Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 15 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Seachd Ainglean le Seachd Plàighean

1 Agus chunnaic mi comharra eile air nèamh, mòr is iongantach: seachd ainglean aig an robh seachd plàighean, an fheadhainn dheireannach; oir annta sin tha fearg Dhè air a choileanadh.

2 Agus chunnaic mi mar gum biodh uisge mar ghlainne air a mheasgachadh le teine; agus iadsan a tha a' buadhachadh thar na bèiste is thar na h‑ìomhaigh aice is thar àireamh an ainm aice, nan seasamh air a' mhuir ghlainne, is clàrsaichean aca o Dhia.

3 Agus tha iad a' seinn òran Mhaois, seirbheiseach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh: “Mòr is iongantach tha d' obraichean a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach. Tha thu fìreanta is ceart nad shlighean, Rìgh nan nàisean.

4 Cò air nach biodh d' eagal a Thighearna agus nach glòraicheadh d' ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh! Oir thig na nàiseanan gu lèir agus nì iad adhradh mud choinneamh, oir tha d' obraichean fìreanta air an dèanamh follaiseach.”

5 Agus às dèidh nan rudan seo, chunnaic mi, agus bha an teampall air fhosgladh, 's e sin pàillean an teisteanais, air nèamh;

6 agus thàinig na seachd ainglean aig an robh na seachd plàighean a‑mach às an teampaill, air an èideadh ann an anart glan is soilleir, agus air an cuartachadh mun cuim le criosan òir.

7 Agus thug aon dhe na ceithir creutairean beòtha dha na seachd ainglean, seachd bobhlaichean òir, a bha làn de dh'fheirge Dhè, a tha beò gu saoghal nan saoghal.

8 Agus bha an teampall air a lìonadh le toit, o ghlòir Dhè agus o a chumhachd‑san; agus cha robh neach sam bith comasach air a dhol a‑steach dhan teampall gus an robh na seachd plàighean aig na seachd ainglean air an crìochnachadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan