Taisbeanadh 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Chun na h‑Eaglaise ann an Ephesus 1 “Gu aingeal na h‑eaglaise ann an Ephesus, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan a tha a' cumail nan seachd rionnagan na làimh dheis ag ràdh, esan a tha a' coiseachd am measg nan seachd lampairean òir: 2 'S aithne dhomh d' obraichean agus do shaothair is do leanaltas, agus nach urrainn dhut giùlain le luchd‑uilc, agus gun do dhearbh thu iadsan a tha ag ràdh gu bheil iad nan abstoil 's nach eil, agus fhuair thu breugach iad. 3 Agus tha thu leanailteach agus dh'fhuiling thu air sgàth m' ainme‑sa, agus cha do dh'fhàs thu sgìth. 4 Ach tha seo agam nad aghaidh, gun do dh'fhàg thu do chiad ghràdh. 5 Cuimhnich mar sin cò às a thuit thu, agus dèan aithreachas is dèan na h‑obraichean a rinn thu an toiseach. Ach mura dèan, thig mi thugad agus gluaisidh mi do lampair às àite, mura dèan thu aithreachas. 6 Ach tha seo agad, gu bheil gràin agad air obraichean nan Nicolaiteach, air a bheil gràin agamsa cuideachd. 7 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè. Chun na h‑Eaglaise ann an Smirna 8 “Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò: 9 'S aithne dhomh do thrioblaidean agus do bhochdainn (ach tha thu beairteach) agus an toibheum uapasan a tha ag ràdh gur e Iùdhaich a th' annta fhèin, agus nach e, ach sionagog Shàtain. 10 Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut. 11 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs. Chun na h‑Eaglaise ann am Pergamos 12 “Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Pergamos, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil an claidheamh geur, dà‑fhaobhair ag ràdh, 13 Tha fios agam càit a bheil thu a' fuireach, far a bheil rìgh‑chathair Shàtain, agus tha thu a' cumail grèim daingeann air m' ainm, agus cha do dh'àich thu mo chreideamh, eadhon ann an làithean Antipais m' fhianais dhìleas, a chaidh a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan a' fuireach. 14 Ach tha rud no dhà agam nad aghaidh, a chionn 's gu bheil feadhainn agad an sin a tha a' cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap‑tuislidh a thilgeil ro chloinn Israeil: na chaidh ìobradh do dh'iodhalan ithe agus strìopachas a dhèanamh. 15 Coltach ri sin cuideachd tha feadhainn agad a tha a' cumail ri teagasg nan Nicolaiteach. 16 Dèan aithreachas, mar sin; oir mura dèan, thig mi thugad gu luath, agus nì mi cogadh nan aghaidh le claidheamh mo bheòil. 17 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha am mana falaichte agus bheir mi dha clach gheal, agus air a' chloich ainm ùr sgrìobhte, aig nach eil fios aig duine ach aigesan a gheibh i. Chun na h‑Eaglaise ann an Tiatìra 18 “Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Tiatìra, sgrìobh: Seo na rudan a tha Mac Dhè ag ràdh, esan aig a bheil a shùilean mar lasair theine agus a chasan coltach ri umha fìorghlan: 19 'S aithne dhomh d' obraichean agus an gràdh agus an creideamh agus an t‑seirbheis agus an leanaltas agus na h‑obraichean agad, gu bheil an fheadhainn mu dheireadh nas motha na a' chiad fheadhainn. 20 Ach tha seo agam nad aghaidh, gu bheil thu a' fulang a' bhoireannaich ud, Iesebel, a tha a' gabhail ban‑fhàidh oirre fhèin, agus a tha a' teagasg 's a' mealladh mo sheirbheisich gus strìopachas a dhèanamh agus rudan a th' air ìobradh do dh'iodhalan ithe. 21 Agus thug mi ùine dhi aithreachas a dhèanamh ach chan eil i ag iarraidh aithreachas a dhèanamh on strìopachas aice. 22 Seall, tilgidh mi ise ann an leabaidh‑tinneis agus iadsan a tha a' dèanamh adhaltranais leatha ann an trioblaid mhòr, mura dèan iad aithreachas o na h‑obraichean aicese. 23 Agus marbhaidh mi a cuid chloinne le galar a' bhàis, agus bidh fios aig na h‑eaglaisean gu lèir gur mise esan a tha a' rannsachadh inntinnean is cridheachan, agus bheir mi do gach neach agaibh a rèir ur n‑obraichean. 24 Ach ribhse tha mi ag ràdh, agus ris a chòrr a th' ann an Tiatìra, na h‑uiread 's aig nach eil an teagasg seo, aig nach robh fios air rudan domhainn Shàtain, mar a tha iad ag ràdh. Chan eil mi a' cur uallach eile oirbhse, 25 a dh'aindeoin sin cumaibh grèim daingeann air na th' agaibh gus an tig mi. 26 Agus dhan neach a bhuadhaicheas agus dhan neach a ghleidheas m' obraichean‑sa chun an deiridh, bheir mi dhan neach sin ùghdarras thairis air na nàiseanan – 27 ‘Agus nì e buachailleachd orra le slat iarainn, mar a thèid soithichean crèadha a bhriseadh nam pìosan’ – 28 dìreach mar a fhuair mise ùghdarras om Athair, bheir mi dhàsan cuideachd reul na maidne. 29 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. |