geamhradh a chur seachad.

13 Cuir air adhart Senas, am fear‑lagha, agus Apollos gu dìcheallach, airson 's nach bi sìon a dhìth orra.

14 Ionnsaicheadh na daoine againne cuideachd a bhith adhartach ann an deagh obraichean airson feumalachdan riatanach, gus nach bi iad gun toradh.

15 Tha iadsan uile, a tha còmhla rium, a' cur fàilte ort. Cuir fàilte orrasan aig a bheil gaol oirnn anns a' chreideamh. Gu robh gràs còmhla ribh uile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan