Ròmanaich 10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 A bhràithrean, 's e miann mo chridhe is m' ùrnaigh do Dhia dhaibhsan, gum biodh iad air an sàbhaladh. 2 Oir tha mi a' toirt fianais mun deidhinn gu bheil eud aca airson Dhè, ach chan ann a rèir eòlais. 3 Oir, aineolach mun fhìreantachd a tha a' tighinn o Dhia agus a' sireadh am fìreantachd fhèin a shuidheachadh, cha do ghèill iad do dh'fhìreantachd Dhè. 4 Oir is e Crìosd crìoch an lagha airson fìreantachd dhaibhsan uile a chreideas. 5 Oir tha Maois a' sgrìobhadh mun fhìreantachd a tha on lagh: “Bidh an neach a nì na rudan seo beò leotha.” 6 Ach tha an fhìreantachd a tha o chreideamh ag ràdh, “Na can nad chridhe, ‘Cò a thèid suas gu nèamh?’” (Is e sin, a bhith a' toirt Chrìosd sìos) 7 “no ‘Cò a thèid sìos dhan doimhneachd?’” (Is e sin a bhith a' togail Chrìosd suas o na mairbh). 8 Ach dè a tha i ag ràdh? “Tha am facal faisg ort, nad bheul agus nad chridhe.” (Is e sin facal a' chreideimh a tha sinne a' cur an cèill). 9 Oir, ma dh'aidicheas tu led bheul gur e Ìosa Crìosd an Tighearna agus ma chreideas tu nad chridhe gun do thog Dia on na mairbh e, bidh thu air do shàbhaladh. 10 Oir is ann leis a' chridhe a tha neach a' creidsinn agus air fhìreanachadh, agus leis a' bheul a tha neach ag aideachadh 's air a shàbhaladh. 11 Oir tha an Sgriobtar ag ràdh: “A h‑uile neach a chreideas annsan cha bhi e air a nàrachadh.” 12 Oir chan eil eadar‑dhealachadh sam bith eadar Iùdhach is Greugach; 's e an aon Tighearna Tighearna nan uile, a' buileachadh a bheairteis orrasan uile a tha a' gairm air. 13 Oir, “Ge b' e cò a ghairmeas air ainm an Tighearna thèid a shàbhaladh.” 14 Ach ciamar a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus ciamar a chreideas iad annsan mu nach cuala iad? Agus ciamar a chluinneas iad gun shearmonaiche? 15 Agus ciamar a shearmonaicheas iad mura h‑eil iad air an cur? Mar a tha e sgrìobhte, “Nach brèagha casan na feadhna sin a tha a' searmonachadh an deagh sgeòil!” 16 Ach cha robh iad uile umhail dhan t‑soisgeul. Oir tha Isaiah ag ràdh, “A Thighearna, cò a chreid ar teachdaireachd?” 17 Mar sin tha creideamh a' tighinn o èisteachd, agus èisteachd tro fhacal Chrìosd. 18 Ach, tha mi ag ràdh, nach cuala iad? Dha‑rìribh chuala: “Tha an guth‑san air a dhol a‑mach dhan t‑saoghal uile, agus am briathran gu iomallan an t‑saoghail.” 19 Ach tha mi ag ràdh, nach do thuig Israel? An toiseach tha Maois ag ràdh: “Nì mi farmadach sibh tromhpasan nach eil nan nàisean; le nàisean neo‑thuigseach nì mi feargach sibh.” 20 Agus tha Isaiah cho dàn 's gu bheil e ag ràdh: “Chaidh mo lorg leothasan nach robh gam shireadh; dh'fhoillsich mise mi fhèin dhaibhsan nach do dh'fhaighnich air mo shon.” 21 Ach mu Israel tha e ag ràdh: “Fad an latha tha mi air mo làmhan a shìneadh a‑mach ri sluagh eas‑umhail 's a tha nam aghaidh.” |