Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ro‑Ràdh

1 Taisbeanadh Ìosa Crìosd, a thug Dia dha airson foillseachadh dha sheirbheisich na rudan a dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr; agus a rinn e aithnichte 's a chuir e, leis an aingeal aige, gu a sheirbheiseach Eòin,

2 a thug fianais mu fhacal Dhè is mu theisteanas Ìosa Crìosd, na h‑uimhir 's a chunnaic e.

3 Is beannaichte esan a tha a' leughadh agus iadsan a tha ag èisteachd ri faclan na fàidheadaireachd seo, agus a ghleidheas na tha sgrìobhte innte, oir tha an t‑àm faisg.


Fàilte agus Docseòlas

4 Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.

5 Agus o Ìosa Crìosd, an fhianais dìleas, an ciad‑ghin o na mairbh, agus riaghladair rìghrean na talmhainn. Dhàsan a tha gar gràdhachadh agus a shaor sinn o ar peacaidhean le fhuil fhèin,

6 agus a rinn sinn nar rìoghachd, sagartan do Dhia 's dha Athair‑san – dhàsan gu robh a' ghlòir agus a' chumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

7 “Seallaibh! Tha e tighinn le na sgòthan, agus chì a h‑uile sùil e, eadhon iadsan a lot e; agus nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh air a shon.” 'S iad a nì. Amen.

8 “Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega,” tha an Tighearna Dia ag ràdh, “a tha agus a bha agus a tha a' tighinn, an t‑Uile‑Chumhachdach.”


Fear a Tha Coltach ri Mac Duine

9 Bha mise, Eòin – ur bràthair a tha nam chom‑pàirtiche leibh ann an trioblaid is ann an rìoghachd agus ann an leanaltas ann an Ìosa – air an eilean ris an canar Patmos air sgàth facal Dhè agus teisteanas Chrìosd.

10 Bha mi anns an Spiorad air latha an Tighearna, agus chuala mi guth àrd air mo chùlaibh mar thrombaid,

11 ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”

12 Agus thionndaidh mi gus am faicinn dè an guth a bhruidhinn rium, agus nuair a thionndaidh mi chunnaic mi seachd lampairean òir.

13 Agus am measg nan lampair, fear coltach ri mac an duine air èideadh ann an trusgan fada agus air a chrioslachadh ma chom le crios òir.

14 Agus bha a cheann is fhalt geal mar chlòimh ghil, mar shneachda, agus a shùilean mar lasair theine.

15 Bha a chasan coltach ri umha fìorghlan, air a ghrinneachadh ann am fùirneis agus bha a ghuth mar fhuaim mhòran uisgeachan.

16 Agus na làimh dheis bha seachd rionnagan aige agus às a bheul thàinig claidheamh dà‑fhaobhair, geur, agus bha aodann mar a' ghrian a' deàlradh na cumhachd.

17 Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chasan mar dhuine marbh. Agus chuir e a làmh dheas orm ag ràdh, “Na biodh eagal ort! Is mise a' chiad neach 's an neach mu dheireadh,

18 agus esan a tha beò, is a bha marbh, agus seall, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, agus tha iuchraichean a' bhàis is Ifrinn agam.

19 “Mar sin, sgrìobh na chunnaic thu, agus na rudan a tha ann, agus a tha a' dol a thachairt nan dèidh‑san.

20 Dìomhaireachd nan seachd rionnagan a chunnaic thu nam làimh‑dheis, agus na seachd lampairean òir: 's iad na seachd rionnagan na h‑ainglean aig na seachd eaglaisean, agus 's iad na seachd lampairean na seachd eaglaisean.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan