Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Haleluia Thrì‑Fhillte thar Tuiteam Bhàbiloin

1 Às dèidh nan rudan seo chuala mi, mar gum biodh, guth àrd sluaigh mhòir air nèamh, ag ràdh: “Haleluia! Buinidh slàinte is glòir is cumhachd dhar Dia.

2 Oir tha a bhreitheanais fìor agus fìreanta, oir thug e breith air an strìopaich mhòir a thruaill an talamh le a strìopachas. Agus rinn e dìoghaltas oirre airson fuil a sheirbheiseach fo a làimh‑se.”

3 Agus an dara turas thuirt iad: “Haleluia! agus chaidh a toit suas gu saoghal nan saoghal.”

4 Agus thuit na fichead 's a ceithir èildear sìos agus na ceithir creutairean beòtha is rinn iad adhradh do Dhia a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, ag ràdh: “Amen, haleluia!”

5 Agus thàinig guth a‑mach on rìgh‑chathair, ag ràdh: “Molaibh ar Dia, a sheirbheisich gu lèir agus sibhse air a bheil eagal‑san, an dà chuid, beag is mòr.”

6 Agus chuala mi, mar gum biodh, fuaim sluagh mòr agus, mar gum biodh, fuaim mhòran uisgeachan agus, mar gum biodh, fuaim thàirneanach cumhachdach, ag ràdh: “Haleluia! oir tha an Tighearna ar Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, a' riaghladh thairis oirnn.

7 Dèanamaid aoibhneas is dèanamaid toileachas, agus thoireamaid a' ghlòir dhàsan, oir tha banais an Uain air tighinn, agus tha a bhean‑san air i fhèin ullachadh.

8 Agus chaidh ceadachadh dhìse a bhith air a h‑èideadh ann an anart mìn, soilleir is fìorghlan.” (Oir 's e an t‑anart mìn obraichean fìreanta nan naomh.)

9 Agus thuirt e rium, “Sgrìobh! Is beannaichte iadsan a th' air an gairm gu suipear‑bainnse an Uain,” agus thuirt e rium, “Is iad seo faclan fìor ar Dia.”

10 Agus thuit mi mu choinneamh a chasan gus adhradh a dhèanamh dha, agus thuirt e rium, “Faic nach dèan thu sin, oir is e co‑sheirbheiseach dhut a th' annamsa agus dhad bhràithrean, iadsan aig a bheil teisteanas Ìosa. Dèan adhradh do Dhia, oir is e teisteanas Ìosa spiorad na fàidheadaireachd.”


Am Marcaiche air an Each Gheal a' Buadhachadh thar na Bèiste

11 Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus seall, each geal agus b' e Dìleas is Fìor an t‑ainm a bh' airsan a bha na shuidhe air, agus ann am fìreantachd tha e a' toirt breith 's a' cogadh.

12 Agus bha a shùilean mar lasair theine agus air a cheann bha mòran chrùintean, esan aig an robh ainm sgrìobhte air, nach b' aithne do neach sam bith ach e fhèin.

13 Agus bha e às dèidh a bhith air èideadh le bad aodaich a chaidh a thumadh ann am fuil, agus b' e an t‑ainm a bh' air a ghabhail air, Facal Dhè.

14 Agus bha na h‑airmailtean air nèamh ga leantainn air eich gheala, 's iad air an èideadh ann an anart mìn, geal is fìorghlan.

15 Agus às a bheul chaidh claidheamh geur a‑mach, airson 's gum buaileadh e na nàiseanan, agus nì e am buachailleachd le slat iarainn, agus tha e a' stampadh amar‑fìona corraich fearg Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach.

16 Agus air aodach‑san agus air a shliasaid bha ainm air a sgrìobhadh: RÌGH NAN RÌGHREAN AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNAN.

17 Agus chunnaic mi aon aingeal na sheasamh sa ghrèin agus dh'èigh e le guth àrd, ag ràdh ris an eunlaith uile a bha air sgèith ann am meadhan an adhair, “Thigibh, cruinnichibh sib' fhèin gu suipear mhòr Dhè,

18 gus an ith sibh feòil rìghrean is feòil àrd‑oifigearan is feòil dhaoine làidir is feòil each 's an fheòil acasan a tha nan suidhe orra agus feòl nan uile, an dà chuid saor is daor, agus beag is mòr.”

19 Agus chunnaic mi a' bhiast is rìghrean na talmhainn agus na h‑armailtean aca air an cruinneachadh gus cogadh a dhèanamh na aghaidh‑san a bha na shuidhe air an each agus leis na h‑airmailtean aigesan.

20 Agus bha a' bhiast air a glacadh, agus còmhla rithe, am fàidh‑brèige a rinn comharraidhean ma coinneamh, leis an do mheall e iadsan a bh' air comharra na bèiste fhaighinn agus iadsan a rinn adhradh dha h‑ìomhaigh. Agus chaidh an dithis aca a thilgeil beò dhan loch theine a tha a' losgadh le pronnasg.

21 Agus chaidh an còrr a mharbhadh leis a' chlaidheamh a tha a' tighinn a‑mach à beul an fhir a tha na shuidhe air an each. Agus chaidh an eunlaith gu lèir a shàsachadh leis an fheòil aca.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan