Ròmanaich 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Abrahàm air Fhìreanachadh le Creideamh 1 Dè, mar sin, a chanas sinn a fhuair Abrahàm, ar sinnsear a rèir na feòla? 2 Oir nam b' ann le obraichean a bha Abrahàm air fhìreanachadh, bhiodh bòst aige, ach chan ann a thaobh Dhè. 3 Oir dè a tha na Sgriobtaran ag ràdh? “Chreid Abrahàm Dia, agus bha sin air a mheas dha mar fhìreantachd.” 4 A‑nis dhan fhear a nì obair, chan eil a thuarastal air a chunntadh mar thiodhlaic, ach mar dhlighe. 5 Ach dhan fhear nach dèan obair ach a tha ag earbsa san aon a dh'fhìreanaicheas nam mì‑dhiadhaidh, tha a' chreideamh air a chunntadh mar fhìreantachd, 6 dìreach mar a tha Daibhidh cuideachd a' bruidhinn mu bheannachadh an fhir dham bheil Dia a' cunntadh fìreantachd às aonais obraichean: 7 “Is beannaichte iadsan a fhuair mathanas airson an obraichean mì‑riaghailteach, agus aig a bheil am peacaidhean air an còmhdachadh. 8 Is beannaichte am fear nach cunntais an Tighearna a pheacadh na aghaidh.” 9 A bheil am beannachadh seo, ma‑thà, dhan timcheall‑ghearradh, no cuideachd dhan neo‑thimcheall‑ghearradh? Tha sinne ag ràdh, “Bha creideamh air a chunntadh do dh'Abrahàm mar fhìreantachd.” 10 Ciamar mar sin a bha e air a chunntadh dha? Air a thimcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑gheàrrte? Chan ann ann an timcheall‑ghearradh ach ann an neo‑thimcheall‑ghearradh. 11 Agus fhuair e comharra an timcheall‑ghearraidh mar sheula fìreantachd a chreideimh, fhad 's a bha e san neo‑thimcheall‑ghearradh, airson 's gum biodh e na athair dhaibhsan uile a chreid nuair a bha iad san neo‑thimcheall‑ghearradh, airson 's gum biodh fìreantachd air a chunntadh dhaibhsan cuideachd, 12 agus airson esan a dhèanamh na athair dhaibhsan a tha dhen timcheall‑ghearradh, nach eil a‑mhàin air an timcheall‑ghearradh, ach a tha cuideachd a' coiseachd ann an ceuman a' chreideimh a bh' aig ar n‑athair Abrahàm mus robh e anns an timcheall‑ghearradh. 13 Oir cha b' ann tron lagh a thàinig an gealladh gu Abrahàm agus a shliochd – gum biodh e na oighre dhen t‑saoghal – ach tro fhìreantachd a' chreideimh. 14 Oir ma 's iadsan a chumas ris an lagh a tha gu bhith nan oighreachan, tha creideamh na neoni agus an gealladh gun èifeachd. 15 Oir tha an lagh a' toirt corraich gu buil, ach far nach eil lagh chan eil briseadh lagha. 16 Mar sin tha e o chreideamh, airson 's gum faod an gealladh a bhith air a dhèanamh cinnteach dhan t‑sìol aige gu lèir, a rèir gràis, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a tha dhen lagh ach cuideachd dhaibhsan a tha de chreideamh Abrahàim, a tha na athair dhuinn uile, 17 mar a tha e sgrìobhte: “Tha mi air do dhèanamh nad athair do mhòran nàiseanan” – ann an làthaireachd an Dè san do chreid e, a tha a' toirt beatha dha na mairbh agus a' gairm gu bith, na rudan nach eil ann. 18 Ann an dòchas chreid e an aghaidh dòchais, gun tigeadh e gus a bhith na athair do mhòran nàiseanan, mar a chaidh innse dha, “Mar seo bidh do shìol.” 19 Gun a bhith a' fàs lag ann an creideamh nuair a smaoinich e air a chorp fhèin, a bha cho math ri marbh – on a bha e mu cheud bliadhna a dh'aois – no nuair a smaoinich e mu cho marbh 's a bha broinn Shàra. 20 Is cha tug eas‑creideamh sam bith air a bhith fo imcheist a thaobh gealladh Dhè, ach dh'fhàs e làidir na chreideamh, a' toirt glòir do Dhia, 21 is làn‑chinnteach gun robh Dia comasach air an rud a gheall e a dhèanamh. 22 Is ann airson seo a bha a chreideamh “air a chunntadh dha mar fhìreantachd.” 23 Ach cha robh na briathran “air a chunntadh dha” air an sgrìobhadh dhàsan a‑mhàin, 24 ach air ar son‑ne cuideachd. Bidh e air a chunntadh dhuinne cuideachd – a tha a' creidsinn annsan a thog Ìosa ar Tighearna suas o na mairbh, 25 a bh' air a thoirt thairis airson ar peacaidhean agus a bh' air a thogail airson ar fìreanachaidh. |