Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Tìtus 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Pòl, seirbheiseach Dhè, agus abstol Ìosa Crìosd, a rèir creideamh dhaoine taghte Dhè is eòlas na fìrinne a tha a rèir diadhachd;

2 ann an dòchas na beatha shìorraidh a gheall Dia, nach dèan breug, ro linntean tìme,

3 ach a dh'fhoillsich fhacal fhèin anns na h‑amannan iomchaidh san t‑searmonachadh a chaidh earbsadh riumsa a rèir àithne Dhè ar Slànaigheir.

4 Gu Tìtus, m' fhìor mhac a rèir creideimh coitchinn: Gràs is sìth o Dhia an t‑Athair agus o Chrìosd Ìosa ar Slànaighear.


A' Suidheachadh Èildearan a Tha a' Gràdhachadh na Tha Math

5 B' e a b' adhbhar dhomh d' fhàgail ann an Crete, gun cuireadh tu an òrdugh na chaidh fhàgail gun a dhèanamh agus gun suidhicheadh tu èildearan sa h‑uile baile mar a dh'òrdaich mi dhut.

6 Biodh a' leithid gun choire, fear aon bhean, a chuid chloinne creidmheach, saor o chasaid ana‑measarrachd no eas‑ùmhlachd.

7 Oir bu chòir do dh'fhear‑coimhid a bhith gun choire, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin‑thoileil, no feargach, no na dhrungair, no droch‑nàdarrach, no sanntach air buannachd eas‑onorach,

8 ach aoigheil, dèidheil air a' mhath, measarra, ceart, naomh, stuama.

9 Cumadh e gu daingeann am facal fìor mar a chaidh a theagasg, airson 's gum bi e comasach air cofhurtachadh le teagasg fallain agus iadsan a tha a' bruidhinn na aghaidh a cheartachadh.


A' Cronachadh nam Muinntir nach Dèan Math

10 Oir tha mòran ann a tha eas‑umhail, luchd faoin‑chainnt is mealltairean, gu h‑àraidh muinntir an timcheall‑ghearraidh.

11 Tha e riatanach an cur nan tost oir tha iad a' tionndadh thaighean iomlan bun‑os‑cionn, a' teagasg rudan nach bu chòir dhaibh, airson buannachd shuaraich.

12 Thuirt fear àraidh dhiubhsan, fàidh dhiub' fhèin: “Tha na Cretich an‑còmhnaidh nam breugairean, nan droch bhèistean 's nan gèocairean leisg.”

13 Tha an teisteanas seo fìor. Air an adhbhar sin, cronaich gu geur iad, airson 's gum bi iad fallain sa chreideamh,

14 chan ann a' toirt aire do dh'fhaoinsgeulan Iùdhach is do dh'àithntean dhaoine, a tha a' tionndadh air falbh on fhìrinn.

15 Dhaibhsan a tha glan, tha a h‑uile sìon glan, ach dhaibhsan a th' air an truailleadh agus nach eil a' creidsinn, chan eil rud sam bith glan, ach tha an inntinn agus an cogais air an truailleadh.

16 Tha iad a' tagradh gun aithne dhaibh Dia, ach nan gnìomhan tha iad ga àicheadh, oir tha iad gràineil agus eas‑umhail agus gun fheum airson a h‑uile deagh obrach.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan