Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Nèamh Ùr agus Talamh Ùr

1 Agus chunnaic mi nèamh ùr is talamh ùr, oir chaidh a' chiad nèamh 's a' chiad talamh seachad, agus cha robh muir ann tuilleadh.

2 Agus chunnaic mi am baile naomh, an t‑Ierusalem ùr, a' tighinn a‑nuas à nèamh o Dhia, air ullachadh mar bhean‑bainnse a bh' air a sgeadachadh airson a fir‑bainnse.

3 Agus chuala mi guth àrd on rìgh‑chathair ag ràdh, “Seall, pàillean Dhè còmhla ri daoine, agus nì e còmhnaidh còmhla riutha, agus bidh iadsan nan sluagh dhàsan is bidh e fhèin, an Dia a tha còmhla riutha, na Dhia dhaibh.

4 Agus suathaidh e air falbh a h‑uile deur on sùilean, agus cha bhi am bàs ann tuilleadh, no bròn, no gal; is cha bhi àmhghar ann nas motha, oir thèid na ciad rudan seachad.”

5 Agus thuirt esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, “Seall, tha mi ag ùrachadh a h‑uile sìon,” agus thuirt e, “Sgrìobh, oir tha na faclan seo dìleas agus fìor.”

6 Agus thuirt e rium, “Tha seo dèante, Is mise an t‑Alpha 's an t‑Omega, an toiseach 's an deireadh. Bheir mise dhàsan air a bheil pathadh, de dh'fhuaran uisge na beatha, an asgaidh.

7 Sealbhaichidh an neach a bheir buaidh na rudan seo mar oighreachd agus bidh mi nam Dhia dhàsan agus bidh esan na mhac dhòmhsa.

8 Ach dhaibhsan a tha gealtach is eas‑creidmheach is gràineil is nam murtairean is nan adhaltranaich is nam buidsichean is a tha ri iodhal‑adhraidh agus dha na breugairean gu lèir, bidh am pàirt‑san san loch a tha a' losgadh le teine 's le pronnasg. 'S e sin an dara bàs.”


An t‑Ierusalem Ùr, Bean‑Bainnse an Uain

9 Agus thàinig aon dhe na seachd ainglean aig an robh na seachd bobhlaichean làn dhe na seachd plàighean deireannach, agus bhruidhinn e rium, ag ràdh, “Thig an seo! Seallaidh mi dhut bean na bainnse, bean an Uain.”

10 Agus ghiùlain e mi air falbh san spiorad gu beinn mhòr is àrd, agus sheall e dhomh am baile naomh, Ierusalem – a' tighinn a‑nuas à nèamh o Dhia –

11 aig an robh glòir Dhè. Bha e deàlrach coltach ri clach phrìseil, mar chloich iaspair, mar chriostal.

12 Bha balla a' bhaile mòr is àrd, le dà gheata dheug agus aig na geataichean dà aingeal dheug agus bha ainmean sgrìobhte orra, as e ainmean dà threubh dheug chloinn Israeil.

13 Air an taobh an ear, trì geataichean, 's air an taobh a tuath trì geataichean, 's air an taobh a deas trì geataichean, 's air an taobh an iar trì geataichean.

14 Agus bha dà bhunait dheug aig balla a' bhaile agus orrasan bha dà ainm dheug dà abstol dheug an Uain.

15 Agus bha slat‑tomhais òir aigesan a bhruidhinn rium, gus an tomhaiseadh e am baile 's na geataichean aige 's na ballachan aige.

16 Agus bha am baile na laighe ceithir‑cheàrnach agus bha am fad aige uiread ris an leud, agus thomhais e am baile leis an t‑slat, 2,200 cilemeatair; agus bha am fad 's an leud 's an àirde aige co‑ionann.

17 Agus thomhais e am balla aige, 65 meatair, 's e sin tomhas an aingil.

18 Agus bha am balla air a thogail de dh'iaspar agus bha am baile de dh'òr fìorghlan, mar ghlainne fhìorghlan.

19 Bha bunaitean balla a bhaile air an sgeadachadh leis a h‑uile seòrsa cloich phrìseil, a' chiad bhunait de dh'iaspar, an dara de shaphir, an treas de chalsedon, an ceathreamh de dh'emerald,

20 an còigeamh de shardonics, an t‑siathamh de shàrdion, an t‑seachdamh de chrisolit, an t‑ochdamh de bheril, an naoidheamh de thopas, an deicheamh de chrisopras, an t‑aona fhear deug de iasint, an dara fear deug de dh'ametist.

21 Agus bha an dà gheata dheug nan dà neamhnaid dheug; bha gach aon dhe na geataichean de dh'aon neamhnaid, agus bha sràid a' bhaile de dh'òr fìorghlan, mar ghlainne thrìd‑shoilleir.

22 Agus chan fhaca mi teampall ann, oir is e an Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, agus an t‑Uan, a tha na theampall ann.

23 Agus cha robh feum aig a' bhaile air a' ghrèin no air a' ghealaich airson deàlrachadh ann, oir bha glòir Dhè ga shoilleireachadh, agus b' e a lampa an t‑Uan.

24 Agus coisichidh na nàiseanan na sholas, agus bheir rìghrean na talmhainn an glòir‑san a‑steach ann.

25 Agus cha bhi na geataichean aige idir dùinte tron latha, oir cha bhi oidhche an sin.

26 Agus bheir iad glòir is urram nan nàisean a‑steach ann.

27 Agus chan fhaod neach sam bith tighinn a‑steach ann a tha neòghlan, no a nì cleachdadh de ghràinealachd is de bhreug, ach a‑mhàin na feadhna a tha sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan