Taisbeanadh 18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Tuireadh Thuiteam Bhàbiloin 1 Às dèidh nan rudan seo chunnaic mi aingeal eile aig an robh ùghdarras mòr a' tighinn a‑nuas o nèamh, agus bha an talamh air a shoillseachadh le a ghlòir. 2 Agus le guth làidir dh'èigh e, ag ràdh: “Thuit, thuit Bàbilon Mhòr, agus dh'fhàs i na h‑àite‑còmhnaidh dheamhan agus na prìosan dhan a h‑uile spiorad neòghlan agus na prìosan dhan a h‑uile h‑eun neòghlan agus na prìosan dhan a h‑uile beathach neòghlan agus a tha gràineil. 3 Oir dh'òl na nàiseanan uile de dh'fhìon caoch a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas leatha agus dh'fhàs luchd‑reic na talmhainn beairteach le neart a h‑ana‑miannachd.” Rabhadh Teicheadh o Bhreitheanas Bhàbiloin 4 Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh: “Thigibh a‑mach uaipe, mo shluagh, gus nach gabh sibh pàirt na peacaidhean agus nach faigh sibh a plàighean. 5 Oir tha a peacaidhean air an càrnadh suas gu nèamh, agus chuimhnich Dia air a neo‑fhìreantachd. 6 Thoiribh dhi mar a thug ise seachad cuideachd, agus thoiribh dhi a dhà uiread a rèir a h‑obraichean, anns a' chupa a mheasgaich i, measgaichibh a dhà uiread dhi. 7 Mar a ghlòraich i i fhèin agus a bha i beò ann an ana‑miann, thoir uiread sin de chràdh dhi agus dòrainn, oir na cridhe tha i ag ràdh, ‘Tha mi nam shuidhe nam bhanrigh is chan eil mi nam bhanntrach agus chan fhaic mi idir bròn.’ 8 Mar sin ann an aon latha thig na plàighean aice, bàs is bròn is gort, agus thèid a losgadh le teine oir is làidir an Tighearna Dia a thug breith oirre. Truaighean Thrì‑Fhillte Thuiteam Bhàbiloin 9 “Agus nì rìghrean na talmhainn gal is caoidh air a son, iadsan a rinn strìopachas leatha agus a choilean ana‑miann, nuair a chì iad toit a losgaidh 10 's iad air seasamh aig astar air eagal a cràidh, ag ràdh: “‘Is mairg, is mairg am baile mòr, Bàbilon am baile làidir, oir ann an aon uair a thìde thàinig do bhreitheanas!’ 11 “Agus tha luchd‑reic na talmhainn a' gal 's a' caoidh air a son, oir chan eil duine sam bith a' ceannach a' bhathair aca tuilleadh. 12 Bathar de dh'òr is airgead is clach phrìseil is nèamhnaidean is anart mìn is purpaidh is sìoda is sgàrlaid, agus a h‑uile seòrsa fiodh cùbhraidh is a h‑uile seòrsa soitheach ìbhri agus a h‑uile seòrsa soitheach fiodh prìseil is umha is iarann is màrmor, 13 is caineal is spìosraidh is tùis is mirr is craobh‑thùise is fìon is ola is min is cruithneachd is crodh is caoraich is eich is carbadan is tràillean, is anman dhaoine. 14 “Agus theich toradh miann d' anama uat agus chaidh a h‑uile rud cosgail is na rudan deàlrach a sgrios uat is cha bhi iad idir rin lorg tuilleadh. 15 Agus seasaidh luchd‑reic nan rudan seo a dh'fhàs beairteach uaipe, aig astar, air eagal a cràidh, a' gal 's a' caoidh, 16 ag ràdh: “‘Is mairg, is mairg am baile mòr, a chòmhdaich e fhèin ann an anart mìn is purpaidh is sgàrlaid agus a bh' air a sgeadachadh ann an òr is clach phrìseil is nèamhnaidean. 17 Oir ann an aon uair a thìde bha a leithid sin de bheairteis air a chur fàs.’ “Agus a h‑uile stiùireadair 's a h‑uile neach a shèolas a dh'àiteigin, is seòladairean is uiread 's a rinn an cosnadh air a' mhuir, sheas iad aig astar. 18 Agus dh'èigh iad, a' faicinn toit an losgaidh aige, ag ràdh, “Dè am baile a tha coltach ris a' bhaile mhòr seo?” 19 Agus thilg iad dust air an cinn agus dh'èigh iad, a' gal 's a' caoidh, ag ràdh: “‘Is mairg, is mairg am baile mòr, san do dh'fhàs iadsan aig an robh soithichean air a' mhuir beairteach tron t‑saidhbhreas aige, oir ann an aon uair a thìde chaidh a chur fàs! 20 Dèan aoibhneas thairis air, nèamh is naoimh is abstoil is fàidhean, oir thug Dia breith air as ur leth.’” Cinnteachd Sgrios Dheireannaich Bhàbiloin 21 Agus thog aingeal làidir clach mar chlach‑mhuilinn mhòr agus thilg e dhan mhuir i, ag ràdh: “Mar seo, le fòirneart, thèid Bàbilon am baile mòr a thilgeil sìos, agus cha tèid a lorg tuilleadh. 22 Agus cha bhi fuaim chlàrsairean is luchd‑ciùil is luchd‑seinn dhuiseil is trombaidearan air an cluinntinn annad tuilleadh, agus cha tèid luchd‑ciùird sam bith de chiùird sam bith fhaighinn annad tuilleadh, agus cha bhi fuaim na cloich‑mhuilinn air a cluinntinn annad tuilleadh. 23 Agus cha dheàlraich solas lampa idir annad tuilleadh, agus cha tèid guth fir‑bainnse 's bean‑bainnse a chluinntinn idir annad tuilleadh, oir b' iad do luchd‑reic daoine mòra na talmhainn, oir le do bhuidseachd chaidh na nàiseanan gu lèir an toirt air seachran. 24 Agus sa bhaile chaidh fuil nam fàidh 's nan naomh a lorg agus fuil na feadhna gu lèir a chaidh a mharbhadh air an talamh.” |