Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Am Boireannach agus an Dràgon

1 Agus bha comharra mòr air fhaicinn ann an nèamh, boireannach a bh' air a h‑èideadh leis a' ghrèin, agus a' ghealach fo a casan, agus crùn air a ceann de dhà rionnaig dheug.

2 Agus bha i trom le pàiste, agus dh'èigh i le cràdh‑breith, agus i ann am pian na h‑asaid.

3 Agus bha comharra eile air fhaicinn air nèamh, agus seall, dràgon mòr dearg le seachd cinn agus deich adhaircean, agus air a chinn, seachd crùintean.

4 Agus tharraing an t‑earball aige an treas pàirt dhe na rionnagan o nèamh, agus thilg e iad chun na talmhainn. Agus sheas an dràgon air beulaibh a' bhoireannaich a bha gus leanabh a bhreith, gus an itheadh e an leanabh aice nuair a bheireadh i breith dha.

5 Agus rug i leanabh fireann, a tha gus na nàiseanan gu lèir a bhuachailleachd le slat iarainn; agus bha an leanabh aice air a thogail suas gu Dia 's gu a rìgh‑chathair.

6 Agus theich am boireannach dhan fhàsach, far an robh àite aice air ullachadh an sin le Dia, airson 's gum biodh i air a beathachadh airson mìle, dà cheud is seasgad latha.

7 Agus bha cogadh ann an nèamh: chaidh Mìcheal agus na h‑ainglean aige a chogadh an aghaidh an dràgoin, agus rinn an dràgon agus na h‑ainglean aigesan cogadh.

8 Agus cha robh e làidir gu leòr, cha mhotha a bha àite ri lorg air an son ann an nèamh.

9 Agus chaidh an dràgon mòr a thilgeil sìos, an seann nathair, esan ris an canar an Diabhal, agus Sàtan, esan a tha a' mealladh an saoghal gu lèir, chaidh a thilgeil chun na talmhainn, agus bha na h‑ainglean aige air an tilgeil sìos còmhla ris.

10 Agus chuala mi guth àrd air nèamh, ag ràdh: “A‑nis thàinig slàinte is cumhachd is rìoghachd ar Dè, agus ùghdarras a Chrìosd‑san, oir chaidh fear‑casaid ar bràithrean, an neach a tha gan casaid mu choinneamh ar Dè a latha 's a dh'oidhche, a thilgeil sìos.

11 Agus bhuadhaich iad thairis air, tro fhuil an Uain, agus tro fhacal am fianais‑san, agus cha do ghràdhaich iad am beatha fhèin, eadhon gu bàs.

12 Mar sin, bithibh aoibhneach, a nèamhan, agus sibhse a tha a' còmhnaidh annta. Is mairg dhan talamh agus dhan mhuir, oir thàinig an Diabhal a‑nuas thugaibh le feirg mhòir, is fios aige gu bheil an ùine aige goirid.”

13 Agus nuair a chunnaic an dràgon gu robh e air a thilgeil sìos chun na talmhainn, rinn e geur‑leanmhainn air a' bhoireannach a rug an leanabh fireann.

14 Agus chaidh dà sgèith na h‑iolaire mòire a thoirt dhan bhoireannach, airson 's gun sgiathadh i dhan fhàsaich, chun an àite aice, far am biodh i air a beathachadh an sin airson ùine is ùineachan is leth ùine, air falbh o aghaidh na nathrach.

15 Agus sgeith an nathair uisge mar abhainn às a beul, an tòir air a' bhoireannach, airson 's gun giùlaineadh an tuil air falbh i.

16 Agus chuidich an talamh am boireannach is dh'fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas an abhainn a sgeith an dràgon às a bheul.

17 Bha an dràgon feargach ris a' bhoireannach, agus dh'fhalbh e gus cogadh ris a' chòrr dhe a sìol, iadsan a tha a' gleidheadh òrduighean Dhè agus aig a bheil teisteanas Ìosa.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan