Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ìobairtean Bheò

1 Tha mi a' guidhe oirbh mar sin, a bhràithrean, tro thròcairean Dhè, ur bodhaigean a nochdadh nam beò‑ìobairt, naomh is iomchaidh do Dhia, 's e sin ur n‑adhradh spioradail.

2 Na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo, ach bithibh air ur cruth‑atharrachadh tro ath‑nuadhachadh ur n‑inntinn, airson 's gun dearbh sibh dè toil Dhè – dè a tha math is iomchaidh is coileanta.

3 Oir leis a' ghràs a chaidh a thoirt dhomh, tha mi ag ràdh ris a h‑uile neach nur measg gun a bhith a' smaoineachadh ma dheidhinn fhèin nas àirde na bu chòir dha, ach a bhith a' smaoineachadh le breithneachadh sòbarra, gach neach a rèir an tomhas creideimh a tha Dia air a shònrachadh.

4 Oir mar ann an aon bhodhaig a tha mòran bhall againn, agus nach eil an aon obair aig a h‑uile ball

5 mar sin sinne, a tha nar mòran, tha sinn nar n‑aon bhodhaig ann an Crìosd, agus fa leth nar buill de chàch‑a‑chèile.

6 Tha tiodhlacan againn a tha eadar‑dhealaichte a rèir a' ghràis a chaidh a thoirt dhuinn: mas e fàidheadaireachd, a rèir tomhas ar creideimh;

7 mas e seirbheis, nar seirbheis; an neach a theagaisgeas, na theagasg;

8 an neach a nì earail, na earalachadh; an neach a bhuilicheas, ann am fialaidheachd; an neach a threòraicheas, gu dìcheallach; an neach a nì gnìomhan tròcaireach, gu sunndach.


Gràdh

9 Biodh gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh dha na tha olc; cumaibh grèim daingeann air na tha math.

10 Ann an gràdh bràithreil gràdhaichibh a chèile. Ann an urram thoiribh àite dha chèile.

11 Ann an eud na bithibh leisg, ann an spiorad bithibh dùrachdach, dhan Tighearna a' dèanamh seirbheis.

12 Ann an dòchas, dèanaibh gàirdeachas, ann an trioblaid, buanaichibh, ann an ùrnaigh, bithibh seasmhach.

13 Cuidichibh le feumalachdan nan naomh agus thoiribh aoigheachd.

14 Beannaichibh iadsan a nì geur‑leanmhainn oirbh; beannaichibh is na mallaichibh iad.

15 Dèanaibh gàirdeachas leothasan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh leothasan a tha ri caoidh.

16 Bithibh ann an co‑chòrdadh ri càch‑a‑chèile. Na bithibh àrdanach, ach biodh comann agaibh leothasan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin.

17 Na pàighibh air ais olc airson uilc, ach smaoinichibh mu na tha ceart mu choinneamh dhaoin' uile.

18 Ma tha e an comas, cho fada 's a tha e an crochadh oirbhse, bithibh beò ann an sìth leis a h‑uile duine.

19 A chàirdean ghràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach fàgaibh aig corraich Dhè e, oir tha e sgrìobhte, “Is ann leamsa a tha dìoghaltas, pàighidh mise air ais, tha an Tighearna ag ràdh.”

20 Air a chaochladh: “Ma tha do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios am pathadh air, thoir deoch dha; oir le bhith a' dèanamh seo càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.”

21 Na bi air do chur fo bhuaidh leis an olc, ach thoir buaidh air an olc leis a' mhath.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan