Taisbeanadh 13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Agus sheas e air gainmheach na fairge. Agus chunnaic mi biast ag èirigh às a' mhuir, air an robh deich adhaircean is seachd cinn, agus air a h‑adhaircean, deich crùintean, agus air a cinn, ainmean toibheumach. A' Bhiast a‑mach às a' Mhuir 2 Agus bha a' bhiast a chunnaic mi mar liopard agus a casan mar fheadhainn mathain, agus a beul mar bheul leòmhainn agus thug an dràgon dhi a chumhachd‑san agus a rìgh‑chathair‑san agus ùghdarras mòr. 3 Agus bha aon dhe na cinn aice mar gun robh e air a lotadh gu bàs. Agus chaidh an lot‑bàis aice a shlànachadh, agus ghabh an talamh gu lèir iongnadh, a' leantainn às dèidh na bèiste. 4 Agus rinn iad adhradh dhan dràgon, air sgàth 's gun tug e ùghdarras dhan bhèist. Agus rinn iad adhradh dhan bhèist, ag ràdh, “Cò a tha coltach ris a' bhèist?” agus “Cò a tha comasach air cogadh na h‑aghaidh?” 5 Agus chaidh beul a thoirt dhi ag ràdh rudan mòra is toibheuman. Agus chaidh ùghdarras a thoirt dhi airson obrachadh ceathrad mìos is a dhà. 6 Agus dh'fhosgail i a beul airson toibheum a thoirt an aghaidh Dhè, gus toibheum a thoirt dha ainm‑san agus a phàillean‑san agus iadsan a tha a' còmhnaidh air nèamh. 7 Agus chaidh a cheadachadh dhi cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh agus buaidh fhaighinn thairis orra, agus chaidh ùghdarras a thoirt dhi thar a h‑uile treubh is sluagh is teanga is nàisean. 8 Agus nì a h‑uile neach a tha a' còmhnaidh air an talamh adhradh dhi, iadsan aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain, a chaidh a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail. 9 Ma tha cluas aig neach sam bith, èisteadh e. 10 Ma tha neach sam bith gus a dhol am braighdeanas, thèid e am braighdeanas. Ma tha neach sam bith gu bhith air a mharbhadh leis a' chlaidheamh, thèid a mharbhadh leis a' chlaidheamh. Ann an seo tha leanaltas is creideamh nan naomh. A' Bhiast a‑mach às an Talamh 11 Agus chunnaic mi biast eile a' tighinn a‑nìos às an talamh agus bha dà adhairc oirre mar uan, agus bha i a' bruidhinn mar dhràgon. 12 Agus tha i a' cleachdadh uile ùghdarras na ciad bèiste na làthair, agus thug i air an talamh agus orrasan a tha a' còmhnaidh ann, adhradh a dhèanamh dhan chiad bhèist, a fhuair slànachaidh airson a lot‑bàis. 13 Agus rinn i comharraidhean mòra, gus an robh i fiù 's a' toirt air teine tighinn a‑nuas o nèamh gu talamh, mu choinneamh dhaoine. 14 Agus bha i a' mealladh na feadhna a bha a' còmhnaidh air an talamh, tro na comharraidhean a chaidh a thoirt dhi, airson an dèanamh mu choinneamh na bèiste, ag ràdh riuthasan a tha a' còmhnaidh air an talamh ìomhaigh a dhèanamh dhen bhèist, aig an robh lot a' chlaidheimh agus a dh'fhan beò. 15 Agus chaidh ceadachadh dhi anail a thoirt do dh'ìomhaigh na bèiste, gus eadhon am bruidhneadh ìomhaigh na bèiste, agus gus an adhbhraicheadh i gum biodh na h‑uimhir 's nach toireadh adhradh do dh'ìomhaigh na bèiste, air am marbhadh. 16 Agus bha i a' toirt air beag is mòr, air beairteach is bochd, agus air saor is daor, gum biodh comharra air a thoirt dhaibh air an làimh dheis aca no air na bathaisean aca; 17 agus nach biodh duine sam bith an comas ceannach no reic, ach a‑mhàin esan aig a bheil an comharra, ainm na bèiste, no àireamh a h‑ainme. 18 An seo tha gliocas: esan aig a bheil tuigse obraicheadh e a‑mach àireamh na bèiste, oir 's e àireamh duine a th' ann, agus 's e an t‑àireamh aige sia ceud, seasgad 's a sia. |