Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


An Rolla agus an t‑Uan

1 Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an fhir a bha na shuidhe air an rìgh‑chathair, rolla air a sgrìobhadh air an taobh a‑staigh 's air a chùlaibh, agus a bh' air a sheulachadh le seachd seulachan.

2 Agus chunnaic mi aingeal làidir a' gairm ann an guth àrd: “Cò a tha airidh air an rolla fhosgladh agus air a sheulachan a bhriseadh?”

3 Agus cha robh duine comasach, air nèamh no air thalamh, no fon talamh, air an rolla fhosgladh no air sealltainn a‑steach ann.

4 Agus bha mi a' caoineadh gu mòr, air sgàth 's nach robh neach sam bith ri fhaighinn a bha airidh air an rolla fhosgladh no air sealltainn air.

5 Agus thuirt fear dhe na h‑èildearan rium: “Na caoin, seall, bhuadhaich Leòmhann treubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh. Tha esan comasach air an rolla fhosgladh agus a sheachd seulachan fhosgladh.”

6 Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.

7 Agus thàinig e agus thug e an rolla o làimh dheis an fhir a bha na shuidhe air an rìgh‑chathair.

8 Agus nuair a thug e uaithe an rolla, thuit na ceithir creutairean beòtha agus na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh an Uain; agus bha clàrsach agus bobhlaichean òir, a bha làn tùise, aig gach fear dhiubh; is e sin ùrnaighean nan naomh.

9 Agus sheinn iad òran ùr, ag ràdh: “Is airidh thusa air an rolla a ghabhail agus air a sheulachan fhosgladh, oir chaidh do mharbhadh agus cheannaich thu daoine do Dhia led fhuil, às gach treubh is teanga is sluagh is nàisean.

10 Agus rinn thu iad nan rìoghachd agus nan sagartan dhar Dia, agus rìoghaichidh iad air an talamh.”

11 Agus chunnaic mi agus chuala mi an guth aig mòran ainglean timcheall air an rìgh‑chathrach, agus aig na creutairean beòtha agus aig na h‑èildearan, agus b' e an àireamh aca, deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean,

12 ag ràdh le guth àrd: “Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd is beairteas is gliocas is neart is urram is glòir is moladh, fhaighinn.”

13 Agus a h‑uile creutair a th' air nèamh 's air an talamh agus fon talamh 's air a' mhuir agus a h‑uile nì a th' annta, chuala mi iad ag ràdh: “Dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus dhan Uan gu robh am moladh 's an t‑urram agus a' ghlòir 's an tighearnas gu saoghal nan saoghal.”

14 Agus bha na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, “Amen”, agus thuit na h‑èildearan sìos agus rinn iad adhradh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan