Seumas 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Rabhadh do Luchd‑Fòirneart Beairteach 1 Èistibh rium, a dhaoine beairteach, dèanaibh rànaich, a' caoineadh air sgàth nan truaighean a tha a' tighinn oirbh. 2 Tha ur beairteas air grodadh 's ur n‑aodaich air an ithe le leòmainn. 3 Tha ur n‑òr 's ur n‑airgead air meirgeadh; agus bidh a' mheirg aca na fianais nur n‑aghaidh, agus ithidh i ur feòil mar theine. Thaisg sibh ionmhas anns na làithean deireannach. 4 Seall, tha tuarastal an luchd‑obrach a bhuain ur n‑achaidhean – a chùm sibh uapa le foill – ag èigheach nur n‑aghaidh, agus ràinig èigheach an luchd‑buain cluasan Tighearna nan slògh. 5 Tha sibh air a bhith beò air an talamh ann an sògh is fèin‑thoileachadh. Tha sibh a' biadhadh ur cridheachan ann an latha marbhaidh. 6 Dhìt sibh; chuir sibh gu bàs an neoichiontach. Chan eil e a' cur nur n‑aghaidh. Foighidinn ann am Fulangas 7 Bithibh foighidneach, mar sin, a bhràithrean, gu teachd an Tighearna. Seallaibh, feithidh an tuathanach airson toraidh prìseil na talmhainn, foighidneach gus am faigh e frasan tràth is frasan deireannach. 8 Feumaidh sibh a bhith foighidneach; neartaichibh ur cridheachan, oir tha tighinn an Tighearna faisg. 9 Na gearainibh an aghaidh a chèile, a bhràithrean, air eagal 's gun tèid breith a thoirt oirbh. Seallaibh, tha am britheamh na sheasamh aig an doras. 10 Gabhaibh, a bràithrean, mar eisimpleir de dh'fhulangas 's de dh'fhoighidinn, na fàidhean a bhruidhinn ann an ainm an Tighearna. 11 Seallaibh, measaidh sinne beannaichte an fheadhainn a bha leanaltach. Chuala sibh mu leanaltas Ioib is chunnaic sibh rùn an Tighearna, gu bheil an Tighearna iochdmhor is tròcaireach. 12 Os cionn gach rud, mo bhràithrean, na toiribh mionnan, air nèamh no air talamh no air nì sam bith eile. Ach, biodh ur “'S e” na “'S e” agus ur “Chan e” na “Chan e”, air eagal 's gun tuit sibh fo bhreitheanas. Ùrnaigh a' Chreideimh 13 A bheil neach sam bith nur measg a' fulang? Dèanadh e ùrnaigh. A bheil neach sam bith aoibhneach? Seinneadh e moladh. 14 A bheil neach sam bith nur measg tinn? Cuireadh e fios air èildearan na h‑eaglaise, agus dèanadh iad ùrnaigh os a chionn, ga ungadh le ola ann an ainm an Tighearna: 15 agus slànaichidh ùrnaigh a' chreideimh am fear a tha tinn, agus togaidh an Tighearna suas e. Agus ma rinn e peacaidhean, thèid am mathadh dha. 16 Mar sin aidichibh ur peacaidhean dha chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile airson 's gum bi sibh air ur slànachadh. Tha ùrnaigh an ionracain cumhachdach agus èifeachdach. 17 Bha Elias na dhuine leis an aon nàdar rinne, agus rinn e ùrnaigh dhùrachdach nach sileadh i, agus fad thrì bliadhna is sia mìosan cha do shil i air an talamh. 18 Agus rinn e ùrnaigh a‑rithist, is dhòirt nèamh uisge, is thug an talamh a‑mach a thoradh. 19 Mo bhràithrean, ma thèid neach sam bith nur measg air seachran on fhìrinn, agus ma bheir cuideigin air tilleadh 20 bu chòir fios a bhith aige gun sàbhail esan, a thionndaidheas peacach o iomrall a shlighe, anam‑san o bhàs agus gum falaich e mòran pheacaidhean. |