Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


144,000 air an Seulachadh

1 Às dèidh seo chunnaic mi ceithir ainglean nan seasamh aig ceithir oiseanan na talmhainn, a' cumail ceithir gaothan na talmhainn, gus nach sèideadh gaoth sam bith air an talamh, no air a' mhuir, no air craobh sam bith.

2 Agus chunnaic mi aingeal eile a' tighinn suas o èirigh na grèine, aig an robh seula an Dè bheò, agus dh'èigh e le guth àrd ris na ceithir ainglean, dhan deach a cheadachadh cron a dhèanamh air an talamh agus air a' mhuir,

3 ag ràdh, “Na dèanaibh cron air an talamh no air a' mhuir no air na craobhan, gus an seulaich sinn seirbheisich ar Dè air clàr am bathaisean.”

4 Agus chuala mi an àireamh acasan a chaidh a sheulachadh, ceud is ceathrad is ceithir mìle a chaidh a sheulachadh, o gach treubh de mhic Israeil.

5 De threubh Iùdah chaidh dusan mìle a sheulachadh, de threubh Reubein dusan mìle, de threubh Ghaid dusan mìle,

6 de threubh Aseir dusan mìle, de threubh Naphtali dusan mìle, de threubh Mhanaseh dusan mìle,

7 de threubh Shimeoin dusan mìle, de threubh Lèbhi dusan mìle, de threubh Isachair dusan mìle,

8 de threubh Shabuloin dusan mìle, de threubh Iòsaiph dusan mìle, de threubh Bheniàmin chaidh dusan mìle a sheulachadh.


An Sluagh Mòr ann an Culaidhean Geala

9 Às dèidh nan rudan sin chunnaic mi; agus seall, co‑chruinneachadh mòr, nach b' urrainn do dhuine sam bith àireamh, o gach nàisean is treubh is cinneadh is teanga, a' seasamh mu choinneamh na rìgh‑chathrach agus mu choinneamh an Uain, air an èideadh ann an culaidhean geala agus slatan pailme aca nan làmhan,

10 agus ag èigheach le guth àrd, thuirt iad: “Buinidh slàinte dhar Dia, a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, agus dhan Uan.”

11 Agus sheas na h‑ainglean gu lèir timcheall air an rìgh‑chathair, agus na h‑èildearan agus na ceithir creutairean beòtha agus thuit iad air an aghaidhean mu choinneamh na rìgh‑chathrach agus rinn iad adhradh do Dhia,

12 ag ràdh: “Amen, beannachd is glòir is gliocas is taingealachd is urram is cumhachd is neart dhar Dia fad saoghal nan saoghal. Amen.”

13 Agus fhreagair fear dhe na h‑èildearan, ag ràdh rium, “An fheadhainn seo a chaidh èideadh le culaidhean geala, cò iad, is cò às a thàinig iad?”

14 Agus thuirt mise ris, “Mo thighearna, 's ann dhutsa as aithne.” Agus thuirt e rium, “'S iad seo iadsan a thàinig tron trioblaid mhòir agus nigh iad an culaidhean agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.

15 Mar sin: “tha iad mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus a' dèanamh seirbheis dha a latha 's a dh'oidhche na theampall, agus sgaoilidh esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair a phàillean thairis orra.

16 Cha bhi acras orra tuilleadh, no pathadh orra tuilleadh. Cha mhotha a bhuaileas a' ghrian iad no teas sam bith.

17 Oir bidh an t‑Uan a th' ann am meadhan na rìgh‑chathrach gam buachailleachd agus treòraichidh e iad gu fuarain uisgeachan beò agus suathaidh Dia air falbh a h‑uile deur on sùilean.”

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan