Seumas 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Gèillibh Sib' Fhèin do Dhia 1 Dè a tha ag adhbharachadh chogaidhean is shabaidean nur measg? Nach e seo e, gu bheil ur n‑ana‑miannan a' cogadh nur buill? 2 Tha sibh a' miannachadh 's chan eil sìon agaibh: tha sibh a' murt, 's a' sanntachadh, 's chan urrainn dhuibh dad fhaighinn: tha sibh a' sabaid agus a' cogadh. Chan eil sìon agaibh, air sgàth 's nach eil sibh ag iarraidh. 3 Tha sibh ag iarraidh 's chan eil sibh a' faighinn a chionn 's gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, airson a chosg air ur n‑ana‑miannan fhèin. 4 A dhaoine adhaltranacha! Nach eil fios agaibh gu bheil càirdeas ris an t‑saoghal na nàimhdeas do Dhia? Mar sin ge b' e cò a tha ag iarraidh a bhith na charaid dhan t‑saoghal, tha e ga dhèanamh fhèin na nàmhaid do Dhia. 5 No a bheil sibh a' smaoineachadh gur ann gun adhbhar a tha an Sgriobtar ag ràdh, “Tha miann farmadach air Dia a thaobh an spioraid a chuir e annainn”? 6 Ach tha e a' toirt barrachd gràis. Mar sin tha e ag ràdh: “Tha Dia a' cur an aghaidh na feadhna a tha pròiseil, ach bheir a gràs dhaibhsan a tha iriosal.” 7 Ùmhlaichibh sib' fhèin mar sin do Dhia. Seasaibh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh. 8 Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh esan ribhse. Glanaibh ur làmhan, a pheacaich, agus fìor‑ghlanaibh ur cridheachan, sibhse a tha dà‑bhairaileach. 9 Bithibh tùrsach is dèanaibh bròn is caoineadh; biodh ur gàire air a thionndadh gu caoidh 's ur n‑aoibhneas gu gruaim. 10 Irioslaichibh sib' fhèin an làthair an Tighearna, agus àrdaichidh esan sibh. 11 Na bruidhinnibh an aghaidh a chèile, a bhràithrean. Ge b' e cò a bhruidhneas an aghaidh bràthar no a tha a' toirt breith air a bhràthair, tha e a' bruidhinn an aghaidh an lagha 's a' toirt breith air an lagh; ach ma tha thu a' toirt breith air an lagh, chan eil thu nad neach‑cumail an lagha ach nad bhritheamh air. 12 Chan eil ach aon reachdadair is britheamh ann – esan a tha comasach air sàbhaladh 's air sgrios. Cò thusa a tha a' toirt breith air do choimhearsnach? Bòstadh mun Mhàireach 13 Èistibh rium, sibhse a tha ag ràdh, “An‑diugh no a‑màireach thèid sinn gu a leithid seo de bhaile is fanaidh sinn bliadhna an sin agus nì sinn marsantachd is nì sinn prothaid.” 14 Chan eil sìon a dh'fhios agaibhse ciamar a bhios ur beatha a‑màireach. Oir tha sibh mar cheò a nochdas airson greis 's an uair sin a thèid à sealladh. 15 An àite sin, bu chòir dhuibh a ràdh, “Mas e toil an Tighearna e, bidh sinn beò is nì sinn siud no seo.” 16 Ach mar a tha, tha sibh a' bòstadh nur n‑àrdan. Tha a h‑uile seòrsa bòstaidh sin olc. 17 Mar sin, an neach aig a bheil eòlas air nì ceart a dhèanamh, agus nach dèan e, dhàsan tha e na pheacadh. |