Seumas 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Leth‑Bhreith Toirmisgte 1 Mo bhràithrean, na bithibh ri leth‑bhreith ach biodh creideamh agaibh nar Tighearna glòrmhor, Ìosa Crìosd. 2 Ma thig duine le fàinne òir is sgeadaichte le aodach àlainn dhan choitheanal agaibh is gun tig duine bochd cuideachd a‑staigh a' caitheamh aodach robach, 3 agus gu bheil sibh a' sealltainn gu sònraichte air fear an aodaich àlainn 's ag ràdh, “Suidh an seo ann an àite math,” ach ag ràdh ris an duine bhochd, “Seas thusa thall an siud,” no, “Suidh aig stòl mo choise,” 4 nach do rinn sibh eadar‑dhealachadh nur measg fhèin, agus sib' fhèin nur britheamhan le reusanachadh olca. 5 Èistibh, mo bhràithrean gràdhach! Nach do thagh Dia feadhainn bhochda an t‑saoghail seo gus a bhith beairteach ann an creideamh agus nan oighreachan air rìoghachd Dhè, a gheall e ro‑làimh dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha? 6 Ach thug sibhse masladh dhan fhear bhochd! Nach eil sibh air ur claoidh leis na daoine beairteach? Nach eil iadsan gur draghadh dhan chùirt? 7 Nach iadsan an fheadhainn a thug toibheum dhan deagh ainm leis a bheil sibh air ur gairm? 8 Ma tha sibh dha‑rìribh a' cumail an lagh rìoghail a rèir an Sgriobtair, “Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin,” tha sibh a' dèanamh maith. 9 Ach ma tha sibh ri leth‑bhreith, tha sibh a' peacachadh, air ur dìteadh leis an lagh mar chiontaichean. 10 Oir ge b' e cò a chumas an lagh gu lèir, ach a thuislicheas ann an aon phuing, tha e ciontach dhiubh uile. 11 Ach esan a thuirt, “Na dèan adhaltranas,” thuirt e cuideachd, “Na dèan murt.” Nis, mura dèan thu adhaltranas, ach gun dèan thu murt, tha thu nad fhear‑brisidh dhen lagh. 12 Mar sin bruidhinnibh agus mar sin dèanaibh mar fheadhainn air an tèid breith a thoirt le lagh na saorsa. 13 Oir bidh breitheanas gun tròcair dhàsan nach do rinn tròcair; agus buadhaichidh tròcair thairis air breitheanas. Creideamh agus Gnìomhan 14 Dè a' bhuannachd a th' ann mo bhràithrean, ma tha neach ag ràdh gu bheil creideamh aige, ach às aonais obraichean. An urrainn creideamh a shàbhaladh? 15 Ma tha bràthair no piuthar gun aodach 's feum aca air biadh làitheil, 16 agus aon agaibhse ag ràdh riutha, “Thallaibh ann an sìth, bithibh air ur blàthachadh agus bithibh air ur lìonadh,” ach nach toir sibh dhaibh na rudan a tha a dhìth air am bodhaig, dè a' bhuannachd a th' ann? 17 Mar sin cuideachd, ma tha creideamh leis fhèin, gun obraichean, tha e marbh. 18 Ach canaidh cuideigin, “Tha creideamh agadsa 's tha obraichean agamsa.” Seall dhòmhsa do chreideamh gun obraichean agus seallaidh mise dhutsa mo chreideamh lem obraichean. 19 Tha thu a' creidsinn gu bheil Dia na aon; is math a tha thu a' dèanamh. Tha fiù 's na deamhain a' creidsinn 's a' dol air chrith. 20 Am bu toigh leat fios fhaighinn, a dhuine amaideich, gu bheil creideamh às aonais obraichean gun fheum? 21 Nach b' ann le obraichean a bha Abrahàm ar n‑athair air fhìreanachadh nuair a thairg e suas Ìsaac, a mhac, air an altair? 22 Tha thu a' faicinn gun robh creideamh ag obrachadh còmhla ris na gnìomhan aige agus gun robh creideamh air a dhèanamh foirfe leis na gnìomhan aige 23 agus bha an Sgriobtar air a choileanadh, “Chreid Abrahàm Dia, agus bha sin air a mheas dha mar fhìreantachd,” agus chaidh caraid Dhè a ghabhail air. 24 Oir tha thu a' faicinn gur ann le obraichean a tha duine air fhìreanachadh agus chan ann tro chreideamh a‑mhàin. 25 Anns an aon dòigh, nach robh Rahab an strìopach air a fìreanachadh le obraichean nuair a ghabh i ris na teachdairean agus a chuir i a‑mach iad air slighe eile? 26 Oir dìreach mar a tha an corp marbh gun spiorad, mar sin cuideachd tha creideamh marbh gun obraichean. |