Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Seumas 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ceannsachadh na Teanga

1 Na biodh mòran agaibh nur luchd‑teagaisg, mo bhràithrean, 's fios agaibh gun tèid breith nas motha a thoirt oirnne.

2 Oir tuislichidh sinn uile ann am mòran dhòighean. Mura h‑eil neach a' tuisleadh anns na chanas e, tha e na dhuine foirfe, comasach cuideachd air srian a chur air a bhodhaig gu lèir.

3 Nise, ma chuireas sinn cabstairean ann am beòil nan each airson 's gum bi iad umhail dhuinn, stiùiridh sinn am bodhaig gu h‑iomlan cuideachd.

4 Seallaibh air soithichean a tha cho mòr 's air an iomain air adhart le gaoithean làidir, tha iad air an stiùireadh le stiùir gu math beag ge b' e càit a bu mhiann leis an stiùireadair a dhol.

5 Mar sin cuideachd tha an teanga na ball beag, ach a' bòstadh mu rudan mòra. Seall cho mòr 's a tha a' choille a th' air a cur na teine le lasadh beag.

6 Agus is e teine a th' anns an teanga, saoghal neo‑fhìreantachd. Tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, truailleadair na bodhaig gu lèir, 's a' lasadh cùrsa na beatha, agus air a lasadh le Ifrinn.

7 'S urrainn dhan a h‑uile seòrsa beathach is eun, snàgair is beathach‑mara a bhith air an ceannsachadh, agus chaidh an ceannsachadh leis a' chinne‑daonna.

8 Ach chan urrainn do neach sam bith an teanga a cheannsachadh. Tha i na h‑olc mì‑rianail, làn de phuinnsein mairbhteach.

9 Leatha tha sinn a' beannachadh an Tighearna 's an t‑Athair agus leatha tha sinn a' mallachadh an fheadhainn a th' air an dèanamh ann an ìomhaigh Dhè,

10 oir bhon aon bheul tha beannachadh is mallachadh a' tighinn. Mo bhràithrean, cha bu chòir sin a bhith.

11 An dòirt fuaran a‑mach, às an aon fhosgladh, uisge milis agus searbh?

12 Mo bhràithrean, an urrain do chraobh‑fhìge dearcan‑ola a chur a‑mach, no a' chraobh‑fhìona, fìgean? Cha mhotha a chuireas fuaran saillte uisge milis a‑mach.


Dà Sheòrsa Gliocais

13 Cò a tha glic agus tuigseach nur measg? Sealladh e, tro a dheagh chaitheamh‑beatha, a chuid obraichean ann an ciùineas a' ghliocais.

14 Ach, ma bhios eud searbh is fèinealachd nur cridheachan, na bithibh àrdanach 's ag innse bhreugan an aghaidh na fìrinne.

15 Chan e sin an gliocas a tha a' tighinn a‑nuas o shuas, ach tha e talmhaidh, neo‑spioradail, diabhlaidh.

16 Oir far a bheil eud is fèinealachd, an sin lorgaidh sibh mì‑rian is gach droch ghnìomh.

17 Ach tha an gliocas a tha o shuas sa chiad dhol‑a‑mach fìorghlan, an uair sin sìtheil, caomh, furasta a chomhairleachadh, làn tròcaire is deagh thoraidhean, saor o chlaon‑bhreith 's o cheilg,

18 agus tha toradh na fìreantachd air a chur ann an sìth le luchd‑dèanamh na sìthe.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan