Taisbeanadh 6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Na Seulachan 1 Agus chunnaic mi, nuair a dh'fhosgail an t‑Uan aon dhe na seachd seulachan; is chuala mi aon dhe na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, mar le guth thàirneanach: “Thig”. 2 Agus chunnaic mi, agus seall, each geal agus bha bogha aig an neach a shuidh air, is chaidh crùn a thoirt dha agus chaidh e a‑mach a' buadhachadh 's airson gum buadhaicheadh e. 3 Agus nuair a dh'fhosgail e an dara seula, chuala mi guth an dara creutair beò ag ràdh, “Thig”. 4 Agus chaidh each eile a‑mach, am fear seo dearg, agus chaidh a thoirt dhan neach a bha na shuidhe air, sìth a thoirt air falbh on talamh agus gum marbhadh daoine càch‑a‑chèile, agus chaidh claidheamh mòr a thoirt dha. 5 Agus nuair a dh'fhosgail e an treas seula, chuala mi an treas creutair beò ag ràdh, “Thig.” Agus chunnaic mi, agus seall, each dubh agus bha meidh aig an neach a bha na shuidhe air, na làimh. 6 Agus chuala mi, mar gum biodh, guth am measg nan ceithir creutairean beòtha, ag ràdh, “Tomhas cruithneachd airson denarius agus trì tomhasan eòrna airson denarius, agus na dèan milleadh air an ola no air an fhìon.” 7 Agus nuair a dh'fhosgail e an ceathramh seula, chuala mi guth a' cheathramh creutair beò ag ràdh, “Thig.” 8 Agus chunnaic mi, agus seall, each glas, agus b' e ainm an neach a bha na shuidhe air, Am Bàs, agus bha Ifrinn ga leantainn. Agus chaidh ùghdarras a thoirt dhaibh thairis air a' cheathramh pàirt dhen talamh, gus a bhith a' marbhadh leis a' chlaidheamh, is le gort, is leis a' bhàs, is le beathaichean fiadhaich na talmhainn. 9 Agus nuair a dh'fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anman na feadhna a chaidh a mharbhadh airson facal Dhè 's airson an teisteanais a ghlèidh iad. 10 Agus ghlaodh iad le guth àrd ag ràdh, “Dè cho fada, a Mhaighstir naoimh is fhìor, gus an toir thu breith agus gus an dèan thu dìoghaltas airson ar fala, orrasan a tha a' còmhnaidh air an talamh?” 11 Agus chaidh culaidhean geala a thoirt do gach neach dhiubh agus chaidh a chantainn riutha fois a ghabhail airson ùine bhig fhathast, gus an deigheadh àireamh an co‑sheirbheisich 's am bràithrean cuideachd a choileanadh, iadsan a bha gus a bhith air am marbhadh mar a bha iad fhèin. 12 Agus chunnaic mi, nuair a dh'fhosgail e an siathamh seula; agus thachair crith‑thalmhainn mhòr is dh'fhàs a' ghrian dubh mar shac‑aodach gaoisid, agus dh'fhàs a' ghealach gu lèir mar fhuil. 13 Agus thuit rionnagan nan speuran gu talamh, mar a thilgeas craobh‑fhìge a fìgean an‑abaich nuair a thèid a crathadh le gaoth mhòr. 14 Agus bha na nèamhan air an cur à sealladh mar rolla a th' air a rolaigeadh suas agus bha a h‑uile beinn is eilean air an gluasad às na h‑àiteachan aca. 15 Agus dh'fhalaich rìghrean na talmhainn, 's na daoine mòra, 's na h‑àrd‑oifigearan, 's na daoine beairteach, 's na daoine làidir, 's a h‑uile tràill is duine‑saor, iad fhèin – anns na h‑uamhan agus am measg creagan nam beann. 16 Agus thuirt iad ris na beanntan 's ris na creagan, “Tuitibh oirnn agus falaichibh sinn o aghaidh an Aoin a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, agus o fheirge an Uain. 17 Oir thàinig latha mòr na feirge aca agus cò as urrainn seasamh?” |