Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Fàiltean Phearsanta

1 Tha mi a' moladh dhuibh ar piuthar Phoibe, searbhanta dhan eaglais ann an Cenchrèa,

2 airson 's gun gabh sibh rithe san Tighearna ann an dòigh a tha airidh air na naoimh, agus gun seas sibh leatha ann an ge b' e dè a tha a dhìth oirre uaibh, oir tha i air a bhith na neach‑taice do mhòran, agus dhòmhsa fhèin.

3 Cuiribh fàilte air Prisca is Acuila, mo cho‑luchd‑obrach ann an Ìosa Crìosd,

4 a chuir an amhaichean fhèin ann an cunnart airson mo bheatha‑sa, dham bheil, chan e a‑mhàin mise, ach eaglaisean nan Cinneach gu lèir a' toirt taing cuideachd.

5 Cuiribh fàilte cuideachd air an eaglais san taigh aca. Cuiribh fàilte air Epenetas as gràdh leamsa, a bha na chiad‑thoradh do Chrìosd ann an Àisia.

6 Cuiribh fàilte air Màiri, a th' air obrachadh gu cruaidh air ur son.

7 Cuiribh fàilte air Andronichus agus air Iunias, mo luchd‑dàimh agus mo cho‑phrìosanaich. Tha iad cliùiteach am measg nan abstol, agus bha iad ann an Crìosd romhamsa.

8 Cuiribh fàilte air Ampliatus, as gràdh leam san Tighearna.

9 Cuiribh fàilte air Urbanus, ar co‑obraiche ann an Crìosd, agus air Stachis as gràdh leam.

10 Cuiribh fàilte air Apelles, a th' air a dheagh mheasadh ann an Crìosd. Cuiribh fàilte orrasan a bhuineas do theaghlach Aristobuluis.

11 Cuiribh fàilte air Herodion, mo neach‑dàimh. Cuiribh fàilte orrasan san Tighearna a bhuineas do theaghlach Narcisuis.

12 Cuiribh fàilte air Triphena is Triphòsa iadsan a tha nan luchd‑obrach san Tighearna. Cuiribh fàilte air Persis as gràdh leam, a th' air obair chruaidh a dhèanamh san Tighearna.

13 Cuiribh fàilte air Rùfus, taghte san Tighearna; agus a mhàthair, a tha na màthair dhòmhsa.

14 Cuiribh fàilte air Asincritus, Phlegon, Hermes, Patrobas, Hermas, is na bràithrean a tha còmhla riutha.

15 Cuiribh fàilte air Philologus, Iulia, Nereus agus a phiuthar, is Olimpas, agus còmhla riuthasan na naoimh gu lèir.

16 Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha eaglaisean Chrìosd a' cur fàilte oirbh.

17 Tha mi a' cur ìmpidh oirbh, a bhràithrean, an aire a thoirt orrasan a tha a' dèanamh sgaraidhean is ceapan‑tuislidh a tha an aghaidh an teagaisg a dh'ionnsaich sibh; seachnaibh iad.

18 Oir chan eil an leithidean sin a' dèanamh seirbheis dhar Tighearna Crìosd, ach dham miannan fhèin, agus le còmhradh mìn is miodal tha iad a' mealladh cridheachan nan neoichiontach.

19 Oir tha aithris ur n‑ùmhlachd‑se air tighinn chun na h‑uile, mar sin tha mi a' dèanamh gàirdeachais mur deidhinn, ach tha mi airson 's gum bi sibh glic a thaobh dè a tha math, agus ionraic a thaobh dè a tha olc.

20 Brùthaidh Dia na sìthe a dh'aithghearr an Sàtan for casan. Gun robh gràs ar Tighearna Ìosa còmhla ribh.

21 Tha Timòteus, mo cho‑obraiche, a' cur fàilte oirbh; tha agus Lucius is Iàson is Sosipater, mo luchd‑dàimh.

22 Tha mise Tertius, a sgrìobh an litir seo, a' cur fàilte oirbh san Tighearna.

23 Tha Gaius, a tha a' toirt aoigheachd dhòmhsa 's dhan eaglais gu lèir, a' cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a' bhaile, agus Cuartus, am bràthair, a' cur fàilte oirbh.

24 Gu robh gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd còmhla ribh uile. Amen.

25 A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a stèidheachadh a rèir mo shoisgeul‑sa agus searmonachadh Ìosa Crìosd, a rèir taisbeanadh an dìomhaireachd a bh' air a chumail falaichte airson linntean fada,

26 ach a chaidh fhoillseachadh a‑nis agus tro Sgriobtaran nam fàidhean, a chaidh a dhèanamh aithnichte dhan a h‑uile nàisean, a rèir àithne an Dè shìorraidh airson ùmhlachd a' chreideimh –

27 do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tro Ìosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan