Ròmanaich 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Mulad Mòr Phòil mu Israel 1 Tha mi a' bruidhinn na fìrinn ann an Crìosd – chan eil mi ag innse breug; tha mo chogais a' dèanamh fianais dhomh san Spiorad Naomh – 2 gu bheil mulad mòr orm agus àmhghar gun sgur nam chridhe. 3 Oir dh'fhaodainn miannachadh gum bithinn fhèin mallaichte 's air mo ghearradh às o Chrìosd air sgàth mo bhràithrean, mo luchd‑dàimh a rèir na feòla, 4 a tha nan Israelich. Dhaibhsan buinidh an uchd‑mhacachd, is a' ghlòir, is na cùmhnantan, is tabhairt an lagha, is seirbheis Dhè, agus na geallaidhean. 5 Dhaibhsan buinidh na prìomh‑athraichean, agus uapasan, a rèir na feòla, tha an Crìosd a tha os cionn gach nì, beannaichte le Dia gu sìorraidh. Amen. Taghadh Uachdarail Dhè 6 Ach chan eil e mar gum biodh facal Dhè air fàilligeadh. Oir chan eil iadsan uile a tha o Israel a' buntainn do dh'Israel, 7 cha mhotha a tha iad uile nan sliochd do dh'Abrahàm a chionn 's gu bheil iad nan sìol dha, ach, “Tro Ìsaac bidh do shliochd air an ainmeachadh.” 8 Tha seo a' ciallachadh nach eil clann na feòla nan cloinn do Dhia, ach tha clann a' gheallaidh air am meas mar shìol. 9 Oir is e seo facal a' gheallaidh: “Mun àm seo an ath‑bhliadhna tillidh mi, agus bidh mac aig Sàra.” 10 Agus chan e sin a‑mhàin, ach cuideachd nuair a bha Rebeca air fàs torrach o aon duine, ar n‑athair Ìsaac, 11 ged nach robh iad air am breith fhathast agus nach robh iad air sìon a dhèanamh, math no olc – airson 's gun seasadh rùn taghaidh Dhè, 12 chan ann air sgàth deagh obraichean ach air sgàth a ghairm‑san – chaidh cantainn rithe, “Nì am fear as sine seirbheis dhan neach as òige.” 13 Dìreach mar a tha e sgrìobhte, “Ghràdhaich mi Iàcob, ach dh'fhuathaich mi Esau.” 14 Dè a chanas sinn ma‑thà? A bheil eucoir ann le Dia? Na tachradh e gu bràth! 15 Oir tha e ag ràdh ri Maois: “Bidh tròcair agam air an neach air am bi tròcair agam, agus gabhaidh mi truas dhan neach dhan gabh mi truas.” 16 Mar sin, ma‑thà, chan eil e a' crochadh air rùn daonna no air oidhirpeachadh, ach air Dia, a tha tròcaireach. 17 Oir tha an Sgriobtar ag ràdh ri Phàraoh: “Airson an dearbh adhbhar seo tha mi air do thogail suas, airson 's gum foillsichinn mo chumhachd annad, agus airson 's gum biodh m' ainm air a chur an cèill san talamh gu lèir.” 18 Mar sin, ma‑thà, bidh tròcair aige air ge b' e cò a roghnaicheas e, agus tha e a' cruadhachadh ge b' e cò a roghnaicheas e. 19 Canaidh tu rium an uair sin, “Carson a tha e fhathast a' faighinn coire? Oir cò as urrainn cur an aghaidh a rùin‑san?” 20 Ach, cò thusa, a dhuine, a tha a' freagairt air ais ri Dia? “An can an rud a th' air a chumadh ris an fhear a chùm e, ‘Carson a rinn thu mar seo mi?’” 21 Nach eil còir idir aig a chrèadhadair thairis air a' chrèadh, a dhèanamh – às an aon chnap – aon t‑soitheach airson cleachdadh urramach is soitheach eile airson cleachdadh eas‑urramach? 22 Ach dè ma tha Dia – a' miannachadh a chorraich fhoillseachadh 's a chumhachd a dhèanamh aithnichte – le mòr fhoighidinn, air soithichean na corraich ullachadh airson sgrios? 23 Agus rinn e seo airson 's gun dèanadh e aithnichte saidhbhreas a ghlòire air soithichean na tròcaire, a dh'ullaich e ro‑làimh airson glòire – 24 fiù 's sinne a tha e air a ghairm, chan ann o na h‑Iùdhaich a‑mhàin ach o na Cinnich cuideachd? 25 Mar a tha e cuideachd ag ràdh ann an Hosèa: “Orrasan nach robh nan sluagh dhomh, gabhaidh mi ‘mo shluagh‑sa’; agus oirrese nach robh air a gràdhachadh, gabhaidh mi ‘gràdhaichte.’” 26 agus, “Anns an dearbh àite far an robh e air a ràdh riutha, ‘Cha sibhse mo shluagh‑sa,’ an sin thèid ‘cloinn an Dè bheò’ a ghabhail orra.” 27 Agus tha Isaiah ag èigheach mu Israel: “Ged a bhiodh àireamh mhic Israeil mar ghainmheach na mara, cha bhi ach fuidheall dhiubh air an sàbhaladh. 28 Oir cuiridh an Tighearna a bhinn an gnìomh air an talamh gu coileanta agus gun dàil.” 29 Agus mar a dh'innis Isaiah ro‑làimh: “Mura robh Tighearna nan slògh air sliochd fhàgail againn, bha sinn air a bhith mar Shodom agus air fàs coltach ri Gomorah.” Eas‑Creideamh Israeil 30 Dè mar sin a chanas sinn? Gun do ràinig na Cinnich, nach deach air tòir fìreantachd, oirre, 's e sin, fìreantachd a tha o chreideamh; 31 ach nach do ràinig Israel, a chaidh air tòir lagh na fìreantachd, an lagh sin. 32 Carson? A chionn 's nach b' ann o chreideamh, ach mar gum b' ann o obraichean. Thuislich iad thairis air a' ‘chloich‑thuislidh.’ 33 Mar a tha e sgrìobhte: “Seall, tha mi a' cur ann an Sion ceap‑tuislidh, agus creag oilbheim; agus ge b' e cò a chreideas ann, cha bhi e air a nàrachadh.” |