Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


An t‑Uan agus na 144,000

1 Agus chunnaic mi, agus seall, Uan na sheasamh air beinn Shioin agus còmhla ris ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, aig an robh ainm‑san agus ainm Athar‑san, air an sgrìobhadh air clàr nam bathaisean aca.

2 Agus chuala mi fuaim o nèamh mar fhuaim mhòran uisgeachan agus mar fhuaim thàirneanaich mhòir, agus bha am fuaim a chuala mi mar chlàrsairean ri clàrsaireachd len clàrsaichean.

3 Is iad a' seinn òran ùr mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus mu choinneamh nan ceithir creutairean beòtha agus nan èildeir, agus cha robh neach sam bith comasach air an t‑òran ionnsachadh ach a‑mhàin an ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, iadsan a chaidh a cheannach on talamh.

4 Is e seo iadsan nach robh air an truailleadh le boireannaich, oir 's e òighean a th' annta; iadsan a tha a' leantainn an Uain ge b' e àite dhan tèid e. Is e seo iadsan a chaidh a cheannach o mheasg dhaoine mar chiad thoradh do Dhia agus dhan Uan.

5 Agus nam beul cha robh breug ri lorg; tha iad gun choire.


Na Trì Ainglean

6 Agus chunnaic mi aingeal eile air sgèith ann am meadhan an adhair, aig an robh deagh sgeul shìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha a' còmhnaidh air an talamh, agus dhan a h‑uile nàisean is treubh is teanga is sluagh,

7 ag ràdh, le guth àrd, “Biodh eagal Dhè oirbh agus thoiribh glòir dhàsan, oir thàinig an uair anns an toir e breith, agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh is talamh is muir is fuarain uisgeachan.”

8 Agus lean aingeal eile, an dara fear, ag ràdh, “Thuit, thuit Bàbilon mhòr, a thug air na nàiseanan gu lèir fìon fearg a strìopachais òl.”

9 Agus lean aingeal eile iad, an treas fear, ag ràdh le guth àrd, “Ma tha neach sam bith ag adhradh dhan bhèist agus dha h‑ìomhaigh, agus air a comharra fhaighinn air clàr na bathais aige no air a làimh,

10 òlaidh eadhon esan de dh'fhìon fearg Dhè a chaidh a dhòrtadh gun lagachadh ann an cupan fheirge‑san, agus bidh e air a chràdh ann an teine is pronnasg mu choinneamh nan ainglean naomha agus mu choinneamh an Uain.

11 Agus thèid toit an cràidh‑san suas gu saoghal nan saoghal, agus cha bhi fois aca, a latha no a dh'oidhche, iadsan a tha a' toirt adhraidh dhan bhèist agus dha ìomhaigh‑se agus neach sam bith a gheibh comharra a h‑ainm‑se.”

12 'S ann an seo a tha leanaltas nan naomh, iadsan a tha a' gleidheadh àithntean Dhè agus creideamh Ìosa.

13 Agus chuala mi guth o nèamh ag ràdh, “Sgrìobh! Is beannaichte na mairbh, iadsan a bhàsaicheas san Tìghearna, on a seo a‑mach.” “Seadh!” tha an Spiorad ag ràdh, “gus an gabh iad fois o na saothairean aca, oir leanaidh an obraichean iad.”


Toradh na Talmhainn agus Stampadh an Amair‑Fìona

14 Agus chunnaic mi, agus seall, sgòth gheal agus air an sgòth, neach na shuidhe “coltach ri Mac an Duine” is crùn òir aige air a cheann agus corran geur na làimh.

15 Agus thàinig aingeal eile a‑mach às an teampaill, ag èigheach le guth àrd ris‑san a bha na shuidhe air an sgòth, “Cuir a‑mach do chorran agus buain, oir thàinig an uair airson buain, oir tha foghar na talmhainn abaich.”

16 Agus chuir esan a bha na shuidhe air an sgòth a chorran a‑mach air an talamh agus bha an talamh air a bhuain.

17 Agus thàinig aingeal eile a‑mach às an teampaill a th' air nèamh, aig an robh corran geur cuideachd.

18 Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh ùghdarras thairis air an teine, agus bhruidhinn e le guth àrd ris‑san aig an robh an corran geur, ag ràdh, “Cuir a‑mach do chorran geur agus cruinnich bagaidean fìonain na talmhainn, oir tha na fìon‑dhearcan air abachadh.”

19 Agus chuir an t‑aingeal a‑mach an corran aige chun na talmhainn, agus chruinnich e fìonain na talmhainn agus thilg e iad do dh'amar‑fìona mòr fearg Dhè.

20 Agus chaidh an t‑amar‑fìona a stampadh air taobh a‑muigh a' bhaile agus thàinig fuil a‑mach on amar‑fìona, suas gu cabstairean nan each, airson trì cheud cilemeatair.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan