Taisbeanadh 11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017An Dithis Fhianaisean 1 Agus chaidh slat‑tomhais a thoirt dhomh coltach ri bata, ag ràdh, “Èirich agus tomhais teampall Dhè, agus an altair, agus iadsan a tha ag adhradh ann. 2 Ach fàg a‑mach a' chùirt a‑muigh dhen teampall agus na tomhais i, oir bha i air a toirt dha na Cinnich; agus stampaidh iad am baile naomh fon casan fad ceathrad mìos 's a dhà. 3 Agus bheir mi ùghdarras dhan dithis fhianaisean agam, agus nì iad fàidheadaireachd airson mìle, dà cheud agus seasgad latha, 's iad air an èideadh ann an sac‑aodach.” 4 'S iad seo an dà chraobh‑ola agus an dà lampair a tha nan seasamh air beulaibh Tighearna na talmhainn. 5 Agus ma mhiannaicheas neach sam bith cron a dhèanamh orra, thig teine às am beul agus sgriosaidh e na nàimhdean aca; agus ge b' e an neach a mhiannaicheas cron a dhèanamh orra, mar sin feumaidh e a bhith air a mharbhadh. 6 Tha cumhachd aig an fheadhainn seo nèamh a dhùnadh, gus nach tuit uisge ann an làithean am fàidheadaireachd, agus tha cumhachd aca thairis air na h‑uisgeachan airson an tionndadh gu fuil agus airson an talamh a bhualadh leis a h‑uile plàigh cho tric 's a thoilicheas iad. 7 Agus nuair a chrìochnaicheas iad an teisteanas, nì a' bhiast a thig a‑nìos à sloc na h‑Àibheis cogadh leotha, agus buadhaichidh i thairis orra agus marbhaidh i iad. 8 Agus bidh an cuirp air sràidean a' bhaile mhòir ris an canar gu spioradail Sodom 's an Èipheit, far an robh an Tighearna‑san cuideachd air a cheusadh. 9 Agus chì cuid de dhaoine is de threubhan is de theangannan is de nàiseanan an cuirp trì gu leth latha, is cha cheadaich iad gun tèid an cuirp a chur ann an tuam. 10 Agus nì iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh gàirdeachas thairis orra agus nì iad àbhachdas is cuiridh iad tiodhlacan gu càch‑a‑chèile, on a chràidh an dà fhàidh seo iadsan a tha a' fuireach air an talamh. 11 Ach às dèidh nan trì latha gu leth, chaidh anail beatha o Dhia a‑steach annta agus sheas iad suas air an casan, agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad. 12 Agus chuala iad guth àrd o nèamh ag ràdh riutha, “Thigibh a‑nìos.” Agus chaidh iad suas a nèamh ann an sgòth, agus chunnaic an nàimhdean iad. 13 Agus aig an àm sin thachair crith‑thalmhainn mhòr agus thuit an deicheamh pàirt dhen bhaile agus chaidh seachd mìle pearsa a mharbhadh anns a' chrith‑thalmhainn, agus bha eagal air a' chòrr aca agus thug iad glòir do Dhia nèimh. 14 Chaidh an dara truaighe seachad, seall, tha an treas truaighe a' tighinn gu luath. An t‑Seachdamh Trombaid 15 Agus shèid an seachdamh aingeal an trombaid, agus bha guthan àrda ann an nèamh ag ràdh: “Tha rìoghachd an t‑saoghail air tighinn gu bhith na rìoghachd ar Tighearna agus a Chrìosd‑san, agus riaghlaidh e gu saoghal nan saoghal.” 16 Agus thuit na fichead 's a ceithir èildear a tha nan suidhe mu choinneamh Dhè – air na rìgh‑chathraichean aca – air an aghaidhean is rinn iad adhradh do Dhia, 17 ag ràdh: “Tha sinn a' toirt taing dhutsa a Thighearna Dhia, an t‑Uile‑Chumhachdach, a tha agus a bha, oir tha thusa air do chumhachd mòr a ghabhail agus air riaghladh. 18 Agus bha na Cinnich feargach, agus thàinig d' fhearg‑sa agus àm breitheanas nam mairbh agus airson duais a thoirt dhad sheirbheisich na fàidhean, agus dha na naoimh agus dhaibhsan air a bheil eagal d' ainm, an fheadhainn bheaga is mhòra; agus airson iadsan a sgrios a tha a' sgrios na talmhainn.” 19 Agus bha teampall Dhè air fhosgladh air nèamh agus bha àirc a choicheangail‑san air a faicinn na theampall, agus bha boillsgidhean dhealanach ann is fuaimean is tàirneanaich is crith‑thalmhainn is clachan‑meallain mòra. |