Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Abhainn Uisge na Beatha

1 Agus sheall e dhomh abhainn uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a' dol a‑mach o rìgh‑chathair Dhè 's an Uain,

2 ann am meadhan na sràide aige, agus air an taobh seo agus air an taobh eile dhen abhainn bha craobh na beatha a' toirt a‑mach dà thoradh dheug, a rèir na mìosa bheireadh i a‑mach an toradh aice, agus bha duilleagan na craoibhe airson slànachadh nan nàisean.

3 Agus cha bhi mallachadh sam bith ann tuilleadh agus bidh rìgh‑chathair Dhè agus an Uain ann, agus nì a sheirbheisich seirbheis dha.

4 Agus chì iad aghaidh‑san agus bidh an t‑ainm aige air clàr am bathaisean.

5 Agus cha bhi oidhche ann tuilleadh agus cha bhi feum aca air lampa no air solas na grèine, oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.

6 Agus thuirt e rium, “Tha na faclan seo dìleas is fìor, agus chuir an Tighearna, Dia spioradan nam fàidhean, an t‑aingeal aige a shealltainn dha sheirbheisich na dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr.”


Tha Ìosa a' Tighinn

7 Agus seall, tha mi a' tighinn gu luath, “Is beannaichte an neach a ghleidheas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo.”

8 Agus is mise Eòin, a chuala 's a chunnaic na rudan seo. Agus nuair a chuala 's a chunnaic mi iad, thuit mi a dh'adhradh aig casan an aingil a dh'fhoillsich na rudan seo dhomh.

9 Agus thuirt e rium, “Feuch nach dèan thu sin, oir is e co‑sheirbheiseach a th' annam leatsa, agus led bhràithrean, na fàidhean, agus leothasan a tha gleidheadh faclan an leabhair seo. Dèan adhradh do Dhia!”

10 Agus thuirt e rium, “Na seulaich faclan fàidheadaireachd an leabhair seo, oir tha an t‑àm faisg.

11 Biodh an neach a tha neo‑fhìreanta, neo‑fhìreanta fhathast, agus an neach a tha salach, biodh e salach fhathast, agus an neach a tha fìreanta, biodh e fìreanta fhathast, agus an neach a tha naomh, biodh e naomh fhathast.”


Facal Deireannach: Cuireadh agus Rabhadh

12 “Seall, tha mi a' tighinn gu luath, agus tha mo dhuais agam, airson toirt do gach neach a rèir na h‑obrach aige.

13 Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega, a' chiad neach agus an neach deireannach, an toiseach agus an deireadh.

14 “Is beannaichte iadsan a tha a' nighe an culaidhean, gus am bi còir aca air craobh na beatha agus air a dhol a‑steach air na geataichean dhan bhaile.

15 Air an taobh a‑muigh tha na coin, is luchd na buidseachd is luchd an strìopachais is na murtairean is luchd an iodhal‑adhraidh agus a h‑uile neach a tha a' gràdhachadh 's a' cleachdadh na brèige.

16 “Chuir mise, Ìosa, m' aingeal a thoirt fianais dhuibhse mu na rudan seo, às leth nan eaglaisean. Is mise freumh is gineal Dhaibhaidh, reul dheàlrach na maidne.”

17 Agus tha an Spiorad 's bean na bainnse ag ràdh, “Thig!” agus an neach a chluinneas, canadh e, “Thig!” agus an neach air a bheil pathadh, thigeadh e, 's an neach a tha a' miannachadh, gabhadh e de dh'uisge na beatha an‑asgaidh.

18 Tha mi a' toirt fianais dhan a h‑uile neach a chluinneas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo: Ma chuireas neach sam bith riutha, cuiridh Dia ris‑san na plàighean a th' air an sgrìobhadh san leabhar seo.

19 Agus ma bheir neach sam bith air falbh o fhacail leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia air falbh a phàirt‑san o chraobh na beatha 's às a' bhaile naomh, is dhe na rudan a th' air an sgrìobhadh san leabhar seo.

20 Tha an neach a tha a' toirt fianais air na rudan seo ag ràdh, “Seadh, tha mi a' tighinn gu luath.” Amen. Thig, a Thighearna Ìosa.

21 Biodh gràs ar Tighearna Ìosa còmhla ribh uile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan